[138]

ORAN DO’N FHEIN.

Air Fonn.

DEAN Faire! gu mòr, gu beo, gu duineil, ’s gu treun,
Gu h-ioriseal stolda comhnard faicealach seimh;
Dean Faire! ’s rid bheo, do bhròd na tabhair do speis
Than sionnach san Leomhannn toir do shlugadh le cheil’.

I.
Tha Satan mar Leomhan mòr tha fuileachdach treun,
Se gionach an toir na sloigh a shlugadh na chre;
Tha ceannardan seoltan ordugh aige fon gleus,
S mar Shionnach gun trocair còr gu mealladh than Fhein.
Dean faire, &c.

II.
Than duine mi fein gu treun sa bhaile son tras,
S mar shionnach san treud e reubadh fhear agus mhnai’;
Se mealladh nan ceud le seudaibh falamh gun stà:
S gidheagh e cho seimhs cho geurs gun lean e rin sail.
Dean faire, &c.

III.
Se togail na cìss gach ni rin cuir iad an lamh,
Air muir agus tir air chinnt bidh cuid aigan sàs;
Tham baigear san righ a striochdadh umhailte dha:
Se mealladh an t-shreud gu leir othuiteamas Adhmh.
Dean faire, &c.


[139]

IV.
S e cumhachdach seolt gu sloigh a tharruing na dheigh,
Gan lionadh le prois le mor-chuis agus droch eud;
Tha sean agus og toirt gloir dha onair is speis:
Sechathaich, sa chomhraig moran cheatharnach treun.
Dean faire, &c.

V.
Bha Nebuchadneser treun na lathas na linn,
Bha Pharroh is Herod, ’s Ceasar fearail neo-thiom;
Ged bha iad cho treun gun gheill iad ealamh dhasios,
Air chosg a mi-cheill bu gheur a thog e dhiu cìs.
Dean faire, &c.

VI.
S co ionnan leis naoimh ri daoi ma bheir iad dha cainn,
Se daonnan nan luib gan claoidh sa togail diu mail;
S ged gheall iad dan righ bhi dileas tairris gu bas,
S tric chuir iad an Fhein le speis sa chathair as aird’.
Dean faire, &c.

VII.
S tric thug e le fhoill a thaoibh don chuideachd bha coir,
Bha cuid do na h-aingleanmheall sa thug eEon gloir;
S cuid eile fhuair gras gusbairn a dheanamh san rod,
Bho shubhachas ard gu cradh is cumha fuidh leon.
Dean faire, &c.

VIII.
Chaidh Samson a chlaoidh le fhoills le gheallaidhean breig,
Gun d-fhag e gunsgoinn a caoi an ceatharnach treun;
S Daibhi an righ thug cis da: agus bem beud,
Gu masladh as nairda chairdean uile na dheigh.
Dean faire, &c.

IX.
Chuir sud e fuidh leon gu brons gu cumha le maoim,
S gu aideach a ghoraich: ’s mor chaidh anam a chlaoidh;
Gun fhurtachd gun solas coir a latha na dhoich’:
Se g-eigheach! “Dean trocairtrocairagus e caoidh.
Dean faire, &c.


[140]

X.
Gedsubhach a b-abhuist da bhi caithream an fhuinn,
Bu ghrad a chaidhsmal as framh air innealan ciuil;
S ged fhuair e ath-ghras thug slaintda ghalar bha bruit,
Chamhisneach do chach gu bràth a leanntuinn sa chuis.
Dean faire, &c.

XI.
Na h-Abstoils na faidheans fearr a ruith sa bhlar-reis,
Bu teann air an sail gach la bhan sionnach so fein;
Chaidh Ionah a chradhs cha d-fhag e Peadair gun bheud,
S ann aigebha ghnuis! tighnn dludo mhaithean an t-shreud,
Dean faire, &c.

XII.
Chreach en luchd urnuighn Cuil sam follais le cheil’,
S tric dhfhag e gun sugh an durachd togarach treun;
S ged theirinn luchd searmoins ainmeal theid ann nan gleus,
Sen stroilich do dhainm gun tairbhs gun bheatha don t-shreud.
Dean faire, &c.

XIII.
N am meòrachadh shearmans dearbhte gu an cur cli,
“ ’G radh” ’s maith chaidh a dhealbh sgur th-ainmeal bhios e san tir,
Nam eirigh a suasmeasg sluaigh ga liobhairt a sios
Se thaitneas rin cluais bidhn sluagh ga mholadh nan sgriob.”
Dean faire, &c.

XIV.
S gan seideadh a suas: ma bhuadhaich firinn na slainnt?
S gun atadh le h-uaillsgur dual doibh urram thar chach”;
Sa n-aite bhi simplidh minn nan eiseimpleir sreud?
Nan tighearnan mor toirt gloir is onair don Fhein.
Dean faire, &c.

XV
Le aidmheils le ainm gur dearbtgu mealladh an Fhein,
Le oibiribh marbh le pharasachd deachamh as deirc’;
Le dichiolan mor le deoirs le faireachdain gheur,
Gun d-rinn e fuidhn chleoc ud moran thabhairt fo gheill.
Dean faire, &c.


[141]

XVI.
Chan- ioghnadh ged mheall en dream thanead nan deagh bheus,
Le firinteachd fhausail, mhealltdan gniomharan fein;
Ach! cionnas a mheall sa dhall e luchd nan droch bheus?
Gun urad san samhl ach aingeachd fhollaiseach bhreun.
Dean faire, &c.

XVII.
Och! sgriosach an dideann i do dh-anam o thruaigh’,
Si cosmhail ri linean crion an damhain sa bhruaich;
A bhristeas gun fheum nuair sheideas anail an fhuachd:
Mar fhireantachd fhein bheirleir sgrios ealamh na cuairt.”
Dean faire, &c.

XVIII.
Nuair theid mi gu urnuighs dlu gum leantuinn an Fhein,
N am lubadh nan glun chan fhiuleis baigearachd gheur;
S emoladh a suas gach buaigh gach gibht agus beus:
S mithagradh mar dhuaiss nach dual domhbhi nam dhiol-deirc.
Dean faire, &c.

XIX.
S mar b-aithne dhomh CRIOSD gun striochdain ealamh don fhein,
Mar Iobairt mo shith thug dion dom- anam is reit’;
S nuair bhios E le ghras cuir caileachd annam gu feum,
Bidh agum buaidh-larach: strailleil theicheas an fhein.
Dean faire, &c.

XX.
Mas neach thu fhuair gras gud bhas bi cogadh ri fein,
Le h-irioslachd ghraidhs fein-aicheadh buileachs gach ceum;
Sud meadhonan aigh gu bas a chur ann na bheul:
S gun togainn ceol ard air dàn nan cluinninn an sgeul.
Dean faire, &c.

title33
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page