AN DARA ADHAMH, &c.
I.
Ge’d a thug an ceud Adhamh, oirn bas agus diteadh,
’S iomadh truaighe do-aireamh, a cosnadh amhgharan siorruith;
Thanaig sgeula na slaint’ oirn, mun dara Adhamh se Iosa,
Gun do rugadh san stapul, E o Mhari mar chiochran.
II.
’S gu’n do ghabh E air nadur, feoil cnamhan is anam,
’S gu’n do sheas E ’n ar n-aite ’thoirt dhuinn slainte o’r galar;
’S fior dhuine shliochd Adh’mh E; ’s Dia na’n gras o’na flaitheas,
Ann an aonachd da naduir, a gabhail tamh san aon phearsa.
III.
So an diomhaireachd mhor sin a tha gloirmhor thar smuainte,
’S Dia air fhoillseach san fheoil E thabhairt trocair do thruaghain;
So leanamh an Aigh ud ’a rinn am Faidhe dhuine luaidh air,
A bhiodh an uach’ranachd aluin gu brath air a ghuailean.
IV.
Ann’s a chumhnainte nuadh E bunait uasal tha s fhàr, -mhaith,
Chaidh a dearbhadh le fuathas do bhuairidhean laidir
’S leis a chorruich thar smuainte, thainig ’nuas orr’ o’n- airde,
’S cha do gheil s cha do ghluais i oir cha d’fhuaras innt’ failinn.
V.
’So am failein san Fhionain tha neo-chriochnach lan beatha,
A dh-arach mheanganan Israel, gus an cinn iad gu flaitheas;
’S gheibh na cinnich fuidh dhiteadh, sa tha tinn leis a pheacadh,
’S-ar fhasgadh fuidh ’didean, agus iochd-shlaint’ da’n- anam.
VI.
Bha E naomh ann na inntinn, ann na chridh ’s na ghluasad,
Bha neo-thuiteamachd fhior leis ’s buaidh dhileas ’s gach buaireadh;
’S tha E sonruicht’measg mhiltean ’S E neo-chriochnach ro luachmhor,
SE mar ros ann an Saron, s mar lili aluin ’measg chluaran.
VII.
Phaigh E ’n-umhlachd do cheartas a bha e tagradh mar fhiachan,
Ann an aite na’m peacach a bha air seacharan cianail;
Dhoirt E fhuil chum an glanaidh, sa dh’ fhaotain maitheanas fial doibh,
’S ard E nis anns na flaitheas mar Fheartagraidh da iarmad.
VIII.
So ’an Spiorad bheir beatha ge’d thug adhamh am bas oirn,
A cheud fhear dhiu o’n talamh ’s an dara fear so o’n- airde;
Sann mar sud a tha’n gineil eadar dhealuicht’ na ’nadur,
Co acca tha iad o’n talamh na do’n- athbhreith o’n airde.
IX
Tha’n dara Adhamh so seasmhach oir cha tuit E gu siorruith,
Cha d’thig failinn na easbhuidh cha d’thig laigs’ air na liathadh;
So’na tha E gun choimeas gu ’el a thomhas neo-chriochnach,
Is cha ’n urrainn sinn aithris a dhoimhneachd fhad is a liad dhuibh.
X.
So an Tobar tigh Dhaibhi a ghlanas graineilachd cheudan,
So’an sliochd ud o Abra’m sa ’m bheil fabhar aig treubhan;
’S E is gloir do na cinnich a rinn E fhiosrach le ghrasan,
A dh’ullaich cuirm air an t-shliabh dhoibh ’s E ro fhialuidh ga ’pairteach’.
title | 1 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 30 |