MA FHEUR, &c .
Ma’s miann leat gu’m buain thu feur bhàrr an fhearainn a ghlanar leat fein ann an America, na gabh gu h-olc mise ’dh’ ìnnseadh dut, gur éiginn dut a chur an toiseach; oir ged ’leigeadh tu fàs e, an déigh a réiteachadh gu t-àilleas, cha tigeadh bil feòir á talàmh ann: agus ìnnsidh mi dhut carson. Ged tha coilltean America ainmeil air-son cho math ’sa dh àraicheas iàd feudail, cha ’n ann le feur nàdarrail, mar their sinne ris, tha so a’ tachairt, ach le luibhibh de dh’iomadh gné ’tha anbarach brioghar agus cotharaicht’ a thoirt fàis, agus saille, araon, fad an t-sàmhraidh. Fhuair gach gné de na luibhibh so riaghailt àraidh dhoibh fein, mar gum bann, o nàdar; oir tha aon seòrsa a’ falbh agus seorsa eile a’teachd, gun fhios agamsa (no aig neach eile, tha mi an dùil), carson. Mu’n gann a bhios cuid diubh fo bhlàdh, crionaidh iad ás ann an tiota, agus ann an ùine ni’s giorra n’is urrainn thu ’smuaineachadh, bi’dh seòrs’eile ’làn chodachadh na làraich air an robh an fheadainn a dh’ fhalbh. Ann an àitibh iomallach, far nach eil mòran
spréidhe gus am milleadh tha iad ’nan sealladh glè thaitneach. Ma bhios a choille rud-éiginn tana agus am fearann, leth-char còmhnard timchioll air neach, tha iad da-rìreadh ’nan sealladh fior àllidh; iad uile ann an aon aìrde, mar gum bithidh an dàrna aon air deanamh cumhnant ris an aon eile, mach rachadh e leud na h-oirlich mar so, no mar sud, seachad air. Ach ged tha luibhean an àite so, m’an aon aìrde; agus luibhean an àit ud eile, ’an co-àirde dhiubh fein; gidheadh, chan’ne ’n aon àirde tha’n luibhibh gach àite, oir an cuid de dh’ àitibh ruigidh iad an glùn, ’an àitibh eìle an calpa, ’an àitibh-eile an t-aobrunn, agus mar sin sios. ’Se ’n t-Uinnean-Fiadhaich, a cheud fhear a thaisbeanas, a ghnùis, de ’n iarmad lionmhor so. Tha esan, aon uair is gu’n tig an Inid, a’ faireadh, mar gu’m b-eath, a latha ’sa dh’ òidhche, dh’ fheuch cuin a gheibh e ’chead am buar, a tha crùbadh ris na ballaichaibh ’sa thug duil thairis de dhad tuillè fhaotaoinn an taobh a mach de’n phrasaich, fhuran gu’n lòn-maidne do’n choille. ’Sbe sin an lòn tarbhach agus buadhar a neartachadh nam bò. Cha’n fhada, gun teagamh, a bhios iad a’ bratachach air, agas gu cinnteach is còir buil mhaith a dheanamh dheth ’sa chéitean, oir m’a mheadhon an t-sàmhraidh, cò is urrainn a’ràdh? “so far an robh an t-Uinnean.” Bu leis-san an toiseach a’ tighinn, agus cheart cho cìnnteach, is leis an toiseach a’ falbh; nam bann an America bhiodh am bàrd a’ tuineachadh, cuin
a smuainicheadh no ’sheinneadh e m’an t-sòbhraich?
Bi’dh tusa ’t-eididh ’as t-earrach,
A’s càch a’ falach’ an sùl.
Ach ma dh’ fhalbhas an t-Uinnean, mar is eìginn gu’m falbh cha ’n ann gun chuimhneachan fhàgail na dhéigh; am feadh ’sa mhaireas greím de dh’ ìm no de chàis an earraich. Tuigidh tu nach cuimhneachan ro thaitneach so, nuair a dh’ ìnnseas mi dhut, nach fhuiling duine, ainmhidh a bhios ag ionaltradh air, a thigh’n gu taobh an fhuaraidh dheth, agus sin gu léir air-son breunaid analach, an déigh bhi ’g itheadh an Uinnein. Tha a bhuaidh so (ma dh fhaodas mi buaidh a’ràdh ris) a tha air an Uinnean. a’ sgaoileadh tre phòraibh beothaich gu h-iomlan, air chor is gu ’m bheil an fhèoil a mharbhar deth—— —am bainne a bhleodhnar deth—— —an tìm ’s-an càis a nithear de’n bhainne cheudna; agus cha nè sin a mhaìn ach a mhuic’eoil a théid a dheanamh suas le blàthaich agus le meòg a chéitein, gu h-inbhe bhig, cho searbh ris a chreamh. Cha’n urrainn do neach nach bi air a chleachadh ris compàirteachadh a dh’aon dhiubh sin a dh’ainmich mi le tlachd. Ach carson a their mi sin? Nach fhaod muinntir a chagnas tombaca cho càileachdach ri Gaeil an lath ’n diugh, ni sam bith itheath?
