MU GHLANADH FEARAINN, &c .

Tha cuid de na Gaeil an dùil gur obair anbarrach spàirneil fearann a réiteachadh ann an America, agus tha cuid eile dhiubh an dùil nach eil ann ach rud nach eil idir doirbh a dheanamh. Nach iongantach an gnothach, ma-ta, nach eil aon dena buidhnean so ann an mearachd? Oir tha fearann a ghlanadh ann an Americana obair anbarach uile goirt, ’se sin ri ràdh, mur gabhar an dòigh cheart air; agus, air an làimh eile, cha neil e ro dhuilich, don fhear is aithne ciamar is


[76]

còir dha a dheanamh. Cha bhi fhios aigan fhear imrich air sin, nuair a ruigeas e, agus ciamar a bhitheadh? rud ris nach dfheuch e riamh; agus ris nach fhac e a bhifeuchuinn. Ach mur bi fhios aige fhein air, is iomadh fear eòlach a bhios deas gus a chòmhnadh le chomhairle a cheud latha a thòisicheas e air an obair sin; fhear dheug agus comhairle air leth aig gach fear. On a chuireasgriobhag, briot as gusgal neachna bhreislich,” bheir mise mo chomhairle fhéin dha mus an cruinnich càch.

Gabhadh am fear ìmrich mo chomhairle-sa agus na toireadh e feartair comhairle sam bith eile gus am faic e am freagair an tha mise cuir roimhe, ’se sin, e a ghearradh na coille-làir mus an tuit an duilleach dhias t-fhoghar, agus ega trusadhna torran sgiobalta dòigheil air muin a chéile, agus cuimhnicheadh e gun gabh e mo chomhairlesa gearradh lom gu leòr. Mur téid a gearradh leis an duillich cha bhi teine furasd fhadadh innt, agus mur teid a gearradh lom, gabhaidh i roimh na h-uile ni thigna rathad agus is fheudar a gearrach an dara h-uair. ’Nuair a thòisichear ri leagadh na coille mhoìr, is fheudar a chuimhneachadh nach eilna leagadh ach ceann aotrom na cùise, gur e a tòrradh air a chéilesam beil a chuid is den obair aco-sheasamh, agus on is ann gur còir sealtuinn a mach ann an àm. Is còiran còmhnuidh dearcadh cionnas a gheibhear trì no ceithir dhiubh a leagadh ri taobh a chéile, mas comasach e,


[77]

air achd is nach bi gearradh no carachadh tuilleadh, ri dheanamh orra; oir a mheud diubh is nach leagar mar so, feumar an gearradh ann an ceithir non còig troidhe deug a dhfhad, agus an tarruing a dhionnsaidh an aon àite le daimh. Chithear o so, gun caomhnar dragh an gearradh agus dragh an torradh, ann an tomhas mòr, ma leagar air an dòigh cheairt iad. Agus chan iad na buin, amhàin, fhaotainn ceart ris an éiginn dearcadh. Is fheudar beachdachadh ann san àm cheudna ciamar a gheibhear na barran aca cuideachd; oir mur sgathar a bharrach sios gu mìn leis an tuaigh, agus mur càirear suas gu dlù, dòigheil, air a chéile i, cha mhòr nach bi i co draghail ris a chuid eile. Ma bhios neach deònach a chraobh a leagadh ris an àirde deas, tòisicheadh e air agearradh air an taobh deas an toiseach, agus gearradh a troimhpe gu math seachad air a meadhon i, rachadh en sin a dhionnsaidh na taoibh tuath dhi, agus cumadh en gearradh beagan nis àirde innt’, agus mar sin, ma bhios e seòlta, gheibh e a cuir an taobh is àil leis. ’Se na h-uile craobh is , is còir a leagadh an toiseach, mur bi iad freagarach gus an sgoltadh air-son challaidean; ach ma bhitheas, ’si dòigh is fhearr am fàgailnan seasamh gu deireadh. Feumar fiodh nan callaid a ghearradh cho goirid ri throidh dheug, air chor is gum bi e nis soirbhe is sgoltadh, agus nis freagaraiche air-son an fheuma sin. ’Se ceithir oirlich air tiuigheadsam bitheargan sgoltadh so; agusse leth-dolar


