FIADH BHEATHAICHEAN.
MATH-GHAMHAINN.
Is minig a thuig mi, o’n a chonaltradh a bhiodh aig mo luchd-dùcha agus agam fhein mu America gu’n robh eagal fuasach orra roi’ fhiadh-bheathaichean na tire sin. O’n a thug mi ’n aire gu ’n robh an ceap-tuislidh so a’ cuir faitchis air cuid de mhuinntir athach, smuainich mi an cothrom so a ghabhail gus a charachadh as an t-slighe, no, air a chuid is lugha, gu comhar a chuir suas aige air dhòigh is gun aithnich luchd astair, an ceart àite ’sam bheil e gus an còlachadh. ’S o’n a tha mi ’dol idir ’na dhàil, tha mi ’saoillsinn gun gabh mi an ceann trom aige ’n toiseach. Nach ceart a thachair dhomh an ceann trom a ràdh ris? oir cha neil fiadh bheathach eil’ ’an Canada, aig a’ bheil ceann co trom agus com co làidir, ’sa tha aig a Mhath-ghamhuinn dhubh. Seàdh, am math-ghamhainn dubh, oir cha neil am math-
ghamhainn glas ann an Canada Uachdrach idir. Agus cha mhò tha ’m fear dubh, cho lionmhor ann, is a tha roinn de na Sgriobhairean mòra ’cumail a mach, gu sònruichte, far am bheil astar fada de dh’ fhearann tioram, agus coille chruaidh a’ fàs air. Faodaidh tuathanach ’bhi deich bliadhna, ’na shamhuil sin a dh’ àite, mus am faic e claigionn diubh. Ach air a shon sin uile is còir dha ’bhi ’na earalas, oir, ged nach fhaiceadh e car dheich bliadhna e, faodaidh e bith, gum fairich e chuid feudalach e mus am bi e deich latha ann. Agus ma thig easan idir air an sgàth, bithidh rud-éiginn a choslas gille gnothaich air, oir cha ’n ann le làimh fhàlaimh a a dh’ fhalbhas e. Ma ’s ann air a mhuic a chromas e, (agus is tric leis gur ann, oir tha e na dheadh aithneadair beothaich) cha bhi a chleasachd fada ’dol a dh’ aon taobh. Sgioblaichidh e leis ’na achlais i, beag mhòr i, agus cha chuir an gnothach sin mòr mhoithlachd air fhein no air an luchd-éisdeachd, oir cuiridh e o’n sgiuganaich i, le aon fhàsgadh beag, blà, caoimhneil, eadar uileann ’sa chaisean uchd. Ni e ’n cleas ceudna air caora; ach ma’s ann air mart a bheir e an ìonnsuidh, is tric leis gréim a chuir oirre mu’n chaoldruim, agus stiall de ’n taobh aic a stròiceadh sios a dh’ ionnsuidh na bronn, air chor is gu ’n ruig solus an latha na dubhagan aice, dh’ aon bhoisge. Tha e ro uasal ’na nàdar; cha ’n fhiù leis dad is lugha no ceithir-chasach. Ach, mar a thuirt mi roimh, faodaidh duine, bhi deich
bliadhna ann an Canada gun fhaicinn gun fhaireachadh agus b-aithne dhomh daoine ’bha fichead bliadhna ann, agus nach do chaill beothach riamh leis, ged a bha iad ’togail feudalach fad na h-ùine sin. ’Se deireadh an fhoghair am ’s an cunnartaich’ e air milleadh a dheanamh. Bithidh e ro shanntach air creich ’san àm sin, agus cha ’n ioghnadh ged a bhitheas am beothach bochd; oir ceart co luath ’sa thig a ghaillionn, bheir esan an garadh air, sparraidh e a spòg ’na chraos, agus ri cùis-shùgraidh no fearas-taighe, ach ’ga deoghaladh sin, cha seall e tuille gus an tig aghaidh an talmhainn ris. Cha toir am math-ghamhainn dubh, aghaidh do dhuine uair sam bith, ni’s lugha no ’se bhios ann té aig am bi cuileinean. Mur seachainn duine té de ’n t-seòrsa sin, bithidh a mhì-shealbh thuige, no ma leònas duine aon diùbh, agus a dhol ’na dhàil mus am bi e marbh, bithidh e ’an cunnart n is fhiach e. Gidheadh na ’m faigheadh duine beothail, a bhiodh sgiobalt ’na chasan, a’s uaith air talamh réidh, dh’ fhàgadh e a luathas bhonn e, car greise, ach cha bu chomasach dha leantuinn air ruith cho fada ris-san. Tha e math-ghamhainn dubh dìreach mu luathas a bhruic a tha feadh nan gleann Gaeleach, leanaidh e air ruith o mhoch gu dubh air a cheart dòigh;
“Ged théid e ’na chabhaig,
Cha ghearan e mhaothan.”
Bithidh iad fhein agus na h-Innseanaich, ’an
ugannan a chéile gach dàrna seachdain. Ach ma bhitheas b-fhearr do na mhath-ghamhainn a bhi ’na chadal; spoltaidh an t-Innseanach e gun fhios gun aire dha, gus am bi a ghrealach ’na bhuaraich mu na h-iosgaidean aige. Ma thàrlas da losgadh air agus a leònadh; ceart co luadh is a bheir am math-ghamhainn thuige, tilgidh e bh’ uaith a chlaiseach ’s an tomahawk, am bogha, an dòrlach, agus gach ball beairte ach an sgian-dubh amhàin. Is an a bhios an sgian aig’ an còmhnuidh air a chruachainn deas, ann an truaill fuaighte ri crios éilidh a th’aige ghnà ceangailte mu chneas, agus fàgaidh e ’n sin i gus am faigh e taic a dhroma ’leigeadh ri craoibh ghoireasaich, éiginn nach bi ro gharbh. Co luath is a ruigeas am math-ghathainn e, tòisichidh e ris an t-seana chleas. Seasaidh e suas air a chasan deiridh agus cuiridh e dha chois thoisich mu’n cuairt da fein agus do’n chraoibh, an dùil nach eil dad gus maille ’chuir air o chridhe an Innseanaich a sginneadh á chochull. Ach cha bhi sin cho furasd is a bha e air bharail. Cha chuir e fiacail air, agus o nach cuir, faodaidh e bhi ’fàsgadh ’sa’ bruthadh ’sa’ ditheadh ri shaoghal, ach cha chuir e tulgadh ’sa chraoibh, agus am fad is a sheasas a chraobh bi’dh an t-Innseanach sàbhailte. Ged a bhios e sàbhailte cha ’n fhodhainn sin leis; is fheudar dha a dhearbhadh gur mac airidh air athair e. Bheir e làmh air an sgithinn, sàthaith e ’na losunn i, agus leis a cheud tarruing a bheir e oirre leigidh
si ràn áist’ ann am brisgein a bhrollaich rì iomall deiridh a chaisein-uchd. Bi’dh an ceòl feadh na fidhle. Bithidh a ghrealach feadh a bhaile, agus an t-Innseanach ann an ùine ghearr air a chlosaich aige; agus is math an tuarasdal latha a nì e oir tha mòran saille agus olaidh air, agus tha ’n dà chuid ro luachmhor. Tha ’n craicionn aige ro fheumail, sa’ gheamhradh, a chòdachadh luchd-turuis a bhios a’ gabhail na slighe ann an cuirnn-shlaodaidh, agus tha e anbarach uile math mar aodach uachdair leapach. Cha chualas iomradh air feòil, a ghabhas coimeas ris an fheoil aige air feothas. Cha robh mise cho fortanach is gun d’ fhuair mi toitean riamh dh’ i, ach bha ’n dream a bha eòlach air a bhi ’ga fionnadh, agus ’ga h-itheadh, ag ìnnseadh dhomh, nach robh a leithid idir ann. Leig iad a thuigsinn domh gur ann a tha i ’na stiallaibh, geal agus dearg air feadh a chéile, rud-éiginn cosmhuil ri caisein-uchd uain no ri caoldruim muice, ach mòran mòran ni’s blasda no aon chuid diubh sin. Ged is beothach tlachdar agus feumail am math ghamhainn ’nuair a bhios e marbh, tha e ’na bheothach duaichnidh, a bharrachd air e ’bhi cronail am feadh a bhios e air a chasan. Tha e robach, ceigeach, ceòsagach, ’san fhionna, crotach ’san druim agus a chasan deiridh a laidhidh air an làr gu ruig na h-iosgaidean. Tha na h-uile spòg aige co leathann ri crodhan tairbh agus a ghialan co farsaing ri bial màileid. Ach ged a tha chraos mòr, tha e, air dhòigh, modhail, oir
is ainminic leis bìd a thighinn a cheann a chuireas am faitcheas is lugha air luchd siubhail na h-òi’che.
MADADH-ALLAIDH.
Ma tha am math-ghamhainn ’na bheothach tosdach, sàmhach, cha’n é sin e do’n mhadadh-alluidh. ’Se ’ni ’n ròichdeil oilteil. ’Nuair a thogas e a ghuth, ’s a leigeas e cheud ulart ás, cha’n eil fhios agam ceart ciod é ’shamhlaichinn ris. ’Se damh-cròic an dà mheòir dheug, a’ langanaich ann an gleann cumhann, creagach, uamhach, mu mharbh mheadhon-òidhche, ri aimisir fhiathail ’san dàmhair, rud is cosmhuil ris is aithne dhomh. Ma’s ann airson àbhachdais dha fhéin, no a chuir miothlachd air neach eile, a bhios e ris a’ chleasachd so, cha’n urrainn domh a ràdh no thuigsinn; ach cò-dhiù, is iomadh coigreach bochd, air ùr dhol do’n dùthaich, air am bheil e ’cuir làn a chridhe de’n eagal. Ri òidhche chiùin, gabhaidh iad am boile buileach; oir cluinnidh an dàrna aon diubh fhéin an t-aon eile co fad air astar is nach téid stad no fois orr’, ach freagradh a chéile, gus am fògair a chamhanaich do dhiomhaireachd nan garadh iad. Ach ma bheir iadsan an garadh orr’, cha’n ann gun rudeiginn ’bhi ac’ air an cnàmh iad an cìr, ma dh’fhaodas iad. Is iasg gach nì ’thig ’san lion aca so. Tha an t-each, am mart, a chaora, a mhuc, a chearc, ’s an tunag, co deas leò; ach ma bhios seòl ac’ air an roghainn a ghabhail de gach
gné a dh’ainmich mi, is i a chaora gu mór is annsa leò. Ged nach bi ach aon fhear dhiubh mu mharbhadh caorach, ma gheibh e beagan ùine gus cùisean a chuir mar is math leis, cha’n fhàg e uiread faillein cluaise dh’i gu fianuis a thogail air a ghniomh. ’Se tlàmadh no dhà cloimhe rud is mò ris an ruig leas fiughair a bhi aig neach. Tha iad so mòran n’is pailte, cleas gach fiadh-bheothaich eile, far am bheil an talamh fliuch, ìosal, agus a choille ghiubhais. Bithidh iad a’ falbh cuideachd, ’nam buidhnibh, ’an aitibh uaigneach de’n t-seòrsa sin; agus cha bhi dol-ás aig beò-bheothach ris an tachair iad. Ma thàrlas do dh’àireamh lionmhoir a bhi ann, agus geurag bheag de’n acras orra, cha sòr iad ionnsuidh a thoirt eadhoin air duine. Tha na h-Innseanaich agus iad fhéin a’ dol iomadh uair ’an iomairt-làmh. ’Sann gu h-àrd fada, ’n aiteiginn air an Ottowa, a thachair an deuchainn bu chianaile agus bu chliùitiche air an cuala mi iomradh de’n ghné so. Dh’fhalbh laoch cròdha de ’na daoine gaisgeil mu’m bheil sinn a’ labhairt aon latha a sholaradh lòin, mar a shaoil leis fhéin agus le eàch, do ’theaghlach; ach is beag tha fhios aig neach ’sa mhaduinn ciod é tharlas dha mus an tig an òidhche. Bha an sonn curranta ’sealltuinn a mach airson na greigh-uallaich; ach mo léire! ’sann a dh’iath a mhadraidh fhuileachdach mu’n cuairt da, le rùn crioch a chuir gu siorruidh air a sheilg agus air a shaothair. Cha robh neach ann a chitheadh no dh’ìnnseadh cia ealamh a shìn
iad air a chéile; agus bha sin cho math; oir ged a bhiodh caogad mìlidh air an làthair, cha’n eil fios agam an rachadh aineil ás an àrfhaich dhiubh; ach na’n deanadh gach fear gniomh an Innseanaich, rachadh. Saoil nach ann dha a thigeadh a dhol a bhruan-spealtadh nan claigionn ac? Dh’fhalbh e chuideachd an ath-latha ’ga mharbh-iarraidh. Fhuair iad naoidh madaidh, gun phlosg annt’, taobh ri taobh, aig bun craoibh mhóir bheithe, agus tomahawk a bhiùthaidh gu ruig an t-samhach ann an copan a chlaiginn aig an naodhamh fear. Thuig iad o so gu’n do chuir rogha nan sàr a dhruim thàbhachdail ris a chraoibh, ’nuair a mhothaich e ’n gàbhadh ag iathadh air, agus, leis a bhall fhaoin, leibideach, a bh’aige ’na ghlaic thoirteil, gu’n do spad e gach aon mar a bheireadh ionnsuidh air, gus an deach an tomahawk, le tubaist, air fiaradh ann an ceann an naoidheamh fir, air chor is nach d’fhuair e ás i cho ealamh ’s a dh’fheumadh an gnothach e. Faodar a bharalachadh nach robh iad fada ’fodhnachdainn dha ’nuair a fhuair iad staigh air. Cha robh aon fhuiltean dh’e ri fhaicinn. Bha an sgian-dubh a bh’air aig bun na craoibhe, gun oirlich de crios-iomchair; seadh, gun fiù a truaill. ’Se sin, agus luirbeag no dhà de’n aodach uachdair ’bha uime, na bha air bhrath. Fhuaireas a chlaiseach greiseag air falbh, far na thilg e uaith i, mar a shaoil iad, ’nuair a rinn e airson bun na craoibhe.
Ach ged tha na madaidh lionmhor ’an cuid a
dh’àitean, mar a dh’fhaodar a thuigsinn o na dh’aithris sinn, cha’n eil iad mar sin ’san dùthaich gu léir. Faodaidh tuathanach a bhi deich bliadhna gun ghin fhaicinn no fhaireachadh dhiubh. Cha toir aon fhear dhiubh aghaidh do dhuine uair sam bith, agus cha mhò dh’fheuchas e ri beothach is mò no gabhainn a mharbhadh. Cumaidh crodh mòr dhiùbh e, gun taing dha, am fad is nach tig ach aon. Agus ged thigeadh dithis, cha b’eagal doibh, ni’s lugha no is ann an uair a bhiodh iad caol as t-earrach a bhiodh e.
Tha am madadh-alluidh luath, làidir; garbh ás a thoiseach, agus caol ás a dheireadh; cluasan biorach, ’nan seasamh dìreach, agus earball fada, sìnteach, iosal air;—
“A’ mheadhon leathan, ’s is leobhar a chliabh;
Uilleann fiar, ’sa speir cam.”
MADADH-RUADH, &C .
Tha madaidh-ruadha cho lionmhor ’an coilltean America is a tha caoraich ann am Beinn Dobhrain, agus mòran ni’s lionmhoire, ged a theirinn e. ’Se seòrsa beag, balgach, na machrach a th’ann; no, mar a theirear riutha mar is trice, na “dubh-chasaich.” Mar ’tha iad gun athrachadh uatha sin ann an dath agus ann an dealbh, is ionnan a tha iad gun atharachadh uath ann an nàdar. Cha tric leo miothlachd a chuir air an tuathanach, no air dad a bhuineas dha; ach bithidh iad fhéin agus na mnathan a’ guidhidh mhallachd d’a chéile gach dàrna latha, ’an car spion-
aidh nan cearc. Dh’fhaoi’te nach ’eil beothach air an t-saoghal uile ’tha cho teòm’ air an fhearas-chuideachd so ri balgaire ruadh Chanada. Snàgaidh e feadh an arbhair ’san fheòir, as t-sàmhradh, gus am bi e cho goireasach ris na h-urrsannan is gum bi e cìnnteach á ghnothach. Bheir e iomadh uair làn an leth-dusain leis ’an aon latha. Tha seòrsa fiadhaich, fuadain, eile ann, ris an abair iad ansilver fox;ach ged a thachair balgairean ruadha ni’s leòir rium-sa ’an Canada, cha robh mi sealbhach air a bhi ’còlachadh nam balgair-airgiodach ann; agus cha’n fhaca mi aon riamh dhiubh, beag, no mòr, no meadhonach. Chunnaic mi bruic am pailteas gu-tà, agus taoghain, agus còrr bhéisdein beag feòcallain. Tha iad sin uile dìreach mar a tha iad aig an taigh, ’nan dreach agus ’nan nàdar. Tha iomadh seòrsa de bhiasdan beag eile ann—mar a tha mucan-talmhainn; feòragan dubha, agus ruagha, agus breaca. Ni iad so, agus am broc, eanraich ro mhath. B’aithne dhomh daoin’ -uaisle, a chaidh a mach à Dun-Eideann, a bha cleachdadh a bhi ’deanamh feuma dhiubh, agus bha moladh cotharaichte ac’ orra. Dh’itheadh iad an toiseach an fheòil, agus dh’òladh iad rìs an sùgh; agus c’arson nach h-òladh? is gun d’thuirt an t-sean-fhacal fìrinneach—
“Cha’n eil fear ’dh’itheas a sheanmh’air,
Nach fhaod h-eanraich òl.”
Tha coineinean fiadhaich ’an cuid a dh’àitean agus gearran bàna, de’n cheart seòrsa tha ri fhaotainn mu mhullaichean nam beann air a’ Ghaelteachd. Ach ciod é thachair dhomh ’nuair a dhì-chuimhnich mi
“Luchd nan céir geala,
’S nam falluinne dearga?”
Tha na féidh ro lionmhor an iomadh cearn de Chanada; ach cha’n é an seòrsa air an robh sinne eòloch, ’an àm ’bhi
“ ’Gabhail na frìthe,
’S a dìreadh nan garbh-ghlac;”
ach feadhainn stireanach, air am bheil earbaill fhada sios gu ruig na h-iosgaidean. Tha taobh fodha nan earball gu léir bàn; agus is àbhaist doibh,
’Nuair ’theid iad, ’nan deannaibh,
Tre chrannaibh na mòr-choill’,
an luasgadh os-ceann an dronnaig, mar gu’m bitheadh lothag bhiadhta air ùr dhol a mach as t-earrach ann. Cha’n fhaic neach ach còrr bhoisge beag dhiubh eadar na craobhan, ’nuair a theid iad fo astar; agus, aig co geal ’sa tha na girteagan ac’, saoilidh coigreach gur e dath bàn a th’orra uile. Ach cha’n ann mar sin a tha.
“Is maoth-bhuidh’, datht’ an snuadh,
Is dearg an dreach ’san tuar,”
Agus faodaidh fear an ruagadh gun sòradh ann.
Cha’n eil a chridh’ aig bàillidh, “aig maor, no aig madadh,” a ràdh gur h-olc. Is cìnnteach gu’m bi iad ’nan éiginn ’sa gheamhradh; ach ma bhitheas, is tur a dhì-chuimnicheas iad ’san t-sàmhradh e.
“Bithidh bratan-saille cruinn”
Orr’ mu bhac an druill;
’S an caisein-uchd lom, grinn, agus lòdail ac’.
Tha gnê de chearcan ruadha ’an Canada tha leth-char cosmhuil ris a chirc-thomain a th’againn ’san dath, ach mu mheudachd na circe-fraoich. Tha iad so glé mhath r’a itheadh. Cha’n eil coire sam bith orra, ach cho beag ’sa th’ann diubh.
Tha clamhainn, iolairean, seobhaig, agus caillchean-oidhche ann.
Tha calamain fhiadhaich gun chunntas ceann ann. Tha iad so mòran ni’s mìlltich’ air bàrr, agus ni’s draghaile do thuath Chanada, no tha na ròcais air machair nan Gall.
Tha nathraichean ann an Canada Uachdrach cho lionmhor is a bhios meanbh-chuileagan ’an Coille-dhubh Raineach òidhche iùchrach, agus mòran ni’s lionmhoire; ach cha’n eil cron air bhith annt.
title | 19 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |