KINGSTON, &c .
Tha aon bhuaidh shònruichte air Kingston nach fhaca mi air mòran bail’ ’an Canada, ach e fhein—se sin, co pailt ’sa tha clachan ann; ach tha clachan an Kingston cho pailt ’sa tha sgleut am Baile-Chaoluis; agus is rogha chlach air son togalach iad cuideachd. Thà ’bhuil, tha aitreabh ghasda agus sràidean glan, grinn ann, agus ’ga ghabhail uile thar a cheile, is baileachan beag glè laghach e. Tha am fearann mun cuairt air rud-éiginn aotrom, mar is dù do fhearann clachach a bhi ’sna h-uil’ ait; ach air a shon sin, tha cliù ro-mhath dheth airson barra, gu sonruicht’ air-son cruineachd. Tha mòran seòladaireachd a’ dol air aghairt mu’n bhaile so, am fad ’sa bhios an loch fosgailt’, agus o’n rinneadh an canàl tha taoghall sluaigh agus bathair ’sgach nì eile moran nis mò air. Gach bathar a bhios dol suas an dùthaich, thig soithicean ’an so ’ga thoirt air falbh; gach siol a’s biadh a’s duine thig a nuas an dùthaich, thig soithichean an so leis; a thuille air gu’m bheil mòran iasgaich air a chumail air aghaidh ann, agus gu’ bheil e ro ghoireasach ri Staid New York, oir tha Oswego dìreach fa-chomhair taobh eile an luich. Cha ’n urrainn domh a ràdh ciod e ’n leud a tha’nn san loch san àite so, ach shaoilinn nach mò e no trì fichead ’sa coig-deug, no ceithir fichead mìle.
’S ann mach cùlaobh Khingston tha ’n dùthaich ris an canar Frontenac; tha Hastings a’ crioch-
nachadh rithe-san agus tha Northumhberland a rìs n’is fhaid’ air aghart air an taobh shuas aig an abhainn Trent. Cha ’n fhaic am fear ìmrich an abhainn so idir ’san dol air aghaidh, oir ’sann a tha i ’ga taomachadh fhein ann am Bàgh Qhuinte, sgiath de ’n loch a dh’ fhàgas e ’na dheígh air a làimh dheis. ’SePort Hopea cheud bhaile puirt is fiù aithrís a chithear an déigh falbh á Kingston. Tha easan na bhaile beag tha ro àillidh ’san t-sàmhradh. Tha e air a shuidheachadh air stèigh àird, thioraim, agus tha fearann gasda mu thimchioll. Tha seòladaireachd chunbhalach thuig’ agus uaithe; agus tha sgadan a’s bradan ’s gach gné éisg a tha air an loch, ro phailt mu’n cuairt da. ThaPort Hopeceud mìle ’sa deich o Khingston agus trì fichead air a shùil o Thoronto.
title | 8 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |