[8]

COMHARACHADH.

On a rinn mi nis aithnichte na dreuchdan a ghabh mi os-laìmh, tha mi asaoilsinn gur e mo dhleasannas, sacheud àite, bhicomharachadhmach a tha, agus nach eil, iomchaidh airson an tùruis agus na dùcha ma bheil sinn alabhairt, agussi sin Canada Uachdrach; oir is ise cearna den dùthaich a than tràs san amharc agam. Tha mi co tìtheach air deadh riaghailt sagnothach so, is gun toir mi a cheud làmh air na maighdeannan.

Do chaileagaibh oga, agus do sheana mhaighdeannaibh, cha neil fhios am, ged is mòr am facal e, am bheil dùthaich cho maith ri America ann. Tha an chuid, cosnadh agns pòsadh, soirbh ri fhaotainn dhoibh an sin; agus cha neil an cosnadh tràilleil, no idir trom. Cha neil guth air cliabh no croman, air tràigh no mòine, ’san aìte sin; agus cha neil e fasanta boirionnaich a bhi ri obair-am-mach ann; nis fhaide na cuinneag-uisge no maide-connaidh a thoirt a staigh on dorus. Se muinntearas miosa gnà na dùcha, agusse ceithir dolairsa mhios an tuarasdal cumantagheibh searbhant. Chomhairlichinn do gach gruagaichsa bheil sgoinn, agus aig a bheil cead-a- coise, idheanamh gach dìchill is urrainn i gu faotainn a null gun dàil. Cha ruig i leas a bhitoirt cuallach bhròg leatha, tha caisbheart cho saor thall sa tha i bhos; ach thoireadh i pailteas aodaich leatha, ma tha e na comas, gu sònruichte


[9]

den t-seòrsa sin bhiodh a màthairsa seana-mhathair adeanamh, ris an canar stuth le cuid, ach caimileid le cuid eile. Tha an t-aodach so ro fheumailsa gheamhradh, oir tha e cluthar, blà, agus cha neil e ullamh air teineghabhail mar than t-aodach cotain. Theid an t-srăd a leumas ás an teine (oir bidh sradan cho mòr ri ubh eireig a spreadhadh an tràssa rìs ás an tein’ ’an America) troighùn cotain cho ealamhsa rachadh peileir muisg troi’ ’n ghŭit-fhasgnaidh; ach tuitidh i on stuth mar gum bu lùireach chruadhach a thachradh rithe.

Mun gabh mi soraidh leis na maighdeannaibh, tha mig ìnnseadh gu saor, soilleir, don tha cuir roimhpe nach bi i ùmhal agus feumail do bana-mhaighstir, agus da fear fein cuideachd (ma chuireas an tubaist fearna căr), gun i dhol a null idir a mhealladh nan aineolach; fanadh i far an aithne dhoibh i, agus ciod i a doìgh. Ma tha i gun fhoineachd a bhos, cha b-ann thall dad idir bu mheasaile i, ’nuair dhfhàsadh iad eòlach uimp’; agus tha ìmrich na h-uile mios ro dhraghail agus ro chosdailan America.

Tha muinntir am bitheantas an dùil nach deanadh an duinòg, nach do cleachdadh ri gniomh aig an taigh, feum sam bithan America; ach chan ann mar sin a tha chùis. Ma bhios e grundail, ciallachna nàdartoileach criomag thalmhainn fhaotainn fhein, agus ma thuaiream ceud-punnd Sassunnach aige gus toiseachadh, —faodaidh e tighinn air aghaidh gu gasda, gu


[10]

sonruichte, air glanadh fearainn. Agus carson nach fhaodadh? tha e ceart co eòlach, agus mòran nis usadh ionnsuchadh, air an obair sin, no tha am fear a bha fichead bliadhnana ghille-croinn ann an Albainn. Ach masann a thuarasdalaicheas e seirbhisich le chuid airgid, los gum faigh e a làmhan a bhi na phòcaibh asealltuinn thairis orra, gheibh e briste-coinnimh, agus bithidh ena dhuine bochd ann an tiota. ’Sann a dhfheumas e fearann, tuagh, daimh, fàl-fuinn, cliath, siol-cuir, agus biadh, a cheannachadh; taigh-tàimh agus sabhal a thogail, leis an airgiod; agus an obair a dheanamh ann am fallas a ghruaidhe fein, gus am bi e murrach air tuarasdal a luchd muinntire a phàighidh le toradh a shaothrach. Mur gabh e os-làimh so uile a dheanamh, cha neil e iomchaidh gus a dhol a null; fanadh e mar thaige.