[78]

an ceud is àbhaist doibh a bhigabhail air-son an deanamh. Tha an acair choillecosdadh o shea gu naoidh dolair air-son a gearradh, agus mu uiread eile sin air-son a losgadhsa dùnadh. Cha bhi am fear ìmrich air ùr ruigeachd ach fior chearbach air na h-uile cuid diubh so, agus ón than gearradh, gu sònruichte, ’na obair chunnartaich, is còir dha bhi faicilleach, gu h-àraidhan am a bhileagadh craoibhe, oir ceart co luathsa dhfhalbhas i bhàrr a buinn, theagamh gur cam gach còdhail dhi ach a dhol an sàs ann an te no dhà eile a dhaomas i roimhpe leth rathaid a dhionnsuidh an làir, agus an sin, ma gheibh iad an cead, spreadhaidh iad air an ais a cheart cho fada gun cùl, afroiseadh mheanganus ghaganus gheug, air an àm cheudna mu chluasan neach, cho luathus cho lionmhorsa chaidh dòrlach shaighdean a stiùireadh riamh o nataifeidean cainbemun cheanna-bheairt aig Don Quixote. ’Se grad leumadh air cùl craoibheile a chomhairlichinn do neach a bhiodh saghàbhadh so, oir tha an dàrna ceart co comasach air a dhionadhsa than eile air cuir ás da. Tha neach a bhios na choigreach air an tuaigh fuasach ullamh air e fein a mhilleadh leath’, an tùs, mar an ceudna. Chunnaic anCeann Iuilfeadhainn a chuir mìr den bhròig, leis na h-òrdagan, gu taobh eila bhailedhaon sguidseadh. Chunnaic e feadhainn eile, a fuaigheal na bròige, na coise, agus na craoibhe ri chéile leis an tuaigh, gus an spionta ás i le neart sgròbaidh. A chum gach


[79]

tubaist den ghné so a sheachnadh, co fadsa ghabhas, is còir don fhear ìmrich gach cùis a ghabhail anbarach socrach, gun dad cabhaig a bhi air. ’Sann mar sin is fhearr a dhionnsaicheas e, agus is ann is a e cuideachd, oir cha dean griobhag agus briogarlaineachd bheaga, obair Americathoirt gu crìch idir. Cuimhnicheadh e nach h-obair an diughsam màireach, no obair am bliadhnasan ath-bhliadhna, air am bheil etionnsgnadh a nis, ach obair a chumas ris am fadsis beò e, agus cha sín amhàin, ach nach bi leth criochnaichtenuair a gheibh em bàs. Coma, cha neil sin ag ràdh nach bi easan gu math oirre; ’ a bhitheas, agus mar is aineolaiche oirran tùs e, ’se sin feothas na cùise, oir ged is gnothach iongantach le cuid e, tha h-uile cinnte, nach robh, nach eil, agus nach bi, am fear a bhios cleachdta ris an tuaigh aig an taigh, math oirre an déigh dha dol a dhAmerica: bithidh e dìreach cosmhuil ri migearlan balaich, a bheireadh còig bliadhna ann an droch sgoil, oirs usadh deadh sgoilear a dheanamh den mhaothran aig nach eil an A, B, C, no trian den t-sean droch dhòigh a chuir á cheann-sa. ’Sen geamhradh aimisir gearraidh is fhearr gu mòr. Bithidh am fiodh-cruaidh nis buigesan àm sin leis an reotha, agus cha bhi e idir cho righinn no cho doirbh ri chuir ás a chéile, ’sa bhios esan t-sàmhradh. Is tric leis an aimisir a bhi cho fionnar sagheamhradh cuideachd is nach bi an gearradair an cunnart mòran fallais a chuir dhe. Gabhaidh e o ochd


[80]

latha gu latha dheug a ghearradh acrach gu ceart, do làimh eòlaich, fhoghainntich; ach dhfheumadh fear-ìmrich air ùrdholás an t-sean-dùthaich ochd latha deugga h-ionnsaidh, agus cha bhoidh i ceart aigan deigh sin uile; tha an tuagh na h-obair chigilltich, ’sethigeadh oirrefear a bhiodh mar cheaird rithe sònruichte.”

