SANASAN MU IMRICH NAN GAEL.

Tha a bhig ìnnseadh naigheachdna rud aig am bheil buaidh anabarach neònach air an ìnntinn, gu sònruichte ma bhios neachga h-ìnnseadh le uile chridhe; oir saoilidh fear a bhiosga h-aithris gum bi e a faicinn gach a tachairt, calg-dhìreach mar a bha, tha, no bhitheas e. So dìreach mar a tha misen tràs; oir saoilidh mi gum bheil mi afaicinn mo luchd-ducha asuidheachadh an cùrsa o Cheann-Bharraidh, ’s atoirt farrsuinneachd na linne orr’, ann an deadh mhisnich. Nan deanadh iad sin, bu mhath dona truaghain an latha. Ach ged a bhiodh ena aobhar-thaingealachd dhoibhsan, agusna aobhar-thoileachaidh dhomhsa, cha bu mhath leam, air a shon sin, ethachairt, mur biodh duin’ -uasal no dhà leò, aig am biodh dreuchd a b-urramaiche no


[22]

bhinanceann-iùil.” Bu bheag mo shuim den treud mur lughaiginn aodhairean air, agus bu bheag a b-fhiach an treud gun aodhairean. Air an amhuil cheudna, bu bheag mo sgoinn de leas nan Gael mur lughaighinn luchd-faire, ministearan saorachail, soisgeulach orra, a mhìnicheadh dhoibh am facal atha comasach air an deanamh glic chum slàinte” ’n an cainnt mhàthaireil, an aon chàinnt a tha so-thuigsinn do na Gaeil; agus a dheanadh iad fhéin ion-ghradhach dhoibh, le meud an dìchill agus an treibhdhiris, ann a bhigan earalachadh munaon ni nach còir a dhiochuimhneachadh;” agus osbàrr, a bhiodhann an ceannsachd ateagasg na droinga sheasadh nan aghaidh.” Agus cha bu mhinistearan amhàin a dheonaicheadh mo dhùrachd do na Gaeil. Tha dream-uasal àraidh eile bu mhiann leam a chur nan cois, se sin na maighstirean-scoiledaoin’ -uaisle air nach do chuir na Gaeil riamh am meas non t-urram bu chubhaidh dhoibh, agus air saothair nach do bhuilich iad riamh an aire non ùine, air am b-airidh i. Airson an dearmaid so, cha neil leisgeil nan Gael ri ghabhail,

Oir dh’ “fhaodadh iad fhaicinn gach ,
Gur i thog on làr na Goill.”

Sin sgoil leac-an-teinntein aig taigh an eòluis agus an fhiosrachaidh; agus an taigh aig nach fhaighear a chagailt air a sguabadh glan agus ann an deadh òrdugh, ciod idir a bhios dùil


[23]

againn ri chòlachadh mun starisnich? ’S iad na maighstirean-sgoile tha gar crioslachadhs gar cuir air ghleus gu sinn fhéin a thoirt troin t-saoghal mar is cubhaidh do dhaoinibh gaisgeil, agus do chriosduidhibh. ’S iad tha fàgail cuing nam ministeir, ann an tomhas mór, cho so-iomchair. Agus chan i chuing acasan amhàin a tha iad afàgail nis so iomchair, oir tha iad agabhail trian de dhuallach pharantan orra féin. Mur b-iad na maighstirean-sgoile, cha bhiodh fhios againn càit am bheil America, no idir ciamar a ruigeadh-mid i; agus, adheanamh sgéil ghoirid dhi, mur a b-iadsan, bhiteadh-mid ro aineolach air ar dleasannas a thaobh Dhe agus dhaoine:—

Oir, ged a bhiodh Biobuill gu leòir,
Aig bigus aig móir an t-sluaigh;
Mur b-aithne dhoibhn leughadh air chòir,
Chan fhaigheadh iad eòlas uath.”

