[34]

INNSEANNAICH, &c .

Nuair a dhfhàgas buachaille Gaeleach, air feadh nam beann, àite mun Bhealltuinn, ’s a ghabhas e muinntearas aig màighstir ùr; cho luathsa ruigeas é, ’sa chì e aogas an àite, ’se cheud rud air am beachdaich e, co ris a bhios an treud coltachan fhearr an spréidh so nan spréidh a dhfhàg e na dhéidhciod an dòigh ionaltraidh a thacam bi iad an cùnnart brìseadhmach air a chrìch sostaigh air an ud eileagus mar sin sios. Nach nàdarrail rismuaineachadh gum bi am fear-ìmrich den cheart ìnntinn so a thaobh a cho-chreutaireannuair a ruigeas e an dùthaich ùr, far am faic e seòrsa dhiubh a tha gun teagamh, de dhatharrachadh iarmaid ris an dhfhàgas en tìr a chluarain; oir chì e so uile annsna h-Innseanaich.

Ach ged tha na h-Innseanaich de chaochladh datha ris na Gaeil, chan ann aona-chuid dubh no buidhe tha iad, mar a tha cuid acumail a mach. Cha dath a chopair a thorra cuideachd, ’s cha mhò is urrain domh sam bith ainmeachadh de na chunnaic mi riamh a tha dìreach air an dath ac; ach tha min dùil gur urrain domh ìnnseadh ciamarrachadh rud a dheanamh a bhiodh air an dath ac, air a shon sin. ’Nuair a bhios de mo bhana-chàirdeansa Ghaelteachd adathadh chlotha, beireadh i air lùbaig de shnàth geal; thoireadh i tumadh dhisan tuba-chrotail; faisg-


[35]

eadh i i gu tean, greimeil, ’nuair a thogas i i; thoireadh in sin thumadh eile dhisa phoit-ghuirmein, ’ga fàsgadh gu gasda gach uair a thogas i i; agus cha mhòr nach cuirinn mo chuid dena chlò air a gheall nach eil dealbhadair am baile mòr Rìgh na Frainge ni rud nis coltaiche ris an dreach ac.

Ach ged a ghabhadh Gael gu h-olc a dhreach a shamhlachadh ri dreach Innseanaich, cha b-aobhar oilbheuma dha a dhealbh a shàmhlachadh ri dhealbh; oirsann iome-san a dhfhaod-te, da rìreadh, a ràdh, gum

Feara chuirp is glaincumadh,
Gun uireasbhuith dealbha.”

The gruag an Innseanaich nis duibhe (ma dhfhaodas sin a bhith) nofitheach choire nan creag,” gach fuiltein dhith co garbh ri ròineig de ghaosaid chleidich an eich ghlaisa shùil mheallach, dhù-ghorm, bu leòr a chuir eireachdeas air gnùis mhic rìgh, dìreach mar dhearcaig na talmhainn, a thaobh neòil. Tha a shlinneinean leathan, a chliabh farsuinn, ’sa chneas cruinn, agus e gun chion cumaidh os-ceann nan glùinean; ach tha car a machs na calpannaibh aig na h-uile mac agus nighean màthar dhiubh; agus tuigidh an leughadair ciod è tha cuir sin annta mus an dealaich sin. Coisichidh na firionnaich dhiubh so gu deas, fonnor, le dromanna cho dìreach ri slait den iubhar; ach tha falbh trom, udalach, aig na boirionnaich, mar a thaig na mnathan


[36]

Gaeleach is àbhaistbhigiulan a chléibh. ’Se n eallach thag ionnsachadh an fhalbhaidh so do na ban-Innseanaich cuideachd, oir cha ghiulan na daoine tomad a ghille-mhirein leò de ghoireasan an teaghlaich. ’Nuair a thogar an imrich (rud nach eil idir duillich a dheanamh), bheir gach fear leis a ghunnasa ghaothar, a luaidh as fhùdar, a bhoghasa dhòrlach; agus ri no neach, ach sin a mhàin, cha bhi cuid no gnothach aig’. Buinidh an t-saorsa so do dhòganach an bhliadhna dheuig cho math is don athair, ma is gun drinn e aithnichta thapadh riamh ann an sealg fhiadh, bhiast, no ann an iasgach; ach gheibh na mnathan agus na maighdeannan a chead a chlanna bheag a thoirt leò, a chumail cuideachd riusan t-slighe, maille ris gach seud saoghalteile bhiossan fhàrdoich, eadar thubhadh, shoithichean, aodach, bhiadh, agus bhéin. ’Nuar a ruigeas iad an ceann-uidhe, nonuair a dhèignicheas an òidhchiad gu tàmh a ghabhail, bheirear làmh air an tomahawk* (an tuagh-bheag), gearrar sios ma thuaiream dhusan cabar, ceanglar an ceann a caol ac uile ceart cuideachd, agus togar an sin suas am bàrr co dìreach is a ghabhas. ’Nuair a gheibh iad mar so air am bonn iad, tàirnidh fear sgriob chruinn man cuairt orr’, mar le gobhal-roinn. Beiridh, an sin, na h-uile fear agus bean air an làraich air


* ’Se làmhag a their mòran de mhuinntirnan gleannris a bhall-acainn so, ach shaolainn gur i Gaelic nan Innseanach is fhearr.


[37]

bun cabairnan laimh, agus togaidh a h-uile neach bun a chabair fhein a mach gus an ruig e an sgriob. Stailcidh iad an sinsan sgriob bun nan cabar, agus bheir iad làmh air an tubhadh. Cha bhi an tubhadh duilich a làimhseachadh dhoibh; oir is tric leis a bhina eididhibh mòra, theagamh deich slata fichead air fad, air fhighidh de fheur gréidhte, de chairt, &c ., rud-éiginn cosmhuil ri plàt-fhasgnaidh. Se doìgh a thac air a churGabhaidh neach an dàrna ceann dheth, agus cuiridh e dealg ann mu chabar; falbhaidh neach eile leis acheann eile dheth ceithir-thimchioll air na cabair, ’ga shior chumail nis àirde; bidh càch afuaigheal an iomail is ìsle den chùrsa mu dheireair uachdar an iomail is àirde den cheud chùrsa le dealgaibh, agus mar sin aìr aghart gus an ruig iad am mullach. Nuair a ruigeas iad am mullach fàgaidh iad toll beag gun chòdachadh ann air-son àrlais, agus fàgaidh iad bealach eile fosgailteadar dithis de na cabair air-son doruis, agus air a mhodh si bithidh am bùth na làn uidheam ann an ùinis giorra no leth-uair an uaireadeir.

Cha neil na h-Innseanaich fuasach cùramach mu ciod é a chuireas iad mun cinn no mun cùim, achs toil leòn airethoirt gu ro mhath air an casan. Se curachd as còta-mòr de phlaide bhàin shasunnaich tha cleachdadh bhi orra sagheamhradhan Canada, crios dearg ceangailte mun cneas agus osain dhearg, sgàrlait, aig am bi an cheann fosgailte, mar iad sin a tha tric aig


[38]

baintighearnan òg, an Albuinn, orra eadar an calpa agus bun na sléisde, agus cuarain ghasda mum buinn, air an deanamh de, agus air a fuaigheal le, leabhar féidh. Se mocassin (mu chasan) a their iad fhéin riu so, agus gu dearbh cha neil dùil agam gur urrainn do dhuine caisbheart eile chuir mu chasan leth cho blà agus cho socrach riu: a dheanamh na sgeòil goirid, cha dean am fear-imrich gnothach ceart ás an sagheamhradhan America.

Tha na h-Innseanaichnan sluagh a tha ro theòma air fiadhach agus air iasgach, agus gu cìnnteach is beag an t-ioghna sin, ’nuair nach eil a chuid is dhiubh adeanamh sam bith eile om breath gum bàs. Aithnichidh iad an t-àite den choille bhios na féidh ataoghal, agusnuair a thachras iad ri àite den t-seòrsa sin, ballaichidh iad air craoibh chòsaich, claghaichidh iad toll inntair am faigh fear-amais math a staigh, còdaichidh càch an toll ach amhàin na bhios mu choinneamh nan sùl aig, an sin le cairt a bhios cho coltach ris a chuid eile den chraoibh, is nach aithnich fiadh no feòcalan gun deach tomahawk riamh oirre. Nuair a bhios na h-uile gnothach ceart falbhaidh càch agus fàgaidh iad easansa chraoibh, agusnuair a thig na féidh bidh ùdlaiche aige leis a cheud dairirich. Cha deanadh an dòigh so feum maths mar a tha aig crachuinn beinne; ach cha tog am fiadh fhein gaoth ann an coille America.

Sann sagheamhradh is tha iad ag ias-


[39]

gachadh agussann mar so tha iad ris gu cumanta. Gabhaidh e an tomahawk agus gearraidh e toll cruinnsan deighe ma thuaiream fichead oirlich air leud; cuiridh e slat no dhà a bhios aig air an lùbadh agus air an ceangal leth-char coltách ri cabair cléibh air uachdar; càiridh e dos de bharraich mheang nan craobh air an déighe aig bile an tuill, agus beagan bhian air uachdar sin. Leigidh se e fein air a bheul fodha air na béin; taìrnidh e cearb den aodach uachdair thairis air na slataibh, agus an sinnuair a sheallas e staigh fuidhe chì e deich aitheamh fhichead siossan uisge cho soilleir ri solus mheadhon latha. Ach math is mar a tha fradharc a shùl cha mheall sin an t-iasg thuige, ’s fheudar dha ìnnleachd eile a ghnàthachadh, agus is ann aige-san a than innleachd. Dealbh sgadain beag air a dheanamh de fhiodh, le chuid lann, itean as ghiùran; mìr luaidhair a chàramhna bhroinn ga chumail còmhnard, agus driomlach ceangailte ri dhruim ga chumail corrach. Bidh gréim aige fhein air an driomlaichn na làimh chlì, agus na h-uile gluasadni e oirre, gluasidh an dealbh gu h-iosal, agus cha neil duine beò nach fhaiceadhdol sios na fhiodh e, nach saoileadh gum biodh beatha ann cho cinnteach ri iasgsan fhairge. Nuair thàrlas don iasg mhòr tighinn mun cuairt agus an sgadan fiodha aig an Innseanach fhaicinn, saoilidh e, mar a ni sinn fhein tuilles tric, “gur em fear is luaithe làmh is fhearr cuid,” agus bheir ega ionnsuidh; ach mar bheir sann


[40]

thuige-san a bhios a mhì-shealbh. Fonn-chrìth air an Innseanach a feitheamh air,

Ismorghadh cumhann geur,
Le chrann iubhair fein,
Ann na dhornaibh aig.”

Faodaidh e bith gum marbh e fhicheadan leth-uair na h-uaireach, agus faodaidh e bith gur ann a bhios ena shìneadh fad an latha fhaoiltich, gun uiread cudaige fhaighinn. Ach so aon rud air am bheil sàr fhios agam; nach eil duine sam bith eile b-urrainn, fanachd co fadaga fheitheamh, no mharbhadh co tapaidh nuair a thigeadh e.

Ach a dhaindeoin gach gnothaichsabheil na h-Innseanaich teòma, than t-urram uile acadhàrachadh an cloinne. Co luathsa bhios naoidhein latha no dhà dhaois, suainidh iad e gu dòigheil ann an cirb de dhaodach cùrainn, tàirnidh iad fileag den chirb eadar an chois aige air eagal gum bishliasaideansa chalpannan( ’se so thagam fàgail bràid-chasach) ro bhruicheil ri chéile, càiridh iad an sin e air criomaig bhig dhéile, tha air a gearradh a mach ac fo-chomhair an fheuma sin, cuiridh iad nasg fhiodha mu mhuineal agus eile mu iochdar a chùim air an daighneachadh ris an déile, agus an sin cuiridh iad iall mhath làidir, righinn, tre tholl ann an ceann na déile agus crochaich iad suas gu sgiobalt i leis na bhios oirre ri alachaig air cabar. Tha so na dòigh anabarach shocrach air cloinn seach a bhigan luasgadh ann ann creathail ag


[41]

ionnsuchdhoibh bhigal fada an lathasna h-òiche, mur bi neach-eiginngan crathadh mar cheaird-chosnaidh. Cha neil na h-Innseanaich adeanamh droch cleachdaidh dhoibhan toiseach, agus o nach eil cha bhi inndrainn acair. Cha chluinnear smid ás an ceann o mhoch gu dubh. Bithidh iad an sud gu gibeach, gun uiread faillein cluaise dhiubh,

Ach srònan laghach crom,
As òrdagan beag lom,

ri fhaìcinn amach ás an aodach. Tha sàr chothrom aca, gu h-àrd mar so, air a bhi sealltuinn ris gach a bhios adol air aghaidh feadh an taighe, ’chumail am mulaid dhuibh, agus ma sann ri craoibh amach a chrochar iad, cha chion cuideachd dhoibh, ged nach bitheadh ach an dreathan-donnsam brùdhearg. Ged nach eil an dòigh so, no dòigh cho math rithe, aig na Gaeil an diugh air altrum cloinne, cha neil fhios agam nach robh í roiso ac; mur bitheadh, carson a bhiodh é air a ràdh:—

* “Cheangail in leanabh air sgéith,
Air bàrr geíge sheargta dlù dhi”?

Se Papoos (patha-bus) a their iad ri leanabh, agus gu cìnnteach is freagarach an t-ainm e, oir cha neil min dùil gu bheil e cho nàdarrail do bhus sam bith eile, pathabhi air an còmhnuidh, ’sa tha e do bhus leinibh.


* See Smith’ s “Sean Dana,” page 175.


[42]

Ged a sheasas an t-Innseanach àite firsan àrfhaich, cha neil e cho math mar shaighdeir ri uchd teinesa tha esan ruaig a thoirt a mach na tòrachd. Rinn iad so aithnichte, air mhodh cotharaichte, ’n lathathugadh am blàr aig Queenstonan CANADA UACHDRACH. Bha iadsan acòmhnadh nam Breatannach an latha sin, agus coluathsa fhuair iad an ruaig air na Yankaich shìn iad orra cho caìthriseach is gun do chairt iad a h-uile aineil dhiubh, a bha romhpa fhéin, thar bearradh creige mhòir a thasan àite sin. Cha dfhodhainn sinn leò, achnuair a sheall cuid diubh sios, ’sa chunnaic iad roinn de na Yankaich air greimeachadh ri preasaibh beaga, ’bha fàs thallsa bhos feadh aghaidh na creige, thog iad a chath-ghairm agus leum iad sios; sgriob gach fear leis Yankachsan dol seachad, mar gun toireadh seobhag leis coileach-fraoich á sgoran taobh glinne, gun umhail sam bith aca gun robh am bàs fhein cho cìnnteach ri bàs nan Yankach aig bonn na creige: Mar so, an nàmhad a bheir cùl a chinn dhoibh, cha ruig leas dùil a bhi aige gun sàbhail muir no monadh e.

Cha neil rìgh no uachdaran am measg nan Innseanach, ach cinn-fheadhna, dìreach mar a bha na cinn-chinnidhaon uair am measg nan Gael. Bidh iad cho bìdh ris an luchaig an làthair a chinn-fheadha so, agus b-olc an airidh mur bitheadh, oir bidh easan cheart co cùramach mu dhìllseansa bhiodh athair mu aon duine cloinne. ’Stric a thaisbein iad an cùram so, eadhoin ri


[43]

uchd bàis, mar a thachair ann an cor fir dhiubh a bha le còmhlan de dhìllsean acuideachadh nam Breatannach, mas math mo chuimhne, aig BROCKVILLE. Chunnaic Tecumsheh (deadh-chuimse) gun robh a choslas air an Yankaich buadhachadh, agus, air an aobhar sìn, bhruidhinn e ri ceannard an airm-bhreatannaich. “Tha mi afaicinn,” ars easan, “mar téid sinnnar n-earalas gum faigh iad miann an cridhe oirnn, ni an sgiath ud thall a bhochduinn buileach mur cuirear grabadh oirr; ach leig thusa dhomhsatarruinn air ais beagan le trì cheud de mo dhaoine agus gabhaidh mi lom gach ath-ghoirid tren choille; cha bhì mi fad air an rathad, agus theid min urras, ’nuair a ruigeas mi gum faigh an dromannan an tachas a chuir ast.” “Cha neil mituigsinn ciamardheanadh tu sin cho mathsa tha thun dùilthuirt an Sasannach. “Coma leat-sa, leig thusan gnothachan earbsarium, agus chì thu ciod a thachras.” “Ta, ’s misem fear nach dean sin,” thuirt an Gall. “Mur dean lean do dhroch comhairle fhein, agus chì càch mar a bhios deireadh an latha, ach chan fhaic mise e! tha beagan uair fhathast agam ri chaithidh, agus tha micuir romham nach dean mi droch bhuil diubh! chan fhaic thusa no fear eile an ruaig air Tecumsheh. ”! Le so a ràdh thug e chùl da, las confhadh a chéibh, thog e iolach le sgairteachd bhuaireasaich a chuireadh crith agus déistinn aircaogad mìlidhagus mar bheìthir theinntich, bhuail e staigh am buillsgean a


[44]

nàmh, adeanamh deadh-chuimse, gun ag, air gach taobh dheth; oir bha e.

Gan spadadh marbh asgan liodairt,
Asgam fàgailsan ionad gun deò,”

gus na lom-sguab e a chearna den àrfhaich air an robh e. Ach, mo chreach! “se lionmhoireachd nan làmh a nin obair,” ged nach deanadh fear eile beud do, agus ged nach robh dol as aig fear eile bho, dheadh-chuimse féin, ann an comhrag-deise; gidheadh, aig cho lionmhorsa bha nàimhdean mun cuairt dasa chath neo-chothromach so, fhuair iad fàth air leònadh o chùl; bha ecall fhala gu bras agus sior fhannachadh, ionnas gum b-fheudar dha tàirsinn air dheireadh agus aomadh ri maladh cnuic am measg nan closach beubanaicht a bhanan suainsan raon. Cha b-fhada bha a làthaireachd gun ionndrainn le dhìslibh; phill fear no dhà gu h-ealamh a dhfhaicinn ciod è mar bhà. ’Nuair a thàinig iad dlùna fhochair, leig gach fear a chudthrom air ceann a shleagha adùr amharcadh air, ’sna deòir, mar chùirneanan de dhealt a chéitein, acuir char dhiubh air leth-taobh an gruaidh. Mhothaich iad togradh bhi aige ni-éiginn a labhairt. Ghrad leum fear agus thog e a cheann gu fòil, on làr. “Tha sinn, tha sinn, adealachadh fhearaibh,” arseasantaghaibhse ceann-feadhna!” Thà sinn adealachadh, tha mo thruaigh!” arsiadsan, “ach cha neil taghadh ridheanamh air Ceann-feadhna, ’sgun agad ach an t-aon mhac, is gur e


[45]

t-aon duine cloinne e.” “Bha sibhnur sluagh dìleas domh riamh, agus na cuiribh suarach mathchuinge dheireannach, guidheam oirbh!” arseasan, “Guidheam oirbh! na biodh cuid no gnothach agaibh ris, ach taghaibh fear eile!” “Cha chuir sinn suarach t-ath-chuingich, bu mhòr a ghabha-maid! ach nach leig thu leinn a thuigsinn carson nach gabhamaid do mhac!” “Tha e co coltach ri *Saganash ’na chruth, is gu bheil eagal orm gum bi e co coltach riuna inntinn is nach fhìu e sluagh earbsadh ris!” Man gann a bham facal ás a bheul, dhiath suain a bhàis murosgaibh, bhuail na Breatannaich ratreut, thàir gach fear ás, agus dhfhan Tecumshehsan àrfhaich; ach, mar a thuirt e fein, chan fhac easan sin.

Sin dan fhearìmrich, a ghnè shluaigh a thann de na h-Innseanaich, daoine ceannsalach foghainteach, ach daoine nis lugha miathlachd do mhuinntir eile, cha neil dùil agam ri fhaicinn. Tha cainnt shocrach, bhogar, ghrinn ac, dìreach meangan den Ghaelig, agus nam biodh an dream a sgriobh in toiseach làn eolach air a Ghaelic, bhiodh an chainnt anbarach coltach ri chéile. Ach non cuirte fear na dhà de shearmainichean-siubhail á Sasann, amach air feadh nam beann a dhfhoghlum na Gaelic, agus co-luathsa dheanadh iad droch sheòrsa foghluim oirre, ùghdarras thoirt doibh a sgriobhadhsa cuiran clò, bhiodh i cheart cho doirbh ri thuig-


* Sasunnach.


[46]

sinn, agus mòran na bu doirbhe ri leughadh, dhomhsa, no thachainnt Innseanach.

Ach ged a mhilleadh an cainnt leis na Goill cha do mhilleadh an eòlas leò, oir bha iadnam meaddon air moran diubh a thoirt o dhorchadas gu solus, ionnas gun do thilg iad dhiubh an seann duine maille ri ghniomharaibh ann an sheadh, tha dòchas agam. Rinn iad so on taobh a mach co-dhìu, oir tha mòran diubh a nis air leagadh seachad na seilge agus gach seana chleachdaidh gun tairbh a bhaca, agus air tòiseachadh ri dachaidh bunaiteach a dheanamhsan aon àit. Cha neil iad sodeanamh àiteachaidh mòram beagan bhliadhnaichean, mar tha iomadh seòrsa eilen America, ach bìthidh aca de bhàrr na chumas biadh riu fheinsrin teaghlaichean. Tha am ministears am maighstir Scoilen comhnuidh suidhichtenam meadhon, los gum bi iad goireasach ris gach teaghlach fa-leth. Tha mòran de choslas na diadhaichd air na h-uiread diubh, agus bu mhiann leam a chreidsinn nach coslas gun chumhachd e, ged a bha iad o cheann ghoiridnan coimhìch do cho-fhlaitheachd Israel, agusnan coigrich do cho-cheanglaibh a gheallaidh, ás eugmhais dòchais, agus gun Dia ann san t-saoghal.

title6
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page