Ma bha’n t-Uinnean searbh agus neo-chùbhraidh cha’ne sin e do’ n fhear a thig ’na àite,
Càl-a- Chruidh—an luibh còir, nach cuireadh miothlachd air neach am fad ’sa dh’ fhanadh e ás a bhuntàta ’s ás a chruineachd earraich. Tha e so bogar, dosrach, iosal, leth-char coltach ris a bhrisgein againn fhéin ann an dreach, ach tur eadar-dhealaichte ann an nàdar. Is biadh ro mhath e do bheathach, agus bithidh daoine ’ga ghabhail cuideachd, an dèigh a bhruicheadh maille ri feòil mar a bhios iad a’ deasachadh chàil ’an so fein. Is cuimhne leam fhaotainn air mo dhinneir latha uairéiginn, ann an taigh duin-uasail a chaidh a mach á Dun-eideann, ’sa bha ’fuireach ’sam àm sin (agus fhathast ma’s math mo bharrail) air bruaich Loch Huroin, mar bheagan mhìltean do Ghoderich; agus, gu dearbh bha e fìor-mhath. Tha Càl-a- Chruidh n’is fhaide beatha no’n t-Uinnean, agus is math an airidh air sin e, oir tha e ’na luibh anbarach feumail; cha bhi dìth no dearas air beothach sam bith aig am bi comas gluasaid am fad ’sa mhaireas e, agus ’nuair a theirigeas e, cha tig fear cho math ’na dhéigh, de na chunnaic mise.
Cha cheadaich mo ghnothach dhomh eachdraidh gach luibhe ’thoirt dhut air leth, agus ’o nach ceadaich, bithidh mi ’gabhail seachad orra gun luaidh ’thoirt air tuille’ dhiubh, n’is fhaide n’a bhi ’toirt fainear, gu’ bheil iad cho lionmhor agus cho dlù ’sa choille, is nach eil feur no fochann a’ fàs ann ach luibhean amhàin, agus fiùrainean òga de iomadh seòrsa fiodha, nach fhac thu riamh, agus ma dh-fhaoite nach fhaic.
Ach n’a saoil, air son sin uile, gur iad na luibhean tha ’cumail an fheòir as a choille. Cha ’n iad idir, bu lag an urrainn ann iad. ’Se tha ’ga chumail aiste nach eil màthair sam bith aig innte, agus ged a bhitheadh cha bu chomasach dha fàs le duillich, ach seach na h-uile ni, le dubhar nan craobh. Uaithe so chì thu nach eil freumh no fros deth ’san talamh, agus, air an aobhar sin nach ruig leas sùil a bhi agad ris gus an cur thu e; ach ma chùireas tusa e air an doìgh, agus ann san àm a sheòl sinn dut, bithidh deadh bhàrr agad deth-san ged ’dhiobradh gach pòr eile căr seusaīn thu; gidheadh na bi ’gealltuinn dhut fhein idir gu’n bi còig no sea Tunna agad air an acair, mar ’tha roinn de na Scriobhairean Gallda ’cumail a mach: Cha’n olc am bàrr, dà Thunna feòir air acair, ’san àite sin de’n t-saoghal.
’Scoìr gleadhadh tràthail ’chuir air an fheur-spealaidh ’an America los gun còdaich e’n talamh mus am fàs an aimisir ro theith, oir ma dh’ ithear lom e an tùs an t-sàmhraidh, tha teas na gréine cho mòr is gun loisgear suas e, air chor is nach bi e math air a bhliadhna sin tuilleadh. Ma chuirear gleadhadh air, mar so, ’san àm cheart, faodar a ghearradh m’an ochdamh, no air a chuid is fhaide m’an dara lath deug, de mhios mu dheireadh an t-sàmhraidh, agus ma bhitheas an aimsir freagarach air-son na-h- oibre so, ’san àm sin, faodar am feur a ghearrar an diugh, mar gu’m b-eath, a chuir a staigh a màireach. Tha
na h-Americanaich ag ràdh nach misd e teas beag a ghabhail le shùgh fein, ach gu mìll an fhras is lugha de’n uisge no beagan uairean a thuill’ is a chòir de’n ghréin e; agus tha fhios aig gach duine tha eòlach air tuathnachas, gur beag is fhiach feur nach caonaichear mar is còir. Ma’s cruachan a nithear deth, ’scòir an grad thubhadh, oir tha ’n t-uìsge ’tighinn ro throm iomadh uair m’an àm so, agus tha ’n sìde cho ciùin, is cho blà an còmhnuidh ’na dheigh, is nach eil feur no arbhar air an druigh e nach téid a dholuidh an tiota. Ach cha ruig mi leas a bhi ’gràdh mòrain tuille’ m’an chùis so; ma gheamhraicheas am “fear imrich” beagan bhò a cheud bhliadhna, theid an “ceann-iùil” an urras gu’m bi e cùramach ni’s leòr mu chuid feòir an ath-bhliadhna gun rabhadh ach na bheir siantaidhean nàdair dha.
Mu’m fàg sinn an cusbair so bithidh e freagarach dhomh ìnnseadh dhut, gu bheil feur grìnn, nadurrach a’ fàs air lubaidh iosal ri taobh aibhnichean an iomadh àite an America, agus feur garbh, làidir, air gle bheag tairbhe thall ’sa bhos feadh na coille timchioll air slocaibh agus air lòintibh; ach chomhairlichinn dhut iad so a sheachnadh agus thu ’roghnachadh an fhearainn ás am faod thu ’bhi earbsach air-son bàrra.
Aon fhacal eile agus gabhaidh sinn cusbair ùr. Am feadh a dh’fhàsas dà-thunna-feòir air an acair dhuit, ’sa dh’ fhanas nàdar geamhraidh America gun atharachadh, tha mise ’saoilsin gur
e ’m feur pòr is buannachdaile dhuit a chuireas tu ’san talamh.
title | 16 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |