[20]

FARADH, &c

Is ainmic dùthaich, no baile-puirt ann an dùthaich, aig nach eil faradh air leth, a réir an suidheachadh agus an goireasan fa-leth, a thaobh luchd-ìmrich. Faodar nàdar na cùise so, agus gu bheil i ceart, a thuigsinn o gach fèill eile. am fear-ìmrich aig nach eil fios gun ceannaichear trì-bhliadhnach daimh, ann an Leòghas noan Uithist, punnd-Sasunnach nis saoire nocheannaichte e air sliabh na h-Eaglaise-Brice. Air an amhuil cheudna, am fear, aig am bheil an aisling is fhaoine de bharail mu chè-ghràbhadh nan dùchanna so, a mheasadh mar ioghna gun cuirear luchd-imrich a null á Lide agus á Abar-Reidhean, punnd-Sasunnach nis sasoire no chuirte null iad á Grianaig no á Glascho. Ach onse cladach siar na h-Alba is deiseile ris na Gaeil, feuchaidh mi dhoibh riaghailt choitchionnta faraidh nam bliadhnaichean sosa cheairne sin:—

P.S. T. S.
Muinntir air tighinn gu fearachas, 2 15 0
Muinntir fo chòig bliadhna deug, 1 7 6
Maothrain fo chòig bliadhna, 0 13 9
Ciocharain agus dìlleachdain òga, 0 0 0

Bithidh ceithir tasdain an ceann den t-suim so aig an sgiobair ri phaighidh, ’nuair ruigeas e cala thall, do thaigh-eiridinn an luchd-ìmrich. Tha sona riaghailt ro mhath; agus is iomadh Gael bochd dobheil i feumail, ged bhios cuid, le cion-


[21]

smuaineachaidh, agearanan àm bhidealachadh ris an airgiod. Ma theid duine euslainteach air tìran Americaan àite sam bith (oir tha taigh den t-seòrsa sos na h-uile baile-puirt), gabhar a staigh do na taighibh so e; agus ma bhios duinann aig am bi teaghlach lag, agus ena éiginn cho mór a chion airgid is nach bi e comasach air a dhol air aghaidh dhionnsuidh an àite bhana bheachd, nithear fuasgladh air, an dàrna cuid le airgiod no le cosnadhsholaradh mach dhaan sin fhéin.

title3
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page