[66]

BEACHDAN MA AMERICA, &c .

Rinn mi nis an t-iùl air fad-fiaraidh na dùcha dan luchd-ìmrich, ach ged a rinn, tha fios agam nach drinn mi na bu mhath leo uile gu léir, agus gun abair iad rium, “on a rinn thun réis dean an oirlich,” on a rinn thun t-iùl duinn don dùthaich innis dhuinn an t-àite dhisan còir dhuinn tàmh a ghabhail; ach faodaidh cuimhne bhi aig an Leughadair, nach do ghabh mi os-làimh so a dheanamhan toiseach mo leabhrain, agus gu dearbhse aon de na nitheana mu dheireadh bu mhath leam a chuir mar fhiachan orm. Ach ged nach do gheall mi so a dheanamh, tha mi cho tìtheach, air na h-uile riarachadh is urrainn domh a thoirt do mo luchd-dùcha, is gun leig mi ris daibh mo bheachd air a chùis sin mar an ceudna: mo bheachd a deiream, oirse mo bheachd is chan i mo chomhairlebheir mi seachad, agus tha mig ìnnseadh gu follaiseach nach eil mig iarraidh am beachd ceudna, a sparradh nochalcadh an ceann non cridhe fir sam bith, nis fhaide no dhfhosglas fhiosrachadh féin, agus seadh cudthromach nan reusan a chuireas misena làthair, bealach dhoibh.

Do fhear an teaghlaich, ma ta, ’se mo bheachd-sa gur i Canada Uachdrach dùthaich is fhearr atha aig Breatann ann an America, agus is iad na ceàrnan àraidh a chotharaichinn a mach dha air thoiseach air càch uile, Home District, London District,no anHuron Tract. ’Se mo reusan,


[67]

is cudthromaicharson roghainn a dheanamh de Chanada Uachdrach mar dhùthaich, gur ann innte a tham fearann is fhearr, agus nach eil an geàmhradh cho fada no uile gu léir cha fuar innte, ’sa tha e ann an Canada Iochdrach, ’an Nova Scotia, ’an Cape Breton, &c . Aig feothas a fearainn a bharrachd air na dùchannan a dhainmich mi, faodaidh cruineachd, cularain, tombaca, agus mar sin sios, a bhifàs don fhear a bhiosan Canada Uachdrach, am feadh nach bi acasan a bhios ag àiteachadh nan dùchannan eile ach maothranan meanbha de bhuntàta bog, sleamhuinn, agus deiriolean aotrom de chorc crion, còsach, a dhabuicheas an reòtha sàmhraidh, theagamh, ceithir latha deug roilùnasdainn. Agusse reusan is cudromaiche, airson nan àitean àraidh dhi, a chotharaich mimach, a roghnachadh, gum beil fearann nis fhearr annta no than iochdar na dùcha, agus nach eil iad cho fuar, gum beil fonn nis fhearr annta no thasanWestern District,agus nach eil iad cho mi-fhallain no idir cho buailteach do reotha sàmhraidh. Ach cha bu mhath leam air son so uìle, gun saoileadh mo luchd leughaidh gur dùthaich bhlà Canada Uachdrachsa gheàmhradh; cha nèadh, is fhad a ghabh sin uaipe; agus faodaidh am fear nach robh riamh á Albuinn a bhibruidhinn, aleughadh, smuaineachadhsa bruadaireadh air fuachd gus an liath e, ach ri bheò shaoghal cha tuig e meud an fhuachd a than Canada gus am fairich se e fheìn airneo fuachd eile cho mòr ris.


[68]

Dhfhairich mo chluasan-sa roiso e, ach ged a dhfhairich, cha neil cainnt agam gus a chruas a chuir an cèill, a ràdh na firinn, cha neil a Ghaelig comasach air a chuir an céill, agus o nach eil, thug mise dùil-thairis gubheil cainnt eile ann an ni e. Ach ged nach eil mise, no mo chainnt, murrach air a phlatha is teagmhaiche de theanndachd a riochdachadh do mluchd-dùcha, gidheadh, on chaith mi trì gheamhraidhean fada fada, ’m fearann tiorail Cuideachd Chanada uaireiginn, gabhaidh mi oslàimh fad gach geamhraidh fa-leth dhiubh sin ìnnseadh dhoibh. Mhair a cheud aon diubh so sea miosan air a shùil; ’se sin, thòisich a ghaillionn air an t-seachdamh latha fichead de mhios mu dheireadh an fhoghair, agus air an t-seachdamh latha fichead de mhios mu dheireadh an earraich bha a chuid bu mhò den talamh rismhair an dàrna aon diubh so dìreach trì miosan agus seachd làithean; ’se sin, thòisich a ghaillionn air a cheud latha de mhios meadhonach a gheàmhraidh agus air an t-seachdamh latha den Mhàrt, ’se glè bheag a bha làthair dimhair an treas geamhradh dhiubh so còig miosan as beagan làithean, thòisich a ghaillionn air-san mu latha Sàmhna agus dhfhalbh i air a cheud seachdainn den Ghiblean. Nis ged bha na geamhraidhean so fada, a bharrachd air a bhi fuar, cha tigeadh iad an gaire, an aona-chuid den dithis, do mar a bha iadan iochdair na dùcha; agussann a tha daoinetheid suas á Canada Iochdrach agus àiteachan


[69]

mar sin, afaotuinn faochaidh cotharaichte, ri linn na h-ìmriche, thaobh fuinn agus aimsreach. Ach ged a tha e soilleir do na h-uile neach a shiùbhlas America Breatannach, gur i Canada Uachdrach dùthaich is fhear dhi, air-son an fhir aig am bi teaghlachsa bhios acuir roimhe dachaidh bunaiteach a dheanamh dha fhéin agus don iarmad a thigna dhéigh, dhfhairslich orm riamh a thuigsinn carson a bhiodh i nib-fhearr no àite sam bith eilesan dùthaich don fhear a thacuir ùidhsa chosnadh, agus nach eil ach afeuchuinn ciod é am bruanan airgid a bhios aig air a chnuasachadh aig ceann na bliadhna. Tha tuarasdal math ri fhaotuinn gun teagamh an cuid de Chanada Uachdrach, ach ma thà tha h-uile ni eile daor do réir sin, agusnuair a chuireas neach an chuid mu choinneamh a chéile, cha mhòr nach saoilinn nam biodh cosnadh cùnbhalach aig fear an àite sam bith eilen America, gum faodadh e deanamh cho math annsa dheanadh éan Canada Uachdrach. Cha neil ag nach eil gleadhadh math air seirbhisich ann an àitibh tha greis suidhichten sin, ach mase lòn sòghail a bhios a dhìth air neach, ’si comhairlebheirinn air, edhol a null am measg nan Yankach, oir cha dean Canada gille màileid dona Staidibhsan t-seadh sin. Tha micreidsinn nach biodh a bheag a dhaobhar aiga bhidi-moladh na h-iomlaide air dhòigh idir, oir tha oibreandol air aghartan sin na h-uile latha deugsa bhliadhna, agus tuarasdal nis fhearr no tha air an taobh


[70]

againn den chrìch. Theid meas agus modh duinuasail a thoirt don chosnachan sin. Ged a b-e an Ridir mòr IMRa mhaighstir suidhich e air an aon bhòrd ris, agus cha sealla[ ? ] idir sios air air-son e bhina dhuine bochd, mas duine dìchiollach, onarach e, aig am bi giùlan math air fheinna ghairm mar chosnach, ’s ghluaiseas e fhein gu neo-oilbheumach do cho-fhlaitheachd na tìres don teaghlachsam bi [ ? ] ’tuineachadh, agus osbàrr a ni e fein feumail do’ [ ? ] a thuarasdalaicheas e. Agus chan ann do luchd-cosnaidh amhàin tha na Staidean freagarach; ’nuair a ghabhas mi gach cothrom a tha air an thaobh gumsmuaineachadh, tha mi air mo cho-èigneachadh gu bhi de bharail, gubheil roinn dena Staidean nis fhearr air-son duine tapaidh, eòlach, aig am bi cuibhrinn mhath airgid gus tòiseachadh ann, no tha gréim idir de chòirichean Bhreatainn. ’Si Stàid Ohio agus roinn de Staid Michigan, gun teagamhsam bith cearnas freagaraiche do Bhreatannach, a thaobh aimsreach, a tha eadar cheann America; agus tha e nis soirbhe fearann a cheannachadhan sin no tha ean còirichean na Ban-righ. Tha fearann Chanada air a reiceadh cho àrd ri dolar is tri chairteil, ’nuair nach eil fearann nan Stàid ach dolar is cairteal amhàin. Agus tha naYankaichtoirt cothrom eile do dhaoinean car fearainn a cheannachadh, ’se sin, ma phàigheas neach an còigeamh de luach an fhearainnnuair a ghabhas e seilbh ann, gheibh e còig bliadhna


[71]

dhàlach, gus an còrr a phàigheadhna chòig earainnan, earainn leriadh an ceann na bliadhna. Bithidh e feumail dhomh a thoirt fainear, ’san àite so, gum bheil a Chuideachd Chanadach aleantuinn na riaghailt so, ach se dòigh air am bheil fearann na Ban-rìgh rishealbhachadh, còig puinnd shasunnach, den luach, iocadhan seasamh nam bonn, agus an t-iomlan den chòrr ochd latha on latha sin, airneo bithidh am fearannsna còig puinnd maille ris aig luchd-gnothaich na Ban-rìgh, agus gheibh am fear ìmrich a chead a bhisealltuinn mu chaisbheart. Chan urrainn do dhuine neo-chlaon-bhreathachsam bith, a chì an dhùthaich, àicheadh nach eil na Staidean atighinn air an aghaidh anbarach brais seach mar a tha Canada, oir b-urrainn domh bailtean ainmeachadh ann, a chaidh a shuidheachadh air an aon bhliadhna ri baile mòr na Cuideachd, om beil an diugh trì rathaidean iaruinn afalbh, agus annsam beil phaipeir naigheachd, a bharrachd air farbhasan beaga, air an clò-bhualadh gach seachdain. Faodaidh am fear a cheannaich àitesan nàbuidheachd sino cheann bhliadhna dheug air crùn an acair, a reiceadh a nis air seachd puinnd no math-dhaoite air phunnd deug an acair, a thuille air feum an fhearainn a bhi aige, am feadh a bhachuid airgid na laidhe ann. Agus ciod é is cionfàth air sin uile, ach a mheudsa thadol ann de luchd ìmrich, agus nom faigheadh am beagan chàirdean dealaidh, a tha fhathasd beò aig na Gaeil, an dùrachd, air


[72]

chor is gun rachadh a chùis a bha iad atagradh dhoibh, agus a chùis, tha dòchus agam, a bhios iad atagradh fathast dhoibh, leò, bheothaicheadh Canada air achd is gum bitheadh ina h-àilleagan aig Breatann, ’na h-onoir do luchd tagraidh nan Gael, agusna dachaidh sàsda, seasgair, saibhir dan fhear-ìmrich. A chum a chùis sothoirt mun cuairt, cha neil Gael bochd eadar Cluaith as taigh Iain-Ghròt, do nach bu chòir an aon ghaoir a thogail an cluasaibh àrd riaghlairean na Rioghachd, air-son aisig a nasgaidh fhotainn a null agus fearann a nasgaidhnuair a ruigeadh iad, agus tuille chan iarrainn am fear do nach fodhainnn sin chan fhiù e a thoirt on ghriosaich. Togadh iadsan an caoirean gearanach so, mata, agus na biodh cùram orra nach tuigear e, oir giùlainidh fannan fòil de dhoiteig fhallain nam beann e, gun truailleadh, troigach gàbhadh, clàbraid as othail, gus, ma-dheireadh-thall, an seirm e gu h-oscara fonnar ann an cluais deis Victoria. Na cuireadh iad mac màthar do pharlamaid, agus cha mhòr nach abrainn do chùbaid, mur bi e air-son ìmrich shaor agus fearann a nasgaidhthoirt don t-sluagh, agus na gabhadh iad clos no suaimhneas gus am faigh iad do dhùthaich a tha feumach orra agus do dhùthaich air am beil feum aca agus fàgadh iadbodaich nam briogais,” na madaidh, agus na caoraich mhòra, gus a bhideanamh balg-ri-gréin air aghaidh nam brudhaichean.

title12
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page