Na cuireadh e cùram idir air an duinòg, a thana chosnach math, dol do dhAmerica, ged nach biodh bonn aige ach na phàigheadh an t-aisig. Gheibh e cosnadh co luathsa chuireas e chas air tìr, agus tuarasdal math cuideachdo leth-dolar gu dolarsan lathao dheich gu deich dolair ficheadsa mhioso fhichead punnd-Sassannach gu fhicheadsa bhliadhna. Mar so, chithear gum fuiling an tuarasdal prìs an aodaich às an sin, daors mar a tha e, cho mathsa ni en so, no beagan nis fhearr. Ach cha ruig fear, air ùr dhol a staigh don dùthaich, leas sùil a bhi aige ris an àrd thuarasdal; oir chan airidh


[11]

air e, gus am fòghlum e obair an àite. Is gnothach ro thruagh do fhear den t-seorsa dhainmich mi bhi fuireach ann am bochduinn an so, am fadsa tha leithid America ri fhaotain aige. Biodh e falbh, ma-tha; agus ma bhios e crionnta, bidh aig’, ’an ùine ghearr, rud nach toir fear eile bhuaith am fadsis i Breatann is muime do Chanada.

Am fear a tha falamh agusna dhroch cosnach, gun fheum dha fhein no do dhuineilegun tlachd aig de onarach sam bith, ach afalbh man cuairt le gunna, ri meirle-sìthne agus nithe mi-laghail eile den nàdar cheudnafanadh e far am bheil e; chan iarr mi idir air a dhol do dhùthaich nach eil freagarrach air a shon. Gidheadh, ma bheiran ni a chuir an earb air an lochair a bhibogadh nan gadás a cheann fhéin, tha comhairle agam ri sheachnadh dha: —Thoireadh e leth-chrùn don ghobhadh, dhfheuch an dean e slàbhraidh no bùlas den ghunna, a bhios aig achrochadh na poit bhuntàta. Faodaidh en crios-guaillethoirt leis, dìreach mar a tha e; oir, ma gheibh e daimh am feasd, bidh e feumail dha a cheangal a chluig ri amhaich aoin diubh. Gunna! ’s rud sin nach iarrainn air duine sam biththoirt leis, ach air aon duina mhàinse sin easan aiga bheil mòran airgid, agus aig nach eil fhios ciod è bu chòir a dheanamh dheth. Faodaidh e so gunna thoirt leis; oir is tric a chunna mi, ’nuair a theirigeadh an t-airgiod doleithid, gum biodh an gunna làthair.


[12]

Bochd no beartach, sean no òggam bheil am fear a tha déigheil air deoch-làidire, cha neil miga fhuran-sa null. Cha neil; oir cha bu mhath leam giorra-shaoghailthoirt air. An dùthaich annsna cheannaich mi am botul branndaidh (ged nach bu mhi fhéin a dhòl e) air thasdan, agus annsan tric a chosinn mi ceithir tasdainsan latha, an iarrainn air-san a dhol ann? Chan iarradh; ach cuireadh e staigh a shìde car thrì bliadhna aig Comunn na Stuamachd, rachadh e rìs a null, agus bheir a bheansa chlann am beannachd air.

Gach BrògairCùbairGobhaSaor-chairteanSaor-gealSaor-longTaillear agus mar sin sios, nach eil gle choromach aig an taigh, ben gliocas dhoibh grad fhalbh; oir luchd ceairde gu ro mhath ann an America. ’Se eadar dolar agus dolar gu leth tuarasdal latha bha aca ann sna shiubhail mise riamh den dùthaich; se sin, o cheithir gu sea tasdain den airgiod againne. Cha neil feum idir air Buachailibh ann, mur toisich iad ris an tuathnachas, agus ma thòisicheas, ach iad a bhi cuannta, ni iad cho math ri seòrsa sam bith eile. Tha mòran de na Ceannaichibh, agus tuillesa choir de na h-Osdairibh deanamh saibhrisan Canada. Tha na figheadairean, ann an seadh, cosmhuil ris na Buachailibh; cha neil mor fheum air an seirbheis, ach b-aithne dhomh feadhainn Ghaeleach dhiubh a thòisich riglanadh fearainn, ’sa bha tighinn air aghart gu ro mhath. Bha iad sonan starb-


[13]

hanaich chalma, air an deadh àrachadh, on òige, air a bhunndaist; ach cha saoilinn gun deanadh an fheàdhainn chaola dhis, a bhios annsna bailtibh mora, ’bheag de fheum ann. Air son Fidhlearan, Piobairean, agus luchd ealaidh mar sin, cha fhreagair America dhoibh; cha neil an tuath-cheathrn co gòrach, is gun tilg iad am maoin air falbh air neònachas gun tairbh an sin idir; cha neil Baigeirean ann agus ma fhuair na Ceardan an rathad a null, chan fhaca mi gin dhiubh, ’s cha mhò a thachair an obair, na spàinean adhairc rium.

Gach fear a tha mach air aois na Saighdearachd, ( fhichead agus sea deug,) ged a bhiodh e cho fallain ris an dobhran, cha chuirinn impidh air gus a dhol fairge; nis lugha no tha nighean no dha aige nach do ghabh sgaoileadh le posadh, agus mar sin sios, fhathast. Sin, no sgioba fearail de bhalachain òga; tha comasach air an làmh a chuir ri cosnadh tìre, seoladaireachd no iasgach. Se aoissam feumaile an seòrsa so dan athraichibh, tha dol do dhAmerica, o dheich bliadhna gu ochd deug. Gu dearbh, tha fear an bhliadhna dheug, ma bhios e air oileineachadh mar bu chòir, (ni; ged is nàr ri ìnnseadh e, tha tuillis aineamh atachairt am measg nan Gael) beul ri bhi co feumail ri duinean tréin an neairt. Ach -dhiù, ma tha teaghlach den leithidean so, aig an fhear ma bheil sinn alabhairt, is cruaidh-chridheach an dha bhigan cumailan so, agus chan ann orrasan a


[14]

mhàin a tha edeanamh na h-eucoire, tuitidh a chuid is air a cheann fhein dith; oir bhiodh iadsan mòran na bu chomasaich air còmhnadh leis thall no bhios iad a bhos.

Ach, mo chruadal! tha aon fhear eile fhathast don fheudar dhomh comhairlethoirt. Ach ciod a ruigeas mi leas, ’snach mòr nach dthug mi dùil-thairis-dheth cheana? Sann a chuimhnicheas e dhomh chaol as t-earrach air dol am fèithe, ’sa bheir oidheirp no dhà an toiseach air a chruadhlach a bhuidhinn, ach nuair nach teid a chùis leatha gumiann, ni i osnadh throm; bheir i sealladh cianail air aghaidh an tuim a tha fa-chomhair, agus, an sin, ni si i fein co rèidh ri staidsis urrainn di. Se so, gun atharachadh, am fear a than sàs an criomaig bhochd fhearainn saGhaelteachd, apàighidh, abair, o dhà phunnd-shasannach gu leth-chiad de mhàl; agus, eàdhoin gu ceithir-ficheadsgu ciad an cuid a dhàitibh. ’Se so a cheart fhear air am bheil feum aig America, agussi America a cheart dúthaich air am bheil feum aig an fhear so. Tha e, gu cìnnteach, ’na ghnothach fior mhuladach a bhifaicinn a chlaidrichidh chlaoidhtich a thair mòran den t-seòrsa so feadhnan Gleann,” gun dad aca, faodaidh mi ràdh, air-son an saothrach; iad fhéinsan teaghlaichean ag àiteachadh mìre de dhroch fhearann nach fuiling tuarasdal luchd muinntreach ás; ’scha sin amhàin, ach nach paìghidh tuarasdal sheirbhiseach ged nach iarrte màl idir air a shon; agus, os-bàrr, nach


