[3]

FAILTE DON TEACHDAIRUR.

FHIR MO CHRIDHE,

Tha sibh a nis air tòiseachadh air amhìosachan lurach so chur dar n-ionnsuidh a rithist, agus mìle misg air an fhear nach guidh soirbheachadh math leibh féin agus leis an Teachdaire! Gu ma maol-chluasach a bhios an Gàidheal a dhiùltas ard-chathair a thighe dha, agus gu ma toll-sporanach an sgrubaire sin leis am bu daor e air an t--sgillinn chrotaich, leibideich, bhochd. Chan fheud e bhith gun drugadh es an tìr anns na rìoghaich FIONN, agus anns na sheinn OISEIN, neach a ni di-meas air an Sgeulaiche òirdheirc. Ma rugadh, gu robh e féin crùbach agns na h-uile fear a ghabhadh a leisgeul crotach làithibh am beatha! Nam biodh fhios agaibhsan othail a tham measg nan Gàidheal o na chualiad gun robh sibh air tòiseachadh as-ùr. Is iomad mall-triallach agus oidhche chianail a bha againn o na sguir sibh dheth; ach, buidheachas don fhortan! mhosgail an Teachdair as a shuain, agus le binn-ghuth àidh ghairm e sinne or cianalas, agus dhfhògradh ar dubhachais mar neòil na maidne. Fosglaidh ar bilean le gàire, agus ni ar cridheachan gairdeachassanTeachdaire Ghàidhealach.”

Tha na buidsichean air chrith le h-eagal, —tha glùinean luchd-ghisreagan abualadh ri chéile le h-ioghna, —agns tha an dream a tha toigheach air ti, deoch, agus rìomhadh, afàs bàn le geilt-chrith thaobh an sgiùrsaidh sgailldidh a bàbhaist duibh a chumail ri earbuill nam biasdan. ’Se mo dhòchas nach do lagaich bhur làmh agus nach do mhaothaich bhur cridhe thaobh an dream so; oir is da rìreadh muladach, eadhon anns an linn sholusaich so, na beachdan faoine tha móran ag altrum mun timchioll. —Gabhadh sibhseair ur n-aghaidhnur n-obair ghràidh agus theid misen urras nach fhada gus am feud iad luidhe far na luidh am mart cean-fhionn, àig cùl aghàraidh. Chan urrainn iad coire dheanamh oirbhse ge nacheil teagamh nacheil na h-it-cheannaich, na sgaomadairean agus na h-uile tha miannach air féin-ghlòir ealamh gu bhispùtadh a mach puinnsean na cùl-chainntnar n-aghaidh, ach na oirbh iad nas air craig tonn-fhras nan uisgeacha càr-gheal. Cha dean e coire air bith don ghealaich na h-uile tha eadar tigh Iain Ghrot as lùchairt an righ bhi tathunnaich rithe. —Tha sibhse tuilles ardtuilles daingnichte ann an gràdh gach fior Ghàidheil gu bhi air bhur dochann leò. ’Se comharradh as fearr air duine thann an dreuchd follaiseach, na h-eucoraich agus luchd-dubhailc as mi-bheus a bhina aghaidh.

Ach ged a tha na connspeachan air bàinidh gu bhin sàs annaibh, is lionmhor agus is treun bhur càirdean— ’s ioma broilleach tha bualadh le mór-aoibhneas, agus làmh chairdeil a tha sintemach gus an Teachdaire fhàilteachadh gu furanach. Eiridh frog air an t-sean-aoisnuair a ni sinnainmeachadh; —Suidhidh na baintighearnan òga leis sachoille-chnò— ’an lagan doilleir, —noam bun tuim far nach cluinn iad ni ach beul milis an Teachdaire, no binn-cheileir na cuaiche, no fann-thorman nan sruthana meara; tha gach fleasgach amionnachadh gu bheil fiosachd agaibh do bhrìgh cho mion-eòlachsa tha sibh air gach lide thig amach air am beul an àm seasamh dhoibh


[4] len leannanan aig cùl gàraidh non sgàile craige; —agus tha iad gu lionmhor afàidheadaireachd gun sruth mór-bhuannachd on t-saothair tha sibh adeanamh gu bhisoilleireachadh bhur luchd-dùthcha. Is ann den àireamh so am BARD BREAC, a sheinn an dàn a leanas:—

Fàiltort féin, a TheachdairGhàidhlaich!
Sgeul as fearr leinn thu bhi fallain;
Do bheatha choidhch do thìr nan ard-bheann,
Far an dfhàg thu sinn fo smalan;
Gleus gu réidh do theudan clàrsaich,
S tog gun dàil do dhànaibh ealamh,
S tuitidh Sprochd mar bhochdan cràiteach,
No mar chorp gun chàil gu talamh.

