[23]

AN DUINE SONA.

Rugadh an Duine Sona ann am baile na h-Ath-ghineamhuinn, ann an Sgireachd Aithreachais-chum-beatha; dhfhòghlumadh e ann an sgoil na h-Umhlachd, agus a nis tha echòmhnuidh air còmhnard Buan-mhaireachduinn. Tha eg obair air cèaird na Dìchill, gidheadh tha oighreachd mhór aige ann am Siorramachd ToileachaisChriosduidh, agus iomadh uair tha e deanamh mìrean do dhobair an Fhéin-Aicheaidh. Tha e acaitheamh trusgan simplidh na h-Irioslachd, agus tha Culaidh nas fearr aige gu chur uimenuair theid e chum na cùirte, dan goirear Deise do dhIonracas Chriosd. Mar is trice tha esiubhal ann an gleann an Fhein-Irioslachaidh, agus air uairibh tha estreapadh Beinn na h-Inntinn-Spioradail. Tha ebeathachadh gach maidne air Urnuigh-Spioradail, agus gach feasgair air au cheudna.

EAD. LE J. R.

title15
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page