Nam biodh luchd-imrich nam beann, ma ta, cho sealbhach, no, mar bu chòir dhomh a ràdh, cho ciallach, is gun toireadh iad leò an chuid, am ministear agus am maighstir-sgoile, coluath riu, bhiodh iad a cuir comainorra fhéin agus air an t-sliochd a thigeadh nan dèigh. Cha neil mi idir a ciallachadh gum bu chòir doibh, no gum b-urrainn doibh, so a dheanamh leis an doigh falbhaidh a thacas na bliadhnaichibh so. Bhiodh é eucomasach do choig teaghlaichibh ás an sgìreachd so, do thrì ás an sgìreachd ud eile, agus mar sin sios, ministear agus maighstir-scoile


[24]

thoirt leo; ach nam falbhadh iadsan mar bu chòir dhoibh— ’se sin, gach duine a b-urrainn, air fad-fiaraidh sgìre, (oir cha bu chòir do dhuine bochd sam bith, tha air-son cosnaidh, fuireach, nam b-urrainn e falbh,) ’theanndadh a mach leis an aon ìnntinnna h-aon soithichean fharadh (agus bhiodh an t-aisig mòran na bu shaoire mar sin, cuideachd) —gach goireas a bhiodh a dhìth orrra, mar tha tea, siùcar, &c ., fhaotainn saor o chìsagus, seach na h-uile , iadgan suidheachadh fhein thallsan aon aite, oir ri oir, gun choimeasgadh dubh, no geal, no buidhe, (oir tha an t-iomlan diubh sinan Canada,) fhulang a staigh air an criochaibh, na b-fhaide no cuid na h-oìdhche thoirt gheibheadh iad buannachd den luchd-teagaisg; agus, leis an doigh so a ghabhail, bhiodh iad comasach air an toirt leò cuideachd. ’Sann mar so chaidh Gleann-a- Garuith, ’an Canada Uachdrach, a shuidheachadh, ’nuair a dhfhalbh an duin’ -uasal ainmeil sin, an t-Easbuig Domhnullach, a chaochail an uiridh an Dùn-phris, air ceann nan Gael. Tha iad so an diughan dòigh cho mathsa dhiarradh iadam pailteas aca ri iths ri òl de mhins de bhainne, agus de gach eiletha fàssan àite. Cha neil na sgriobhairean Galldatoirt cliù mòr dhoibh mar thuathanaich. Cha mho is urrainn dhomsa moladhdheanamh orrasan dòigh sin; ach so rud a their mi, gum bu toigh leam fear eile dhìnnseadh dhomh a chearn’ ’an Americas am faigh fear-imrich gabhail ris cho aoidheil,


[25]

agus cho suilbhir, ’sa gheibh ean Gleann-a- Garuith, —agus na daoine chuir barrachd de chomain air Breatann is a chuir muinntir an àite sin, ’nuair a bhris na ceannaircich a mach aguinnsa bhliadhna 1837. Ged bhan t-Easbuigna fhior seann-duinesan àm so, sheas e air an ceann cheart cho duineilsa rinn esa chogadh roimh. Bha e ghnà deas, gun comhairleach’ ’san t-sìth, ’s gun seòladhsa chath; agus ged a theirear tric nach robh aig orra achgleidheadh a chlamhain air na cearcan,” bha fhios aig na h-eòlaich gun robh math a luchd-dùchan còmhnuidhna bheachd. Cha neil sinn idir ag àicheadh nach robhimlich a choraigaige de gach gnotach mór mun robh e; agus carson nach bitheadh? Saoil mur biodh sin aige-san, nach biodh e aig fear eile?

Sann cruinn mar so, ’san aon àite, bha na Gaeil aig Pictou, ’an Nuadh Albainn, * cuideachd, far an robh

MacGriogair nan duan, nam buadh, ’s nam beannachd,
Bha suairce, ceannaltam beus,”

afuireach. Be so Seumas MacGriogair a rinn na dàin ghrinne sin a thagainnsa Ghaeilic, agus a rinn iomadh searmoin cheart cho math ris na dàin, ’nan àite fhéin, ann am Pictou agussa choimhearsnachd sin. Bha bhuil ann; bha na Gaeil gu siothail, suaimhneachan sin, gus na theann an aois gu h-an-iochdar, rèir cùrsa nàdair


* Nova Scotia.


[26]

ri easan fhàgail neo-sgiobalta air-son a ghnothaich. Agus, ’nuair a thriall e air slighe gach uilfheòla, sgaoil iad feadh na dùthcha gu leír. Chaidh cuid, ma-dhaoite, do dhàite na b-fhearr; ach dhfhaodadh nach deanadh iad cho math ann, an déigh sin uile.

Chunnaic mi, ’an àitesan àitean America, far an deach daoine mach ann an còmhlan mar so, mar a tha sinn comhairleachadh do na Gaeil a dheanamh, agus cha b-aithne dhomh àit idir anns nach drinn iad àiteachadh foghainnteach ann an ùine ghearr, saor on imrich mhóir agus mhìcholtaich chuir Morear Selkirk dhionnsaidh na h-Abhna Deirge; agus do thaobh sin, cha ruigeadh leas suil a bhi ri atharach, oir, mar a thuirt an dreathann-donn ris an iolaire: “ ’nuair a chluinneas tu sgeul gun dreach, na creid i.” ’S aithne dhomh aon àite sònruichtean Canada Uachdrach a chaidh shuidheachadh mar so, se sin Waterloo. Is Dùidsich a thaan Waterloo, a chaidh do dhAmerica ás an Olaind o cheann mu thuaiream còig bliadhna fichead. Cha robh smid Bheurla nan ceannsan àm sin, ’s cha mhór diubh aig a bheil i fathast; ach cha do chuir sin deireas orr’, oir bha ministeir leò nach robh cearbach: ’s chan fheumadh e a bhi; bu mhór a bhan earbsadh ris. Rinn am ministeir so an t-iùl dhoibh air an t-sligherinn e an t-eadar-theangachadh dhoibh anns gach bargan, gus an robh a h-uile corp dhiubh air a làraich, agus iomadh lathas bliadhnan déigh dha a bhi. Thagh agus chomharaich e


[27]

mach am fearann a bha e saoilsinn bu fhreagaraich air an sonphòs e an òigridhbhaist e an clannagus shearmainich e an soisgeul doibh-san, agus de gach dùil a thigeadhna ghăr, le chaintus le chaithe beatha. Tha Waterloo an diugh na dùthaich a chuireadh eireachdas air rioghachd bhig, flùr agus feòil cho saorsa dhiarrtann, agus na h ùbhlan cho pailt ris abhuntàta.

On tha mi nis gus soraidh a ghabhail leis gach agus neach air an taobh so den Tabh, agus gus aon sìnteag a thoirt a null le muilìnntinn, a chuir ceart gach a dhfhaodadh tuislethoirt air an fhear-ìmrichan àm ruigheachd, ghuidhinn air na Gaeil, man dealaich sinn, iad a dhfhalbhnam buidhnibh mar a sheòl mi dhoibh; oir, le so a dheanamh, cha bhiodh an òigridhan cunnart tuiteam anns na droch cuideachdaibh a tha tuilleadh is bitheant richòlachadhan America. Ged is gnothach mi-thaitneach agus cianail e, gidheadh cha bhithinn acoilionadh mo dhleasannais mur gabhainn an cothrom so gus am fear-imrich a chuir na earalas a thaobh a chaithe-beathanuair a theid e staigh don duthaich ùir; oir tha America, thar a chéile, na dùthaich ann sam bheil ant-aon ni feumailair a leigeadh ás an t-sealladh gu h-uamhasach. Tha mionnan cho gairbhsneach sa chuala cluasnan cainnt chumant an cuid di; agus far am bi sin, bithidh a chuid eile den toradhga rèir: ach am fear bhios ag iarraidh deadh chompanaich, gabhaidh duine còir gleadhadh dha, a thuig gu bheilan diadhuidh-


[28]

eachd buannachdail air-son nan uile nithe,” agus gurcòir ùrnuigh a dheanamh a ghnà agus gun fhannachadh.” Tha iomadh ministeir agus fear-teagaisg math thall cuideachd, ’an còrr aite. Tha iad ann á iomadh dùthaich, agus de dhiomadh teangaidh; ach is lionmhoire no sin gu mòr an aidmheileanGaeil, Goill, Sasunnaich agus Eirionnaich, Dùidsich Gearmailtech, Americanaich, Afracanaich agus Innseanaich, agus mòran eile nach ceadaich cumhannachd chrioch mo leabhrain dhomh ainmeachadh. Cha b-iongantach leam ged theireadh am fear-imrichan so, “Is carson bheire-midne luchd-teagaisg a null, ma than leithid so thall?” Ach deanadh am fear-imrich air a shocair; faodaidh easan a bhi thall gus an liath e gun aon mhac màthar diubh so fhaicinn.

title4
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page