M’A DHEANAMH AN T-SIUCAIR.
Se ’n Campa Siùcair a their muinntir America ris an àite ’sam bithear ris an obair iongantaich so, agus cha b’ uilear do neach sam bith leis am bu mhìann an campa ’chur air dòigh mar a dh’ fheumadh e, sealltuinn ri ghnothach, fada, fada roimh àm tòiseachaidh air. ’Se sin, e ’chothrachadh a mach, cò an ceart bhall is iomchaidh air a shon, a thaobh coille agus fearainn; agus an sin a choille-làir a ghearradh cho iosal ris an talamh ’sa ghabhas i agus a trusadh suas gu’ sgiobalt á’s an rathad air duine agus ainmhidh. Dh’ fheumadh so uile bhi deanta cho trà ri tòiseach a gheamhraidh, mu ’n laidh an sneachda ro dhomhainn, oir an sin cha bhiodh dòigh idir air a gearradh mar bu chòir.
’Se ’n ath rud air an còir làmh a thoirt Coireachan freagarach fhaotuinn, agus amair a dheanamh a chumail an t-sùigh. Is ann de’n Uiseann-dubh is còir iad so a dheanamh, oir is fiodh e nach mill aon-chuid a bhlăs no a dhăth; agus is buaidh chotharaicht’ eile air, nach eil e ullamh air sgoltadh leis a ghréin. Bhiodh e feumail, mar an ceudna, connadh n’is-leòir a bhi air an làraich’ gearrta—spealgta—cruachta, ann an tràth. An sin, ’nuair a thig an t-Earrach, ma-
dheire-thall, ’sa chithear fiamh an aiteimh air aghaidh an t-saoghail mhòir gu leir, thoir an “Càmp” ort—gabh tuagh no tora—cuir beum, ann an taobh ma-dheas gach craoibh a shònruicheadh leat air-son a ghnothaich so—cuir sgŏr le cruinn-gheilb fo ’n bheum—spàrr spleatag ’san sgŏr, agus càirich amar gu h-iosal ri bun na craoibh, a ghleadhas an sùgh mar a ruitheas e sios air an spleataig. Biodh na coireacha nis air ghleus, fadaidh fhèin an teine—càirich air, seas aige. Cuir na balachain air falbh le soithichibh a ghiùlan an t-sùigh thugad—dòirt ’sna coireachaibh e—cuir goil gharbh bhuaireasach air, agus chì thu, an ùine ghearr, gu’ fàs e troma-dhonn ’san dath, ged a bha e ’na staid nàdurraich, ceart co shoilleir, agus, gun teagamh, mòran na bu ghloine no Stŭth-na-tòiseachd—leasaich ris: mar is mò ’n toit ’sè feothas na cùise—Blais, a nis, ma ’sè do thoile e, toradh do shaothrach. Feuch tha e milis! Ro-mhath, “se’foighidinn ’ni ’n t-iasgach,” lean air—Blais a ris e. Tha e dorcha-ruadh agus ni’s mìllse no dad idir a bhlais thu riamh roimhe, tha eadhoin do bhilean a leantuinn ri chéile leis—tha e nise air fàs gu math ni’s tiuighe agus deatach anbarach ag éiridh as. Ma tha, lughdaich an teine, agus bi air t-fhaicill—gabh sleaghag agus cuir m’a ’n cuairt e, a chum ’snach dòth e; agus co luath ’sa thig “goil a bhrochain” air feumaidh tu ’bhi ro chùramach uime. Bithidh e freagarach mu’n àm so, searrag bhainne no meall fala ’chuir ann,
’ga ghlanadh. Cha luaithe ghoileas e’n deigh so a chuir ann, n’a dh’ éireas gach grùid agus salchar a bhios ann air uachdar, air chŏr is gu faodar an t-anabas so ’thilgeadh dheth, gun a bheag de ’n t-Siùcar a chall. Beagan eile bruichidh agus faodar a thoirt bhàrr an teine. Ma tha shannt ort Siùcar-Pronn a dheanamh dheth, lean air a chuir m’an cuairt gus am fuaraich è; ach ma ’s Builionnan a tha d’ rùn a dheanamh feumaidh tu soithichean a bhi ri d’ làimh ann ’san dòirt thu e, dìreach mar gu ’m bi phoit-lite ’bhiodh agad. ’Nuair a dh’ fhuaraicheas e ’sna soithichibh, tionndadh am beòil fòpa agus crath ásda e, mar is àbhaist do bhean-an-taighe ’dheanamh air an fhìodhan, an àm ’bhi ’toirt as na mulachaig.
Tha fhios agad fhein gu’ bheil an siùcar ’na rud cho milis is nach àil le daoine dealachadh ris gun ìmlich an corraig ’bhi aca dheth. Saoilidh mi gur leòr an leisgeil so dhomhsa gu fuireach aige an tràs gus an innis mi dhuit ciod is còir dhuit a dheanamh ris ’nuair a ghiulanas tu dhachaidh e. Ma ’smuainicheas tu ’chuir an cobhan no’m baraill ’ga chumail o’n chloinn agus o’n t-searbhant, (nì tha glé dhuilich a dheanamh iomadh uair, oir tha tiolpadairean cheart cho tapaidh ’an America ’sa tha ’n Albuinn) thoir an aire nach fhàg thu fada e an àit àitidh, fuar, air-neo taislichidh agus sruthaidh é às a chéile. Cha mhò a dh’ fhaodas tu a chàramh an àite ro theith fagus do’n teinntein ar-neo leaghaidh e ’n
sin cuideachd. Se ’n eadar-mheadhoin a choìrdeas ris, tha e ro choltach ris an nàdar againn fhéin, cha ’n fhuiling é aon chuid fuachd no teas.
title | 17 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |