[21]

MELCHISEDEC.

Cùm cleachdadh na h-Oir ad shùil,
Mar stiùramaiche mion nan tonn;
Air neo cha tuig thudhaindeoin smaoin,
An leabhar naomhas nèamhaidh fonn.
MACTALLA.

A Theachdairùiseil

Anns an 22d. àireamh den t-seann Teachdaire chuir fear dur luchd-leughaidh acheist. “An urrainn sibhse a mhìneachadh dhuinn mu thimchioll Mhelchisedec?”

Nis cha mhinisteir agus chan fhoirfeach mise, achs toigh leam am beagan eòlais a thagam a phàirteachadh ri mluchd-dùthcha ionmhuinn; cha bu mhath leam gnn rachadh ceist a chur leo nach fuasgladh an Teachdaire; uime sin, ge ladarna an oidheirp, bheir mi dhoibh, ler cead-sa, mo bharail mun duine so, Melchisedec; ma tha mim mearachd, cuiribh ceart mi.

Is culaidh-smuain da rìreadh a bhilenghadh ann an eachdraidh na fìrinn mu dhuine [Eabh vii 4.] a bha gun athair gun mhàthair, gun sìnnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha[Eabh vii. 3.] ach ma chumas sinn cleachdadh na dùthcha agus an àmanar beachd, chì sinn gu bheil achuis so-thuigsinn; chan e sin amhàin ach nacheil earrann anns an leabhar naomha, o thoiseach gu deireadh anns am bheil barrachd comh-fhurtachaidh agus eòlais don chridhe bhriste bhrùite.

Anns acheud àite, matà. Bha Melchisedecna shagart agus bha Aaronna shagart, agus is e than t-abstol adearbhadh gur h-i sagartachd ordugh Mhelchisedeic a bfhearr agus a bfhaide leanadh na sagartachd Aaroin. Bha aig na h-Iudhaich phrìomh-athair dhéug, biad sin mhac dhéug Iacoib, dìreach mar tha cinn-fhine againn féin anns aGhàidhealtachd. Cha robh mac màthar den t-sluagh roimhe so mhìltibh bliadhna nach robhainm sgrìobhta, anochdadh n teaghlach dam buineadh e; ben ceann-teaghlaich soathair, agus an Eaglais Iudhach a mhàthair, dìreach mar gun abrainn-se gu bheil mimach á teaghlach Dhuaird agus gur h-i Eaglais na h-Alba mo mhàthair. Mar dhearbhadh air so thugamaid gur cuimhne gun do chonnsaich na h-Iudhaich ann au làithibh Chriosd, ag ràdhIs e Abraham ar n-athair-ne[Eoin viii. 39.] agus a rithist, far am bheil an Spiorad le beul an fhàidhe alabhairt mun eaglais, arsesan, “Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir chan i mo bhean-sa i.[Hos. ii. 2.]

A rithist. Mu thuaiream cóig-ceud-déug bliadhna roimh theachd Chriosd, thug Diamach mar òrdugh no mar lagh àraidh, nach faigheadh neach dreuchd sagairt ach iarmad Aaroin de theaghlach Lebhi. Bhan lagh so co teann agus an déigh dhoibh tilleadh á braighdeannas Bhabiloin gu bheil sinn aleughadh mu fhear Telharsa agus iomada eile a bhagun athair ann an Israela chionn nach burrainn iad an teaghlach a dheanamh a mach; chan e sin amhàin ach clann nan sagart féin, ’nuair dhiarr iad an ginealach agus nach d’


[22] fhuair iad e chaidhan gearradh as on t-sagartachd.”

Nis cumamaid sonar beachd, agus cuimhnicheamaid san àm cheudna gun robh Melchisedec ann ceudan bliadhna mun deachaidh an lagh sochur air chois, agus tuigidh sinn gur e so an seadh anns an robh egun athair gun mhàthair,” ’s e sin gun cheann-teaghlaich gun cheann-eaglais.

San dara h-aiteThan fhìrinn ag ìnnseadh dhuinn gun robh Melchisedecgun toiseach làithean gun chrìoch beatha.” Tha so gu dearbh iongantach, ’nuair than fhìrinn cheudna ag ìnnseadh dhuinn gum bu duine e.[Esra 2. 62. Eabh. 7. 4.] Ciod an creutair cruthaichte aig nach robh toiseach? Theagamh gum freagair cuid do na daoine glicedhìnnseas air clàr aodainn neach co aca bhios e caillte no sàbhailte, acheist so.

Cumamaid fathastnar beachd gur h-ann than t-abstol alabhairt mu dhreuchd an t-sagairt agus chan ann ma bheatha aimsireil, agus a rithist rannsaicheamaid agus faigheamaid a mach tùs agus crìoch làithean dreuchd an t-sagairt fo òrdugh no fo riaghailt Aaroin.

Tionndaidh gu leabhar nan Aireamh, 8. 24, 25. agus chì thu nach feudadh neach dreuchd na sagartachd a ghabhail air roimh aois chùig bliadhna fichead, agus gun feumadh etoirt suas aig aois leth-cheud. Be tùs a bheatha, anns an t-seadh so, nuair ràinig e aois chóig bliadhna fichead, agus deireadh a làithean nuair a ràinig e aois leth-cheud.

So a nis a chriosduidh, far am bheil an comh-chur; so far am bheil achomhfhurtachd; so far am bheil an sòlas; gabh chugad e. Than t-abstol adearbhadh agus mar gum beadh adinneadh anns na h-Iudhaich gum bu shagart no fear-tagraidh Criosd, chan ann de dhòrdugh Aaroin, a chionn aig a shagartachd-san gun robh crìoch, achis sagart thu gu siorruidharsesan, do réir òrdugh Mhelchisedeic.” Cha robh crìoch air sagartachd òrdugh Mhelchisedeic ach am bàs. ’S ann mar sin a ta ar sagart-ne, Criosd, agus, cuine thig am bàs sin? Na gabh giorag a Chriosduidhcha tig gu bràth, oir tha e beò gu siorruidh, adeanamh, mar a ni gach sagart, eadar-ghuidhe air ar son. Is mise le mór-irioslachd.

AN GAIDHEAL ANNS A’ BHAILE. Glascho 1835.

title12
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page