Cha ruig neach leas oidheirp athoirt air a choillelosgadh am feasd gus an tig teas an earraich gu math a staigh, agus gus an saoil e gum bi h-uile ni, chí a shùil, an impis teineghabhail leis fhéin, mar cuirear ris air dhòigh eile e. ’Si a bharrach a cheud rud air am feuchar an gealbhan, agus mur bi i tioram nis leòr, agus drothan math gaoith ann, is coirbtan obair i: is miosa i deich uaire fichead no falaisg an fhraoich. Cha bhi ciabh no maladh, air fear a bhios ris an obair so, nach bi dòthta cho ruagh ri bus a bhuilg-shéididh. Nuair a gheibhear a bharrach loisgtesen ath rud air an toirear làmh a choille mhòr a chàrnadh. Feumaidh an obair so ceithir dhaoine agus cuing dhamh a bhi còluath rithe. Is còir do sgioba den àireamh sin, acair a bhios air a leagadh agus air a gearradh ceart, a chuir cruinn ann amu thuaiream còig tòrr deug thar a fichead, ann an latha. Achse dòigh is bitheanta, na bhios a dhaoine, ’s de dhaimh, ann an nàbuidheachd, ’chruinneachadh air aon latha, dhionnsuidh gnothaich den ghné sin. Gach còigeamh fear a bhin urradh ris na daimh oibreachadh, agus a sgioba féin aig gach fear air leth,


[81]

gus na maidean a chàramh suas air a chéile, ’nuair a bheir easan h-uca leis na daimh iad. Faodaidh neach a bharalachadh gur obair shundach i so, gu h-àraidh, ’nuair a thuigeas e gum bi fear còrr air an achadh. Fear corr! ach ciod é a bhios easan adeanamh? An gille glan! Bithidh afalbh mun cuairt cho luathsa bheir a dhà chois esag éibheachadhgrog, grog,” o mhuch gu dubh, gus an tùch air. Bithidh cuinneag mhòr, làn de dh’ “uisge luathruich an lòinaigesan dàrna làimh, agus eile, h-uile buille cho mòr rithe, ’san làimh eile, làn de stuth-na-tòiseachd —— bidh còrn thoirteil aplumanaich air a h-uachdar so, ceart mar gum bitheadh sia-ramach bheag air acair ann an long-phort Gaeleach ann, agus togaidh gach fear, a dhionnsuidh an tig angrog Boss,” làn, agus sùgaidh e sud leisbheir e, an sin, sraonadh gus ionnladhbeòil fhaotainn den uisge, ach tha tubaisdean cho buailteach do dhaoinibhan sinsa tha iadan àitean eile, agus is co dòcha gur ethogas e còrn eile den stuth cheudna. Bithidh gach goireas eilega réir sin fad an latha, achnuairthig an òidhche, bidh rud nach suail ann. Gabhaidh na suinn an suipeir, agus gabhaidh iad gu math i cuideachd, agus b-olc an airìdh mur a gabhadh, oir is tric leatha a bhi co math is nach ruigear leas a bhigan earail thuice; gu sònruicht’, on bhios an gàirdeanan, ’san dromannan fhéin, ag ìnnseadh dhoibh gur math a choisinn iad i. Tòisichidh, an sin, an stuth milis ri dhol


[82]

man cuairt. Sen t-òran an ath fhearas chuideachd air an tùirear. An sin deoch-slàinte, agus, o cheum gu ceum, gus mu dheireadh, am bi iad apiocadh nan sùl á chéile. ’Se so cuideachd an dòigh air an tric leò cruinneachadh agus dealachadh ma thogail aitreibh. Ach ma ghabhas am fear-ìmrich mo chomhairle théid e dhachaidh mus an tòisich am buala-chnap.

Gu pilleadh dhionnsaidh mo ghnothaich, ’nuair a gheibhear am fiodh cruachta cuirear teine air mullach gach cruaich, agus cumar thuige e gus an caith e an t-sliseag mu dheireadh dhi. Is fheudar gach bioran, sliseag, as duilleag, a bhios air an talamh a sgriobadh ri chéilenan dùnain, an sin, agus teine chuir riu mar ris a chuid eile; agus na h-uile faicill a thoirt gan sgaoilear an luath mus an tig uisg oirre; oir ma nighear a brìgh aiste, air an àit air an téid a losgadh, cha mhòr a dhfhàsas ás a bhliadhna sin. ’Nuair a bhios gach tùrn a dhainmich mi ullamh, cha bhi de mhaille air neach gun an talamh a chur, ach fhadsa bhios edeanamh callaide mun cuairt air: fanadh trì troidhean de gach stocsan raon, gu bhitogail fianuise, airdìchioll gniomha thuathanach.”

title14
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page