[10]

CUIREADH NA BAINNSE.

I.

LABHAIR Iosann an coimeas oirdhearc,
Tha rioghachd neamha cosmhail gu Sonruicht’;
Ri righ àraidh rinn banais phòsaidh,
Da mhac feins thug e cuireadhmhoran.

II.
S chuir e Sheirbhisichghairm namuinntir,
A fhuair an cuireadh a chum na bainnse:
Ach cha b-àill leo teachd da h-ionnsuidh;
S ann ghabh iad tlachd ann a bhi cuir cul ris.

III.
Nuair chunnaic, Dia Staid an t-shluaigh fuidh dhaorsa,
Gun sùil gu truas diuna làmh gu saoradh:—
As iad a basachadh leis na plaosgan,
Thug cumhnant ùr dhuinn le beathaSaorsa.

IV.
Cho luath sa pheacaidh sinn, thainig bàs oirn,
As chaidh air dùnadh amach a Pharais:
S cha leigeadh ceartas a steach gu brath sinn,
Mar d-thugta ùmlachd don lagh as: àrdach’.

V.
Sona bhris Sinn an reachd sin aon uair,
S ann tha e bagradh a pheanais daonnan:
Airn dream nach buannaich Sna h-uile aon diu’,
O, thùs a bheatha gu crich a Shaoghail.

VI.
Gur dall an ceò sam bheil clann nan daoine,
S gun fhios acacaitem bheil iad air faondtraigh;
An tir na h-EIPHIT san tigh na daorsa:
Nan creach aig Satan le gradh an t-shaoghail.


[11]

VII.
Ach sann a dh-umhlaich E fein na dhea’ -ghean,
An iobairt thaitneach a chuir an ordugh:
Sge be dh-itheadh dhi is a ghòladh;
Bhiodh beatha shiorruith aige mar, throcair.

VIII.
Gach neach nach dthig dhionnsuidh cuirm a phòsaidh,
Nach blais don fhuil is nach ith don fheoil sin;
Chan eil beath ann agabhail còmhnuidh,
S bidh fearg IHOBHA ga chlaoidh an dòrainn.

IX.
Chane biadh agus deoch le cheile,
A tha E ciallach le brigh na feasda:
Ach fhuil is fheoil san a chaidh a cheusadh;
A chum na peacaich a thoirt gu rèite.

X.
Nuair sheas En-àite nan tràillean truaillidh,
Bu sgrios don bhàs Es bu phlàigh don uaigh E:
S ged bha Satan do ghna ga bhuaireadh;
Gu robh A nàduras eugmhuis truailleachd.

XI.
Bha e fiachaichtoirn leis an naomhreachd;
Air gradh do DHIA agus gradh do dhaoine:
As gedo mheas sinn mar ni ro fhaoinn e,
Bu daor a dhioladh e ler FEARSAORAIDH.

XII.
Si so an Iobairt is motha tàbhachd,
Chaidhthoirt a suas ona pheacaich Adhamh:
Si so an Iobairt a choisinn slàinte;
Do gach aon a bhios air an Sabhladh.

XIII.
S ann chum na h-iobairtstha Righ na gloire,
A cuireadh dhaoine mar chuirm phòsaidh:
Da trid; sann dhumhlaich E ann na dheadhghean;
An dream a sgapadh thoirt dhachaidh comhla.


[12]

XIV.
Chuir E Sheirbhisichmach na faidhean
Is rinn iad sgeula air teachd an t-Shlan-fhir:
Iad dheanamh aithreachais: ’s air a sgathsan;
Nach biodh am peacanna air an àireamh.

XV.
Ach chuir iad cul sann ri gairm na slàinte,
Agus mhasluich iad a chuid fhaidhean;
Cuid diu mharbh iad is cuid diubh Shabh iad,
As cuid diu chlach iad a dhionusa bhàise.

XVI.
Tha so na dhearbhadh air ìnntinn fheòlmor,
A tha na naimhdeas sann do IEHOBHA:
Ged tha E cuireadh na h-uile Shlògha;
Gur tearc an àireamh a tha toirt gloir dha.

XVII.
S chuir E seirbhiseachn deigh nam faidhean,
Eoin Baiste a bhanns an fhasach;
Ben ro-ruithfhear e bha roimhr Slanfhear;
Saneach is motha do na faidhean.

XVIII.
Be so an ti mun do sgriobh Isaiahs’,
Guth an ti ghlaodhas anns an fhàsach;”
Seneach is aig an robh ri ràithinn:
Mu theachd an Ti anns am bheil an t-shlàinnte.

XIX.
Agus shearmonaich e aig radh riu’,
Deanamh aithreachas: chionn bhur graineilachd:
Oir tha aobhar agus ceann fàth air,
Tha rioghachd nèimhe gu teachd a laithir.

XX.
Bha fhianuis firinneach mar an ceudna,
Thanaig an Ti sin Mun drinn e sgeula:
Oir rugadh Iosann am Betelehem;
Bha Righ nan righrean an tir Iudea.


[13]

XXI.
Nuair chunnaic Eoin E se teachd na aonar,
Thuirt e se chridhe lasadh le gaol da;
Feuch Uan Dea tha teachd gur saoradh,
Sa toirt air falbh peacannaibh an t-shaoghail

XXII.
Gur mòr an sòlas do neach tha leointe,
Airson eus-umhlachd sa chionnta mhòra:
Gun dhiol Criosd ann an coslas feol iad;
Si so an fhirinn s gum b-fhianuis Eoin dith.

XXIII.
Airson no firinn san thug iad beum dha:—
Agus dhit iad e leis an eucoir,
Chaidh a phriosunachadh le Herod;
Agus an ceann a thoirt air a mheis deth.

XXIV.
Gur mòr an spid thug don Righ an seorsud:
Le leithd do dhiol a dheanamh air oglach,
Gur beag an t-ioghnadh ged bheir E dorain:
Don dream air fhirinn nach gabhadh eolas.

XXV.
Gur beag an t-ìoghnadh ged bheir E bron:—
Air an dream a roghnaichn toilìnntinn fheolmhor;
Oscionn na dinneir a chaidh an ordugh,
Is cuireadh saor aig gach aon gu trocair.

XXVI.
Ged chual an Righ gun do mhill iad òglach,
As gun do mhasluich iad ainm ro-òirdhearc:
Sann tha E fathasd a tairgseadh tròcair;
Do chinn-fheadhna nam peacach mòra.

XXVII.
Sann chuir E AON GHIN anuas on àirde;
An duil gun d-thugadh iad uram DHASAN;
On is creutairean iad bha baschadh,
As trid a theachdsan gu faighadh iad slainte.


[14]

XXVIII.
Se sud a ni a thug Criosd don t-shaoghal,
Air faicinn Dha staid an t-shluaigh fuidh dhaorse:
As thug E umhlachd don lagh ro-naomhsin;
Fad uilelaitheanbha E san t-shaoghal.

XXIX.
A chum gun creideadh na h-uile dhaoine,
Gur h-Easann Ti bha gu teachd gun saoradh:
Sa mheud sa chreideadh ann mar Fhearsaoraidh;
Gumeaste umhlachdsan do na daoinud.

XXX.
Ged bha chuiridhean doibh cho aluin,
Is gu robh beathacle teachd a lathair;
Sann chuir iad cul ris a deanamh tair air,
Ach gus na sguirsiad E feadh na sraidean.

XXXI,
Se so a neach is fhuair do thàrcuis,
Bha riamh san t-shaoghal: Na thig gu brath ann;
Se so an Ti mun do labhair Dàibhi;—
Gum feudtechnàmhan gu h-iomlan àireamh.

XXXII.
GedS iomadh tròcair airn drinn iad dimeas,
Chad sguir E fathasd a dheanamh stri riu’;
S ann chuir E dheìs-cioblaibhmach os iosal,
Gu caorich chailte luchd tighe Israel.

XXXIII.
S ged rinn iad sud mar a dhaithnan Righ dhoibh,
Tha àite falamh fathasd an CRIOSDA:
S na h-uile h-aon leis an àill mar Righ E,
Gun dean E oighre dheth air a rioghachd.

XXXIV.
Chad sguir E fathasd gur buan a ghaol doibh,
Chaidh deichStre fichead sinmach a dhaon la;
Leis an t-shoisgeul ga chraobhsgaoleadh;
A ghairm nan Iudhach gu feisd na naomhachd.


[15]

XXXV.
Ach chuir mòran diun guth le chèile,
As ghabh iad leith-sgeul air reir am beusan;
Chaidh fear gu fhearann is fear gu sprèidh dhiu:
As thuirt fear eile gun phòs e cèile.

XXXVI.
S iad sud na leith-sgeulan a ghabh pairt diu’;
S iad cuir an culthaobh ri Criosd mar Shlan-fhear:
S air cùram mun fheoil a Shasuch’;
S cha d, thoir sinn ùmhlachd dhuit air an trà so.

XXXVII.
Fhir a leughas na fhir a dheisdeas,
O! bi air t-fhaicil roimhn mhealadh bhreun so:
Is na cuir t-anam an cunnart lèirsgrios;
Airson do bheatha: sgur fear a treigsinn.

XXXVIII.
As chuir E Abstoil a rìs le h-ordugh,
Air feadh nan Iudhach s nam bailtean mòra:
S air feadh nan cinneach aig nach robh èolas;
As chuir iad cùl riu’ ’chuid bu mhò dhiu.

XXXIX.
An dream a chunnaic En deigh dha èirigh,
Biad sud an àireamh chaidh dheanamh sgèil air:
Nuair dhoirt E Spiorad orra le èifeachd,
Sann rinn iad fianuis gum be MAC Dhe bhann.

XL.
“ ’S air feadh an t-shaoghail thuirt E riu ìmeachd,”
“ ’S an soisgeul shearmonachadh gun sgìthcheadh;”
“ ’S iad dheanamh dheisciobuil do gach cìnneach;”
San sin am baisteadh an ainm na Trìonaid.”

XLI.
Biad sud an àireamh a chaidh a dhìnnseadh,
Gach ni chaidh ùmhlachadh, chum na dinneir:
Sa chaidh a chuireadh nam peacach dite;
Iad theachd a ghabhail don Iobairt shith sin.


[16]

XLII.
Sa mheud sa thainig le gairm an t-shoisgeil,
Sa bhlais don fheisd a bhaig Fear na bainnse:
Mheas iad mar aolach agus mar challdach;
Na h-uile ni thbhacair sgàth a chaoimhneis.

XLIII.
S air teachd don Righ a dhfhaicinn nan òighean,
A chaidh a chruineachadh le a chuid òglach;
Fhuair E aon diuas eugmhuis còmhduich,
Sa bha neo-iomchuidh airson a phòsaidh.

XLIV.
S thuirt an righ ris fuidh shamhladhcairdeis,”
Ciod a ghluais thu gu tighnn don àites;”
Chan eil an trusgan a tha air cach ort;
S thuirt e ri Sheirbhisicha chur don àmhuin.

XLV.
Tha so na shamhladhdon mhuintir bheusach,
Nach deach a rusgadh dan oibre fein: Tha;
Mur luideig shalaich, is boladh breun dith,
S nach leig a chaoidh iad do rioghachd nèamha.

XLVI.
Chad, fhag En linn so gun chuireadh saibhir,
Sann chuir E Searmonaichean an t-shoisgeil;
Thoirt cuireadh saor do gach aon san-àm so,
As àite falamh an tigh na bainnse.

XLVII.
Than ùmhlachd iomlan chaidh thoirt marn-èiric,
On bhasaich Criosd air a chranna cheusaidh:
Tha bhanais ullamh san dinneir reith:—
Agus cuireadh saor aig gach aon fuidhn ghrein dith.

XLVIII.
An fhearg sa mhallachd a thoill air gnathchadh,
Sann dhfhuiling Criosd air a chrann an aird iad;
A chum gum biodh E mar cheannard slainte;
Air a dheanamh foirfe: tre fhulang bais Dha.


[17]

XLIX.
Si so a bhanais agus an dinneir,
A dhullaich Dia do na peacaidh dhite:
S na h-uile aon thig da ionnstrid Iosa;
Bidh beatha bhuan acas pòsadh siorruith.

L.
Sa nis mo chairdean s mo mhuintir dhùtcha,
Geds iomadh uair a chuir sibhse cùl ris:
Pillibh a nis ris ged s fhadan ùine,
As gheibh sibh tròcair as leith aon Ungte.

LI.
Ged robh bhur peacaidh mar ghaineamh tràghadh;
Ann an lionmhoireachd s dearg mar sgàrlaid;
Cha chuir E h-aon asur leith gu bràth dhiu;
Ma chreideas sibh anns an Ti a bhàsuich.

LII.
Co chuireas cionnt as do leith gu brath,”
On se Dia a dhfhirnicheass Criosd a bhàsaich.”
Seadh tuileadh fòs chaidh a suas an àirde,”
Gu deas laimh na Morachd a thanns na h-àrdaibh.”

LIII.
An diugh am feadh sa tha lamhan sinnte,
S E gairm nam peacachs thighnn gu Criosda;
Sa tairgse tròcairean Dhaibhi cinnteach:
O! feuch nach diult sibh an t-shlainte shiorruith.

LIV.
S mar dthoir sibh èisdeachd da chuireadh gràsmhor,
Mund thig bhur crioch: chan, fheud sibh bhi sabhailt:
An sin thig leirsgrios is teinn is cràdh oirbh;
S chan èisd E h-aon agaibh air an sin.

LV.
Sa nis on tha mi gu bhi co-dhùnadh,
Airson mo chàirdean, sann ni mi urnaigh;
An Ti as airde gur toirt da ionnsuidh,
Is creideamh slainteil thoirt duibh gurn-iompach.


[18]

LVI.
Sa h-uile aon gheibh a chuireadh tròcair,
S nach dthig a dhionnsuidh na cuirme sòghmhor:
Cha bhlais a h-aon diu don t-Shuipeir phòsaidh;
A thaig an Uan ann an rioghchd na gloire.

title3
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page