[15]

cumadh teaghlach suas ann an dòigh cheairt ged bu leò fhéin ás a ghrunnd è. Tha an dream so air an sàrachadh atogail an cloinne an toiseach; tha a rìs, an clann, acall an ùine maille riusan, agus ma dheire air an sàrachadhgan cumail san suas, gun-sion-saoghalta ac air-son na h-uile căr goirt agus trioblaideach a rinn iad riamh. Sann a bhios nitheana fàdheòidh cho bochd is nach comasach dhoibh an dùthaich fhàgail ged a bhiodh iad deònach; am mac a saoithreachadh nis deine non t-athair; gidheadh, e mòran, nis àimbeartaich. Cia eucoltach ri so, tha cŏr teaghlaichan America! far nach ruig am mac leas fadal a ghabhailcòmhnadh an athar, ’nam b-ann mar sin a bhitheadh, ach chanann; sann a than t-athaircòmhnadh a mhic, oir sealbhaichidh am mac, cha mhàin fearann an athar ach a shaothair mar an ceudna. Tha toilinntinn aig an fhear a tha togail teaghlaich an America nach eil tuath na Gaelteachd a tuigsinn. Ged thòisicheadh e air an ana cothrom, bidh e sior dhol am feothas agus neartaichidh so a mhisneach gu buadhhachadh àir gach cruaidh chas a dhfhaodas a chòlachadh. Ged thig e dhachaidh gu fann, airsneulach air feasgar di-sathuirn, ’nuair a theid eshealltuinn ma ghnothachan ath dhi-luain, ’sa chì e na rinn e air an t-seachdain a dh fhalbh, ás-ùr mar gum b-eadh, ’sa their e ris fhéin, nach toir fear eile so uaithe san ribheò, no bho shlioc an déigh abhàis; cha tuig fear gun fhein-fhiosrachadhsa chùis a


[16]

smuaintean. Thig a liuthad latha fadabha eg obair air fearann dhaoineile an toiseachna bheachd, agus an t-suim a bha eg iocadh dhoibhsa bhliadhna chionn gum faigheadh e chead a bhig obair air. Trèoraichidh so e gus cuimhneachadh air an droing a dhfhag e na dhéigh ris an obair cheudna, agus air an iomsgobadh thruaghsa bheil iad, agabhail egail mur leasaich iad a chroit gu math, nach bi aca no chumas lòn geàmhraidh riu; agabhail eagail ma leasaicheas iad ì, gun tairg fear eile crùn a bharrachd oirre, is gum bi an saothair san caillte: ni e osnadh, an toiseach, agabhail truais dhiubh; an sin, ni e faìte beag gàire, afanòid orrair-son an gòraiche, agus tòisichidh e, “ri fathamansan latha mhath,” air a ghnothach fein.

Nis mus an leig mi an ceann so den ghnochach ás mo làmhan bu mhath leam an Leughadair a bhi làn-thuigsinn nach eil mig iarraidh, air dhòighsam bith, air an fhear a tha math nis leòir dheth a bhos, a bhi falbh; ’sann a bheirinn a chomhairle air fuireach, ged a bhiodh falbhna bheachd. Cha mhò na sin a bheir mi misneach don fhear nach fhalbhadh ach an aghaidh a chàile: tha iodhol air-chor-éiginn aige-san a bhos, agus bithidh e goireasach dha fanachdna fhocair. Am fear aig a bheil cuibhrinn chothromach a bhosgidheadh, nach eile toilichte onach eil cŏrag aigam millseineachd na tìre tha thall cuideachdcuimhnicheadh e,


[17]

Ged is ciocrach an cam,
Nach feasdail e bhos as thall”—

foghlumadh ebhi taingeil agus fanadh e far am bheil e eòlach.

title1
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page