[115]

Comhradh nan Cnoc air a leantuin. Air neo am Fear ducha San Toilthireach an Dara uair.

I.

F. D.
S cian Sgur fada bhon latha,
Anns na thachair sinn roimhe ri cheil,
Achs fior an sean-fhocalthubhairt,
S mor mo ghradh dhuit an duigh seach an de;
S tric a smuaintich mi diomhair,
Air do chomhradh do dhilseachd is t-eud,
Ged bha mise cho mio-mhail,
A cuir an aghaigh na firinn gu leir.

II.
N. T.
Ann an curse na trocair,
On a thachair dhuinn comhlach a ris,
S mor a thagain ri fhoghlum,
O Fhad-fhulangas mòr tha gun chrioch;


[116] Ceaduichnise dhomh fheoraich,
Ciod na smuainteanan mor so bhad chridh’?
Oir tha mi cinnteach gu leoir dheth,
Gum bheil nitheanan sonruichtri inns’.

III.
F. D.
Tha nitheanaibh sonruicht’,
Agus nitheanaihh mora: codhiu,
Ach ann an innse mo sgeoil duit,
Tha mig-aideach mo ghoraich an tus;
Agus m-aineolais co-la,
Sa neo-thaingealachd mhor a bham run,
A cur an aghaidh do chomhraidhs,
Onbha mise cho feolmhor am chuis.

IV.
N. T.
An e gun thuig is gun d-fhairich,
Thu bhi feolmhor is peacach is truagh?
Air do dhiteadh le ceartas,
Dheasbhuidh fireantachd maitheas na stuaim;
Gun Dia is gun dochas,
Aig Satan ged threorach gach uair,
Ann ad oighre air dorain,
S aobhar eagail is broin e ri luaidh.

V.
F. D.
An e! gun thoisich thu rithis,
Led chuid firinnean biorach is geur?
A sior tholladh mo chridhe,
Dhfheuch an cuireadh tu mise troi-cheil;
S olc an teanga gu cainneadh,
A than taice ri caireain do dheud;
S duine ceangailte’ ’anadur,
Aig nach cuireadh tu failinn na cheill.

VI.
N. T.
Fire! faire! A chairid,
Am bheil an seann duine fathasdad fheoil,
A Sior thogail a chlaidheamh,
As a sgaoileadh a bhrataich cho mor?


[117]

Sann a Shaòil min-am tachairt,
Gu robh iompachan agum bha coir,
Ach tha mi faicinn an fhad so,
Gum bheil thus air do bhrath ann ad sheol.

VII.
F. D.
Ciod anith tha thum barail?
Anns an deachaidh mo bhrath leat san uair?
Mar h-e gun labhair mi aighearra,
Thaobh na thuirt thubhim bheachdse le gruaim;
Ach mas ann dileas gun mhagadh,
A bha thu stri rium gu maith dhomhs gu buan,
Tha migaideach mo mhearachd,
Is tha miguidhe gu maith thu gu luath.

VIII.
N. T.
Sann darireadh gu maith dhuit,
A chuir min fhirinn cho falluin an ceil,
Achs olc an cruth annsna ghabh thu,
Bhi cho dileas dot-anam le speis;
Ach ondhaidich thu cheana,
Bhi cho fada sa mhearachd thu fein,
Tha mo chuidse dheth maithte,
S bidh miguidhe dhuit maitheanas De.

IX.
F. D.
Tha thu nis rium aig cordadh,
On se reite ro mhor a thad mhiann;
Tha do dhilseachd gam threorach,
Gu bhiginnseadh gun sgleo dhuit mum chial;
Tha mig aideach gu sonruicht’,
Geil mo pheacadh cuir bron orm is fiamh,
Oir tha mim chiontach gun dochas,
An adhaigh ceartais is trocairean fial.

X.
N. T.
Ach chunnaic mise an latha,
Bha do dhochas gu gramails gu cruaidh,
Ann ad fhireantachd shalaich,
Sann ad ghniomharan maith thu ri uail;


[118] AchS fearr tamulbhi falamh,
As do dhochasan mearachd thoirt uait,
Na gu leanadh iad t-anam,
A dhionnsuidh dorain a mhaireas bith-bhuan.

XI.
F. D.
Och gur dubhach a ta mi,
Tha mo chridhe gu sgainneadh am chom,
Tha bhi gun dochas ro-chraiteach,
S dochas mearachd cha bfhearra dhomh bonn.
Oir tha bagraidhean laidir,
Tighnno mhullach Shinai cho teann,
Sgu bheil corruich an Ard Righ,
Mar na beantuidhean Ard as mo chionn.

XII.
N. T.
Be Sin do chorse gu cinnteach,
Ged nach creideadh tun fhirinn an tus,
Be bhi leirsinn do dhitidh,
A thug dhomhsbhi strith ruit cho dluth;
Dhfheuch an treoraichain t-inntinn,
Ghabhail eolais da-rireadh mun chuis,
Oir is cunnart tha siorruith,
Sam bheil t-anam mar iompaichear thu.

XIII.
F. D.
Chan-ann gu lughdach mo ghalair,
A rinn thu inndrinn air labhairt an drast,
Sann gum dhiteadh a neartach,
Tha thu rireamh gam theannadh an sas;
Am feudar idirr mo shaoradh?
Tha min truaighe san daorse mar tha,
S ma theid crioch air mo shaoghal,
Bidh mo thruaighes mo dhaorse a fas.

XIV.
N. T.
SOn tha t-aidmheil aig innseadh,
Gun deachdo rusgadh da-rireamh dhit fein,
S nach eil t-earbsann ad ghniomhan,
No nad fhireantachd mhi-chiatach bhreun;


[119]S toileach Sheolas mi t-iuntinn,
Ghabhail eolais air Iosa E fein,
Sann na oibirTha criochnaicht,”
Biodh do chreideamh, Sbidh sith agad fein.

XV.
F. D.
Ged se sith tha mig iarraidh,
Agus reite ri Dia thar gach nith,
S morm-eagal is m-fhiamhse,
Nach gabhar gu siorruith rium fhin;
Oir bha misethaobh naduir,
Am cheannfeadhna thar chaidh anns gach gniomh,
Ann an dilseachd do Shatan,
A cur an aghaigh an Ard Righ air chinnt.

XVI.
N. T.
Ged bhiodh do pheacaidh mar Sgarlaid,”
Ghlanadh eifeachd fuil Slanuighear iad uait,”
S Easan sheasamh nad aite,
Sle umhlachd gun dharduich E Suas;
H-uile briseadh mar namhuid,
Rinn thu riamh air na h-aithntaibh le fuath,
Gabh le creideamh sle gradh ris,
S leat Sith agus fabhar bith-bhuan.

XVII.
F. D.
Le bhi creidsinn nathrocair,
Tha mim faotain beo-dhochais an tras,
Tha mi linnte le solas,
S tha mo ghairdeachas mor air a sgath;
Oir tha mi faicinnm Fhearsaoraidh,
Seasamh eadar mis aobhar gach craidh,
Choilion Easan mo shaorsa,
S fhuair E maitheanas saor dhomh lebhas.

XVIII.
N. T.
Mases gun chreid thu an Criosda?
Gheibh thu tearmunn is didean fuidh sgè,
Ni E neart agus dion duit,
(On a naimhdean tha lionmhor ad dheidh;


[120]S iad ri fairort le mi-run,
Chum do ribeadh cur lion anns gach ceum)
Feuch gu lean thu gud chrich E,
S ni E sonthu gu siorruith leis fein.

XIX.
F. D.
Dhomhse b-aoibhneach do chommun,
On la tharladh air coinneamh san rod,
Fhuair mi eolas ro shoilleir,
Air mo dhorain mo chunnarts mo bhron;
S Fhuair mi eolas na dheigh sin,
Sann air Slanuighfhear Ceusd anns an fheoil,
S Easan Iobairt mo reite,
Fhuair mi comhairreir mfheum anns is corr’.

XX.
N. T.
S on a chreid thu san t-Shlan-fhear,
Buinidh onair don ghras thug ort buaigh,
Na cuir campar gu brath air,
S bi ga altrom le gradh a bhios buan;
Lean ri Ughdar do shlainte,
Oirs ceann feadhna thar chaich E san t-shluagh,
Tha mi nis dol ged fhagail,
S leat mo bheannachd le braithreachas nuadh.

title2
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent text27
<< please select a word
<< please select a page