NA PEATHRAICHEAN.
Air maduinn shamhraidh co grianach àillidh ’s a dh ’éirich riamh air beinn no baile, chunnacas buidheann do fhleasgaich agus mhaighdeannan sùnntach aighearach a’ siubhal gu h-eutrom uallach a dh ’ionnsuidh tigh banntraich ann an Gleann-nam-Bò. Chaohcail a còmpanach cóig bliadhna ’n déigh dhoibh pòsadh, ach dh’ fhàg e aice gabhail mhath fhearainn fo làn stoc do ni-dubh agus do mheanbh-chrodh, agus suim mhath airgid cùl a làimhe; air alt agus gu’n robh i féin agus a dithis nighean ann an cothrom math agus fo mhór-mheas san dùthaich. Cha robh dà chaileig san sgìreachd uile bu mhodhala, bu bhòidhche ’s a b’ fhèarr a fhuair an togail ’s am fòghlum do réir an inbhe féin, na Seònaid agus Màiri nigheanan na banntraich’ an Gleann-nam-Bò. Cha robh r’a fhaicinn air féill no aig clachan dà chaileig bu luraiche na iad. Bha iad le chéile maiseach bòidheach mar lilidhean àillidh a’ ghlinn anns an robh iad a chòmhnuidh, agus bha iad màlda, stuama, banail, nàrach, mar na sòbhraichean buidhe bòidheach a bha ’cìnntinn air bruaich an uillt bha siubhal troimh Ghleann-nam-Bò. B’i so maduinn latha am bainnse. Bha iad ri bhi air am pòsadh air an latha so, le làn chead am màthar ri oganaich do’n d’thug iad gaol. Leth-bhliadhna ’n déigh latha na bainnse chaochail am màthair—ghairmeadh ise gu saoghal a b’ fhearr. Bha aonta a’ Bhaile air ruith a mach—reiceadh an stoc air fad, agus roinneadh eadar na peathraichibh na bha ann. Chaidh làithean a’ bhròin airson bàs am màthar seachad, agus fad ìomad bliadhna bha na peathraichean co sona ’s a b’ urrainn an cridheachan iarraidh. Bha iad a chòmhnuidh ann an Glascho, bha na fir ri marsantachd, agus bha ’n saoghal a’ cinneachadh leò mar bu mhiann leò. Bha na peathraichean, mar thuirt sinn cheana, le chéile àillidh, ach thug a h-aon bàrr air an aon eile. ’S i Seònaid bu mhaisiche agus bu mhàlda; ach, mo thruaighe! bha latha a’ bhròin a’ tarruing dlùth—’S gann a dh’ fhosgail am blàth nuair thàinig an duibh-reodhadh agus shearg e—’s gann a bha ’n crann fo dhuilleach nuair shéid an doinionn agus thuit e gu làr—’s gann a bha ’n luibh-sgàilidh air fosgladh a mach os a ceann nuair a a dh’ iadh an nathair lùbach i féin mu’n bhun, agus shearg i an sgàil
Cha b’ ann mar so d’a piuthair. Bha aig Màiri na bu mhiann le ’cridhe do shonas an t-saoghail-sa—a còmpanach gu stòlda, stuama an ceann a ghnothuich féin. Bha ise mar an saoghal gu léir dhàsan, agus esan mar an saoghal gu léir dhise. Shuidheadh iad taobh ri taobh ag amharc an aodann a chéile, mar nach biodh aon ni eil’ air uachdar an domhain a b’ fhiach amharc air.
Chaidh bliadhna agus bliadhna thairis, ach dòchas cha d’thàinig chum an t-seòmair dhorcha dhoilleir anns an robh Seònaid thruagh. Chinn an duine aice ’na mhisgeir gu tur—dhearmadaich e a chuid ghnothuichean uile gu léir, agus thàinig latha na bochduinn. Seònaid a bha aon uair mar am blàth a b’ aillidh, bha nis gu bàn, droch-neulach, seargta—a cridhe briste—a clann gun aodach gun bhiadh—gorta ’s ganntar agus tinneas air teachd orra—i féin a chòmhnuidh ann an cùil dhorcha, airsneulaich, àitidh, gun aice cathair air an suidheadh i, agus gun ach boitean bochd cònlaich foidhpe agus lùireach bhochd aodaich thairis oirre—a’ ghaoth ’s an sneachda ’s an t-uisge ’teachd a stigh air an uinneig bhriste. Mo thruaighe bhochd! chaill i gach misneachd—shuidh i air cloich gun teine gun lòn, a clann a’ glaodhaich mu’n cuairt di, a fear a’ mionnachadh ’s a’ mallachadh ’s a’ dìobhuirt air an ùrlar. Mar thionndadh e a shùilean dearga lasarra air na pàisdean truagha theicheadh iad cùl am màthar.— ’Nuair nach robh aice deoch r’a thoirt dà no lón r’a itheadh, ’nuair a chreic i na bha aice air aghaidh an t-saoghail ach na luideagan bochda bha ’ga còmhdachadh, dh’ éireadh e air a bualadh agus air laimhseachadh co oillteil a dheanamh oirre ’s gu’n tugadh e deòir o na clachaibh a bhi cluinntinn glaodhaich na mnatha truaighe, sgriachail nam pàisdean bochda ’s iad a’ teicheadh a mach, agus mallachadh an duine bhrùideil a gheall a dìon agus a freasdal mar ’fheòil féin—dh’ éirich e ann an ard-fheirg oillteil, agus mar bha Seònaid chaomh a’ guidhe air gun a murt gu tur air sgàth nam pàisdean truagha, bhuail a’ bhrùid i le ’uile neart, agus dh’ fhàg e àilleagan Ghlinn-nam-Bò ’na sìneadh air an ùrlar! Thàr e as, agus cha ’n fhac iad tuillidh e.
O sibhse, luchd an òil! ’s beag tha fios agaibh c’àite ’n stad sibh— ’s beag tha fios agaibh cia uamhasach, cia cealgach, mealltach, sleamhain a’ bhruach oillteil air a’ bheil sibh a’ seasamh! Thug an duine cuthaichte so an t-Arm air—sgiùrsadh uair agus uair e, agus bhàsaich e fa dheòidh fo ghalar a thog a ghòraiche agus ’ana-meinneachd féin air.
Thainig tinneas air Seònaid nach do chuir i dhith. ’Nuair a theich
Cha b’ ionann agus Màiri ’s a còmpanach cneadsa; bha eagal an Tighearna ’nan cridheachaibh—bha aoradh Dhé ’nan teaghlach—bha iad sona, toilichte agus taingeil—an saoghal a’ cinneachadh leò—an clann a’ fàs suas mar chrannaibh seilich ri taobh nan uisgeachan—cha robh cànran no comhstri, conas no eud ’nam fardaich—cha robh r’a éisdeachd ach seanachas taitneach—guth nan Salm agus na h-urnuigh moch agus anmoch—esan ’s am Bìobull ’na làimh—a chlanna-bheag air an glùinibh r’a thaobh—ise ’s màgaran beag àillidh air a glùn; agus mar thàinig am focal deireannach o bheul an athar, Amen a’ teachd o na bilibh beaga m’a thimchioll. So sealladh taitneach ’am beachd ainglibh! So sealladh taitneach le Dia.
title | Na Peathraichean |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 1 |