[1]

CEANN-IÙIL AN FHIR-IMRICH
DO DHAMERICA MU-THUATH;
OR ,
THE EMIGRANTS GUIDE
TO NORTH AMERICA
BY ROBERT MDOUGALL, ESQ.

Ni fear a dhfhalbhasna thràth
Biadhus barrsam bi toirt;
Am feadh bhios tàchrain gun stàth,
Adol bàs leis a ghort:
Bithidh piseach agus loinn
Air a chloinns air a mhnaoidh;
Am feadh bhios truaghain gun sgoinn,
Fo na Goill air an claoidh.

GLASGOW :
J. & P. CAMPBELL, 24, GLASSFORD STREET.
OBAN: J. MILLERINVERNESS: J. BAIN & CO.
DINGWALL: A. KEITH.

MDCCCXLI.


[2]

GLASGOW: PRINTED AT THE UNIVERSITY PRESS, BY E. KHULL.


[3]

DON FHEAR-IMRICH

Nuair a bhios sgiobar acuir a luinge fosheòl, ann an caladh a dhùchais, is iomadh sùil a bhitheas adearcadh air. Bithidh cuid ag ràdh, os-iosal, ran companaich— “Nach math a gheibhear e;” ach bithidh cuid eile, air an àm cheudna, ag ràdh— “Tubaist air! chan fhiù e bonn-a- h-ochd; cha chreid mi gus am faic mi e, gun cuir en rudha foidhe:” gidheadh cha neil còir aig neach sam bith air labhairt ris gu follaiseach. Cuiridh e fa sgaoil i, agus bheir e druim na linne air. Ma thig i mìn air chothrom air, càiridh e oirre gach bréid; ma thig i garbh an ceann air, e éileadh air a cuid fhilleag, agus fanaidh e aice mar as fhearr a dhfhaodas e. ’Nuair is an doinionn, agus is dluithan gabhadh, cha neil dha ach am facal a ràdh, agus seaseaidh a ghillean, aig gach ball beairte, agus aig gach ceann slaite, cho ealamh, agus gu h-inbhe bhig cho clis, ris na feòraganan doire nan cnò mu Shamhuinn. Bithidh e, fadheòidh, an gaire don cheann-uidhe rùnaichte; ach, mo chreach! chan aithne dha an caolas ceart a staigh don long-phort. Uisge salach le boghaichean falaich a dhfhuaradh air, agus caoir bharr-gheall tràghad an fhearainn-a- leis agàirich a dhfhasgadh air. Feuch, iomagain a chridhe! nach leòr sgeimh-


[4]

leadh a bheòil, agus colg luaineach a shùl, ’ga thaisbeineadh? Am feadh a bhios easan an iomsgobadh mu na tha dhan dàn, a nochdas ach ceann-iùil foirmeil, le choite bhig sgiobailte, agus ann am platha na boise bidh e air clàr uachdradh na luinge. “Mach dorn de na phriomh sgòd,” their easan, “agus thoir tuilleadh astair dhi. ” “Fosadh, fosadh ort a sheòid,” their an sgiobair; “an cuir mise mi fein agus mo sgiobaan cunnart calla, air do shonsa bheadagain? Feuch dhomh do bharanntas gun dfhòghluim thubhi ad cheann-iùil!” Sparraidh an ceann-iùil a làmhna phòca; bheir e mach a chòir-sgriobhta, agus crathaidh e ri shròin i; agus smid tuilleadh, olc air mhath, cha tig á beul an sgiobaire.