Fosgail-sa do bheul gu tùrail,
S seinn mar smùdan ùr-laoidh theud-bhinn,
Freagraidh MACTALLA an tùs thu,
S freagraidh do luchd-dùchgu léir thu,
Freagraidh maighdeannan nam beann thu,
Mar organ milis srann-bhig éibhinn;
Togaidh gach cruitear sgiathach ceòl duit,
Fhir bu bhòidhch’ ’s bu sheòlta sgeula.

O! tog-sa ort, a thosgair àluinn,
Le do Ghàiligs fearr gu còmhradh,
Innis mu gach comh-stri ghàbhaidh
Bhanns gach āitmun dfhàs thu eòlach,
Stiùr sinn gu dearg-fhaichan lasgair’,
Far na thuit na gaisgich chròdha,
S gus gach uaighs na shìneadh cŭraidh,
Smath as urrainn thu gar seòladh.

Brosnuich sinn le eachdraidh Albainn.
(Farm bu chalma dalmna treun-laoich)
Gu bhi deothal og-mhil thairbheach
As gach sgrìobhadh dearbhta feumail;
Seirm dhuinn farum sin gach borb-bhuill,
S fuaim bhaig arm-chleas garbh na Féinne,
S ged nach fhearr sinn féin na cearbaich,
Cha bhi do sheanachas searbh ra leughadh.

Feumaidh tu air uairibh éiridh
Do na speurri reub-ghaoiths gaillinn;
Bidh mìle Gàidheal ri do shàiltean
O, cia gàbhaidh ni thun tarruing!
Nuair gheibh thu iad gu suidhen òrdugh,
Nan còmhlain fòil fa chòmhr na gealaich,
Mun ghorm-bhrat àluinn, pàirt-dhait ìnns dhoibh
S mu gach rionnaig dhrìlsichs planat.

Bheir thun sin cruinn-leum don fhairgleo,
Measg nan iasga garbh as òga,
Ach feuch, a theachdair’, nach teid cuid dhiu,
Shlugadh leis amhuic mar Iònah!


[5]

Treòraich iad a ris gu sābhailt,
As na h-uisgibh càr-gheal leòmach;
Gum fàg thu iad acall an lūis le
Gàiricichan ich nam mòr-bheann.

Teagaisg iad le reachdan cràbhach,
Brighor, sàr-mhath, àghmhor, tùrail;
S buail le cuaille cnuachd gach fàl-bheirt,
Gus am bàsaich iads na cùiltibh;
Biodh gach duilleag ghrìnn an Teachdair’,
Na gàradh-altruim do gach sùbhailc,
S innis dhòmhsan ceann na bliadhna,
Ma nochdar fiatachd dhuitsan ich-sa.

Tha e doirbh ra thuigsinn ciod thair aireBhaird-Bhric a dheanamh air an dream a ni di-meas air an Teachdaire; ach nam faiceadh sibhs aghreann oillteil a chuir e airaodann aos-phreasach féin air dhà bhi crìochnachadh an òrain so, cha bhiodh teagamh agaibh nach robh peanas uamhasach éiginna bheachd. Cia air bith mar bhios sin, tha misecur romham, o àm gu h-àm, a bhi cur cuid do dhòrain aBhaird-Bhric dar n-ionnsuidh maille ri eachdraidh fhiachail air bith a dhfheudas bhi air a cnuasachadh ler seirbhiseach fìor-dhìleas,

TUATHACH CUAILEANACH.

Bun Lochabar, Ceud Mhios aGheamhraidh, 1835.

title2
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page