AN DARA PAIRT MU’ CHEALE, &c.
I.
’S ge ’d nach d’ fhuaras dha ceala mar bha Eubh do’n cheud Adhamh,
Shirr is lorg E dha fein i ann an Eiphit na ’n traillean;
’S bu-neo choltach ris fein i ’si na creuchdachan graineil,
Salach, truailli, neo-gheanmni, uaibhreach, feargach, lan ardain.
II.
Sann bha breith is a duchas, o dhuthaich chanaain,
Oir a “b’ Amorach a h-Athair ’s b’ an Hitteach a’ mathair;”
Sann a bha i do’n t-shluagh sin da’m bu shuaich ’ntas “Loami,”
Ge’d a fhuair iad on uaìr sin ainm nuadh se “ Ruhamah.”
III.
Phaigh is cheannuich E daor i ’s rinn E caochladh saor ghrais orr’,
’S a h-ath nuadhach gu buileach o’a mulach gu ’sailtean;
Dhuinn E callaid le droigheann ’s thug E mach i do’n fhasach,
’S rinn E cridhe ris aomadh ’s thuig i ’ghaol bhi gun fhailiung.
IV.
Rinn E glanadh sa leigheas, rinn E freag’rach dha fein i,
Rinn E naomh i a’s dileas ann na cridhe ’s na beusan;
Rinn E gloirmhor na mais’ ì tha i barruicht ’thar cheudan,
’S chuir E trusgan don ’or orra agus mor-obair ghreis air.
V.
’S thuirt E rithe a ’nighean, aom do chridh’ agus eisd rium,
Tigh t-athar ’s do mhuintir na cuimhnich le chèil iad;
’S gabhaidh mise lan tlachd, ann a’d ’mhaise mar cheala,
’S biodh a ’nis dhuit mar thiotal nighean Shioin ’s dean feum dheth
VI.
Is cha ’n-aibearear tuileadh, te a chuireadh air chùil ruit’,
Na ri ’d fhearan am fasach, ach bean ghradhach mo ruinse;
’S ri ’d fhearann tir chairdeil ’a bhios air aiteach gu h-urail;
’S their thu riumse “m-fhear” gradhach ’stilgear Baal orr ’a culthaobh.
VII.
’S ud an te chaidh gu h-aoibhneas ’s gu bhi seinn le ceol naomha,
Nuair a fhuair i ’m fear-bainnse da robh ainglean aig aoradh;
’S beag an t-ioghnadh a h-orain a bhi cho ceolmhor ’s cho aoidheil,
Nuair a fhuair i mar sholas a bhi posd ri ’Fearsaoraidh.
VIII.
’S ud am posadh san ceangal a tha daingionn is siorruith,
Cha sgar bas e na beatha o ’na rinneadh le Dia e;
’S bidh an Sliochd thig o’n charraid ’s ann na’n aileachd ’measg dhaoine.
Mar dhruchd o bholg na moch mhaduin ann a’ maise na naomhachd.
IX.
’S nearachd fear ga’m bi dhuisan lan glaice na dorlach,
’S iad a chuireadh na cathan gu’n taiseadh gu’n soradh;
’S ris na naimhdean ’s na geataibh ’s iad a sheasadh gu dana;
’S mu’m bi crioch air a ghleachd ud gu’m bi acca buaidh larach.
X.
’S ud an sliochd a bhios aithnicht ’measg chinneach is threubhan,
’S their na h’uile ni ’m faicinn gu’m bheil beannachdan Dhe orr’:
Oir tha iomhaigh an Athar orr’ cho aithnicht ri leughadh,
Ris a cheir air a stampadh a giulan deachdadh an t-sheula.
XI.
’S ud an ceala sa ghinneil a tha spioradail oirdhearc,
Saothair anama Righ Shioin ’s bheir gach ginn diu dha morachd;
Buinidh sud dha da-rireamh ’S E chuir iomhaigh a ghloir orr’:
’S E a cheannuich sa shaor iad ’s thug Spiorad naomh dhoibh mar throcair.
XII.
’S ud an ceala dh’ fhas maiseach mar nach fhaiceadh tu riamh i,
Fhuair i ’ghealach fuidh ’casan ’s crun do dha reulta dhiag orr’:
Bha i oirdhearc na ’cumachd ’se bu trusgan a ghrian dith,
’S beag an t-ioghnadh a ginneil’bhi measg nan cinneach ro-sgiamhach.
XIII.
’S mor a ghloir th’aig an te so seach aig Eubh bh’anns a gharradh’
’S tha’n ceala a ghabh thuige fein i, iomadh ceum o’s cionn Adhamh;
Cha dean nathair an teumadh ’s cha gheil iad do namhaid,
’S cha d’ thig tuiteam no deistinn na truaighe leir air an alach.
XIV.
Ge’d tha ’n ceala san fhasach ’s a fulang tarcuis is ainneart’,
A dol na h-uidheam le cabhaig fa chomhair latha na bainnse:
Nuair a thig a Fear posda bidh sealladh gloirmhor le cheil orr’,
’S le caithream aoibhneach na’n aingeal bheir E dhachaidh gu neamh i.
XV.
Nam suidhe mu’n bhord doibh aig Supeir posaidh Fearsaoraigh,
Cluinear fuaim an cuid oran a toirt na gloir dha mar aon ghuth;
Le h-aleluia bhinn fhuaimeach ’s h-osanah bhuan nach gabh caochladh,
Do’n Ti a shuidh air a chathair sa thug dhachaidh gu saor iad.
XVI.
O anam neo bhas-mhor a fhuair, san Adhamh so trocair,
Feuch gu’n dearbh thu do ghaol da a dol troimh shaoghal na’n deoir so;
Gleidh do chogais san fhirinn ann an sith ’s ann an ordugh,
’S nuair bhios crioch air do thuras bheir E thusa chum gloire.
XVII.
’S thusa ’tha na ’d staid naduir, on cheud Adhamh na d ’chrionaidh,
Abuich teann airson leirsgrios stu na ’d chreutair gu’n didean;
’S truagh nach tuigeadh tu saor e, mu’n d-thoir a ’maor thu do’n phriosun,
’S an Dara Adhamh an tra so ’a furan grais air na milltean.
title | 2 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 30 |