Nach cosmhuil uile ri cor an Fhir-imrich? Bha e adeanamh aghnothaich aig an taigh mar a chitheadh e fein iomchaidh; b-aithne dha ciod é mun robh e, agus cha robh en eisimeil comhairle chàich. Tha e nis ag iarraidh gu cladach fearainn air nach eil e eòlach; tha anCeann-Iùil” ’na làn uidheam, gus a threòrachadh don chala mhiannaichte; agus a litir-bharann tais aige sgaoilte fachomhair, air a sgriobhadh ann an cainnt nach cuir feum air eadar-theangair. Thigeadh am fear-imrich fo chomaraich, earbadh e ás, tha e dìleas da fein; oir cha neil boinena chuislibh ach rogha na fala Gaelich. Ach mus an gabh iad an t-slighe, bu mhiann leis a’ “Cheann-Iùilaon ghearan a chuir na làthair— ’se sin, co


[5]

duilich is a tha e gum b-fheudar dha iomadh bogha-làir agus sgeir iomallach fhàgail ás a chairt, aig meud na cabhaig a bha airga sgriobhadh, agus gu h-àraidh aig cho beag is a tha i. Gidheadh, tha an fheadhainn air na theab e fhéin, agus air an drinn iomadh fear eile, long bhriseadh, air an comharachadh mach gu riochdail innt. Na cuireadh am Fear-imrich teagamhna firinn, guidheam air; oir cha do chuir duine facal an so ach

Fhear-dùcha neo-bhruailleineach,
Agus fhios thairis,

ROB MAC DHUGHAILL.


[6]

FOSGLADH.

Tha imrich nan Gael do dhAmerica ma- thuath a nis air tighinn gu bhina cusbair-sgeòil, chan ann a mháin do luchd-àiteachidhnan gleann,” (oir is cian fada on la a dhfhàgdealachadh nan treunluaidh acasan air a ghnothach so,) ach mar an ceudna do mhaithith na tìre; ionnas gun do mheas ard-chomhairle na rioghachd i airidh air am mìn-rannsachadh féin o cheann ghoirrid. Thog so ìnntinn a mhòr-sluaigh gu léir, air chor is gun robh gach sean agus òg a feitheamh gu furachair rideire gach sgeòil a nasgaidh. ”Ach cha robh am mosgladh so ach a chumailnan cuimhne

Gur treise greim caillich
No tarruing laoich.”

Tha na Gaeil mar a bha iad roimhmòran diubh gun chuid; agus an còmhnadh, mo thruaigh! chaidhdhiùltadh dhoibh, a dhaindeoin dìchill an luchd-tagràidh. Ach ged a chuir so stad air an imrich ann an tomhas mòr, cha do chuir e tosd air am beoil o bhi bruidhinn uimpe; tha America na seanchas cho ùrsa bha i riamh. Gach beag agus mòr abi-labhairt man dealbh a tha etarruingna inntinn féinman nach fhac, agus, gu mòr is lugha na sin, nach do thuig e riamh.


[7]

Bhrosnaich so mise, uair no dhà, gus oidheirp a thoirt air feòirlinn bheag a thilgeadh feadh thiodhlaca chàich; ach thug mi fainear gun robh an tòrr a bhann diubh cho farsuing, chòsach, is gun sióladh i sios ann cho fad is nach toirten aire dhi, agus gum bitheadhceann-iùilsgiobalta, laghach den ghnè air am bheil mi nis ationnsgnadh mòran ni b-fheumaile.

Tha e fior gu bheil iomadh leabhar sgriobhta cheana man so; gidheadh, chan fhiosrach mi gum bheil aon leabhar air a sgriobhadh man so amhàin fhathast, air son feuma muinntreach nan garbh-chrioch,

Ann sachànain don dthug sin ar gaol,
S nach tuigear a caochladh leinn.”

Cha mhò na sin a shaoilear leam nach biodh rud-éiginn den t-seòrsa so anbarrach feumail donfhear-imrich,” air iomadh seòl: —mar chomhairlichan àm a bhifalbhmar cheann-iùil fad na slighemar oid’ -ionnsuich’, agus mar chompannch, ’san duthaich ùir. Cha neil teagamh nach gnothach cudthromach teannadh ri ìnnseadh donfhear-ìmrichciamar a dhfhalbhas, ciamar a ruigeas, agus ciod a ni en déigh ruigheachd; ach bu chòir dhomhsa bhi comasach air a chuirna earalas ma so,

Oir is misebhann, ’sa chunnaic e.”

titleDo’n Fhear-imrich, Fosgladh
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page