CREIDEAMH.
I.
Am bheil eagal air t-anam?
Roimh ’n fheirg tha ri teachd?
Air an t-shaoghal neo-iompuicht’,
Nach striochdadh do ’n reachd—
Agus cionnta gun mhaitheadh;
Air t-anam mar shachd.
Creid an Criosd mar t-Fhearsaoraidh,
’S gheibh thu saorse gu beachd.
II.
Am bheil thu ’g-imeachd gu dana?
’N aghaidh àithne, an Righ?
Air an t-shlighe gu leirsgrios—
Far nach leir dhuit do chrioch;
’Stu cur campar gach latha,
Air spiorad na sith.
Ach creid an Criosd’ mar do Shagairt,
’S gheibh thu fathasd an t-shith.
III.
Am bheil do choguis gu’n dusgadh,
’S do shuilean gun fhradh ’rc?
Agus peacadh gun dearbhadh,
Ad’ chridhe cealgach lan goid?
Smòr an eus-slaint’ tha’d’ nadur,
Nach càdhraich clann daoin.
Ach creid an Criosda mar t-Fhàidhe;
’S gheibh thu slainte nach traoigh.
IV.
Am bheil do mhiannan a riogh’ ach,
An aghaidh ìnnleachd na slaint’?
’S bròn is campar air t-ìnntinn,
Chionn bhi ’n’ ìnneann do namh?
Stu gun chomas teachd saor as,
Le saothair do lamh:
V.
On se creidsinn an CRIOSDA,
An nith ni thu Saor.
Feuch! gu’m faigh thu na ’d’ chrì’ e;
Mu’n d’ thig crioch aìr do Shaoghal:
Oir tha t-uinne ro ghairid,
Mar shealan beag faoin:
’S ma gheabhar gun Chriosd thu,
Bidh gach nìth dhuit mar phlaoisg.
VI.
“Brigh na nithe ri ’m bheil dochas,”
“Gibht shonruicht o Dhia;”
“Dearbh chìnnt nith ’nach faicear”—
Dh, aonas anam ri Criosd,
’S fhar shuil e gu faicinn:
’S lamh a ghlacas greim teann;
Se bheir mil as a charraig,
’Nam na h-airce’ ’s neach fann.
VII.
Choi-lionadh an aimsir,
’Chaidh a ghealltainn an tus;
Deanamh aithreachas slainnteil:
’S rioghachd neimh air teachd dluth;
Agus creideamh an soisgeul
Mar an sgeul as fear cliu’
’Bha na h-ainglean aig innseadh
Le mor ìoghnadh mu ’n chùis.
VIII.
Creid teisteas na firinn,
’Dh’ fhag dit’ thu fuidh ’n reachd,
’S cuireadh eagal do dhiteadh;
Dh’ ionnsuidh Chriosd thu gu beachd:
Mar rinn fear coimhead a phriosuin,
’Nuair a dh-ìslich a neart;
IX.
O! creid san Fhearshaoraidh,
’S gheibh thu saorse bho ’n-uaigh;
Gheibh thu saorse on bhas,
A’s o’gach cradh agus truaigh.
Ni E saor thu ’on chorruich,
Thoill do lochdan gu leir:
’S bheir e coir dhuit air beatha,
Bhios mairionn; ’s nach eug.
X.
Bheir an creideamh ’s dhuit buaidh,
Air gach buaireadh san t-shaogh’l.
’S ni e t-aonadh ri Criosda,
Fior fhionain na ’n geug;
Se a ghlanas do chridhe,
Bho na h-iodhalan brèig:
’S ni e naomh thu tre ’n fhìrinn,
’S oigh’r air rìoghachd Mhic Dhe.
XI.
Co-dhunaìdh mi ’n earails’,
Le fior fhocal De;
“Dh’ aithn a shoisgeul a theagasg,”
“Do gach neach tha fuidh ’n ghrein.”
“Ge be chreideas sa bhaistear”
Gu’m bitheadh e tearn’t’
San neach nach creideadh
Nach fhaiceadh e beath’ ach fearg Dhe.
title | 6 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |