[33]

BEACHD SMUAINTEAN.

I

Stric a smuaintich mia chairdean,
Air an fhabhar than comhnuidh;
Aig an dream shona aghmhor,
Chaidh on bhas a chum gloire;
Sa chaidh ionnlad on lochdan
Ann an tobar tîghDhàibhi
Sa chaidh o sholas na firinn
Ann an Rioghachd nan gràs
A chum rioghchd na gloir.

II.
Ged than cuirp anns na h-uaighean
Air an cuartach le neo-ghloin
Tha n-anamaibh neo-thruailli
S fhada shuas seach na neoil iad


[34] A seinn ciuil anns na flaitheas
Do Athair na tròcair
Don Mhac rinn an saoradh
S don Spiorad naomh rinn an treorach
Gu rioghchd na gloir.

III.
S olc a dhaithnich an saoghal
Na daointhair an doigh so
Air an ceangal le aonachd
Ri Fearsaoraidh nan òighean
Sann thair muinntir an t-shaoghail
Riu daoinetha gòrach
On a thréig iad mi-dhiadhachd
Sanamiannaibh na feola
Ach than ciall nis .

IV.
S tric, a gheibh iadn geurleanamhuin
S iad a seanachas do mhoran
S their iad riu creidmhich chealagach
Bhios ri searmoinean neo- ’nach
S bheir iad breith orrle breugan
O na thrèig iad an doigh san
S chaneil meas orr san t-shaoghals
Ach aig daoine fhuair eolas
Air Criosd san fheoil.

V.
Achse thuirt am Fearsaoraidh
A chum saorsthoirt da chairdean
Bidh sibh beannuichte daonnan
Ged bheir daoine dhuibh cainneadh
“ ’S ged a their iad gu breugach
Ruibh gach sgeul airmo sgathsa””
Measaibh an amghar sin eutrom
“ ’S mor aobhar bhur gairdchais
S bhur Righ gur coir.


[35]

VI.
S tric a chunnaic sa chi mi
Daoine briodal ri cheala
Mu luchd aidich na firinn
Gur a cli leon sreud ud
Ged tha cumhachd na diadhachd
Agus iomhaigh Mhic Dhe orr
Bithidh naimhdeas gu brath
Ri sliochd na mna aig an teumdair
Mur geill iad dha.

VII.
Ach se culaich mo smuairein
Bidh na h-uain mar an ceudna
Agus cuid diu le buaireas
G iarraidhsuas thar a cheila
Ma bhios caochladh nam barail
No atharrach ceum ann
Chi sinn eud agus roinn
A measg cloinn an aon teaghluich
Is aimhreit mhòr.

VIII.
Se sud aoibhneas Shatain
Bhi cuir nam braithrean troimh chèile
Sa bhi cuir roinnean s fuar-chrabadh,
A measg na h àireamh nach geill da
Ach tha mo dhuilsanns a Mhac
A thug anam nan-èiric
Gum bris E ballan-eadar dhealuich
Tha ga sgarradh o cheala
S gum bin gradh nis mo.

IX.
Sann bhios an dream a fhuair eolas
Air Morachd an Ard Righ
S aigm bheil creidimhs beo dhochas
Ris a ghloir thanns na h-ardaibh
Len lochrannaibh laiste
A cur thairis le gradh dha
S bidh an aonachd san caoimhneis
Ris na naoimh anns gach aite
Ged robh pairt dius gach seors.


[36]

X.
Feadh gach teanga agus tire
Thionail Criosd a chuid threudan
Siad air seacharan millteach
Nuair a dh-iompuich E fein iad
S theid E nis amach rompa,
S guth choigreach chan eisd iad
S cha bhi iad beo anns an àireamh
Bhios ri crabhadhs ri eu-coir
S nach geill don choir.

XI.
S tha leabhar cuimhne na lathair
S ainm a chairdean gu leir ann
S bidh iad leis air an sin
Annsan cadhraich Esheudan
Seallaidh sibhsen sin ruibh
S chi sibh amhghar luchd-reubuin
Air am fuadach o lathair
Dhionnsuidh Shàtain ga reubadh
Gu éigheachs bron.

XII.
O! a chàirdean nach duisg sibh, mun
dthig uamhas a bhais ud;
S Mun dtheidur fuadach a dhionnsuidh
An ionaid chlaoitich neo-bhasmhor
Far nach cluinn sibh guth trocair
Ach fearg mhor teachd gu bràth ann
A bhios gur claoidheadh s gur rosdadh
Air cuan doruineach cràiteach
Nach traigh nis .

XIII.
S truagh nach smuainticheadh daoine
Air an daors’ ’s air an doruin
S air an tuarasdal dhaobhach
Gheibh na daoin bhios ri dòbheart
Fhads tha seol air an saoradh
O bhi daonnan gan rosdadh,
Tre ath-nuadhachadh ìnntinn
Agus iompach on gòraich
Gu Criosd on Fheoil.


[37]

XIV.
S aithne Dhasan a chaoirich
S tha E daonnan ceart lamh riu’,
S treun a ghairdein mun cuairt doibh
Chum a bhuaighthoirts gach càs dhoibh;
SE is Righ ann nan-anam
S thachathair is airdAIG,
S E an SagairtSan-iobairt
Chum an sìth dheanamhn-airde,
Sam faidhe mor.

XV.
S ni En teagasg le fhocal
Chums nach dochain an namh iad
Se bhios acca mar lòchran,
Chum an treorachtroimhn fhasach
S bidh Spiorad na beatha
Acca marris mar earlais,
S cha neil coir San Fhearshaoraidh
Aig neach as eugmhuis a ghraisa,
S than aireamh mòr.

XVI.
Thigibhmach mo chuid Sluaighse
A measg truailleachd luchd do-bheairt
“ ’S gabhaidh missibh dom- ionnsuidh
Chum bhurn-ionnluid or neo-ghloin,”
Ann an èifeachd na fola
Chaidh gu talamh a dhortadh
Airson maitheanas peacaidh
S gum pogadh ceartas is trocair
Na bhàs daShlògh.

XVII.
S ann tha m-ìnntinnscho luainneach
Sa bhios an cuan leis a ghaothaidh,
A dol thuig agus uaithe
Leis a bhuaireadair daonnan;
Air mo chlàbradh mar chriadh
An anamiannaibh an t-Shaoghail,
S cha dean Natar no Siabunn
Mo dheanamhS giamhach rim Shaoghal,
On phlaigh tham-fheoil.


[38]

XVIII.
Ach tha Slaint ann an Criosda
S tobar iochd shlainnt nach tràigh E
S tha E cuireadh namilltean
Chum an lionadh le a lanachd,
Thigibh ithibh is òluibh
Gu leoirluchd mo ghraidhse:”
S glanaidh mis sibh or neo-ghloin
Gur a leoir dhuibh mo ghrase,
S mo shlaint cho mòr.

XIX.
Fhir a lèughas no dhèisdeas
Ris an èifeachdthan Crìosda,
Tha min duil gun co-éignich
E gach crèutair le mhìllseachd;
Feuch! gum bi thu san t-shreud sin
Aigm bheil rèite agus sith ris,
S cha ne lòchran na h-aidmheil
Ach t-anam bhi lionta,
Le gradh da ghloir.

title8
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page