[6]

SEARRAGAN UISGE, NO, BUIDEIL UISGE RIOGHACHDAN NA H-AIRD-AN-EAR.

Ann an leabhar Iosua (ix, Caib.) tha cùnntas againn air an dòigh chealgaich chuilbheartaich a ghabh na Gibeonaich chum lāmh-an-uachdar fhaotainn air Iosua agus a thoirt air cùmhnant a dheanamh riutha, nuair bha esans am feachd buadhmhor bha maille ris atarruing dlùth air an dùthaich. Chuireadh buidheann àraid do na Gibeonaich a mach an coinneamh Iosua: rinn iad so gu seòlta, oir leig iad orra gum bu teachdairean iad a thainig á dùthaich fadas,


[7] agus mar dhearbhadh air so, ghabh iad seann saic air an asalaibh, agus fìon-shearragan, air neo fìon-bhuideil a bha sean agus reubta, agus ceangailte suas, “Agus brògan a bha sean agus càirichte air an cosaibh, agus sean eudach orra; agus bha aran an lòin uile tioram agus liath. Agus chaidh iad a dhionnsuidh Iosua don champ gu Gilgal, agus thubhairt iad ris, agus ri fir Israeil, Thainig sinne o dhùthaich fadas; a nis uime sin deanaibh coimhcheangal ruinn. An t-aran so againn ghabh sinn teth air son ar lòin a mach as ar tighibh, san anns an dthàinig sinn a mach gu dol dur n-ionnsuidh-sa; ach a nis, feuch, tha e tioram, agus liath. Agus na searragan fìona so a lìon sinn, bha iad ruadh, agus, feuch, tha iad reubta: agus tha ar n-eudach so agus ar brògan air fás sean, le ro-fhad na slighe.”

Cha robh na searragan no na botuil sin cosmhuil riutha-san a ta air an cleachdadh san linn so. ’S ann do ghloine tha botuil agus searragan a nis air an deanamh, ach an sud bha na searragan air an deanamh do chraicnibh ghabhar agus laogh, agus do chraicnibh chreutairean eile air an drinneadh feannadh-builg mar chìtear air feadh na Gàidhealtachd air son bhollachan do lìn an sgadain. Tha iomradh againn gu tric air na searragan so saBhìobull. Ann an leabhar na Gin. 21. Caib. 14. rann, thug Abraham searrag uisge do Hagarnuair chuir e air falbh i. Ann am Breitheamhna iv. caib. tha sinn aleughadhnuair chaidh Sisera stigh do bhùth Iaeil gun dfhosgail i searrag bhainne agus gun dthug i deoch dha; agus ann an iomad earrann eile do dhfhocal . Ann an rìoghachdan na h-aird-an-Ears annam buideil chraicinn don t-seòrsa so tha uisgagus fìon air an gleidheadh chum an latha diugh. Tha cuid do na searragan so co beag ris na botuil tha sinn féin acleachdadh, agus cuid diubh a chumas lan baraille. Ni iad feannadh-builg air daimh mhóra agus air gach seòrsa cruidh; agus is ann o so thainig am focal so, buideal no botul, a nuas dar n-ionnsuidh-ne air a dheanamh suas do dhà fhocal agus iall, bo-iall; agus is airidh air beachd gur e so an dóigh-labhairt tha acann an Eirinn; an aite buideal no botul, ’se deir iadsan bo-iall; air alt agus nach focal Beurla botul ach fìor fhocal Gàilig, oirs en aona chiall tha aig botul agus buideal, soitheach chum spiorad no fíon a ghleidheadh.

Bha na builg so air an cleachdadh anns an Spàind chum am fíon a ghiùlan o àite gu àite, agus tha móran don fhìon a ta teachd as an Spàind dom bheil boladh no fàileadh nam bolg sin. Is furasda thuigsinn gu bheil na builg so nas làidirenuair tha iad nuadh, na bhios iad an déigh feum a dheanamh dhiubh car ùine. Tha so asoilleireachadh briathran Chriosd ra dheisciobluibhnuair tha e ag ràdh’ “Cha mhò a chuireas daoine fíon nuadh ann an seann searragaibh: no brisear na searragan agus dóirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach cuiridh iad fìon nuadh ann an searragaibh nuadha, agus bithidh iad araon slàn.” ’S iad na searragan leathraich, no botuil chraicinn thana bheachd.

Tha iomradh againn air searraig ann an leabhar nan Salm, cix. v. 83. agus mur toir sin oirnn a thuigsinn ciod an seòrsa searraig a bhann, gur searrag leathraich a bhann, tha e duilich a dheanamh mach ciod eiles ciall da. “Oir tha mi mar shearraig ann an deataich; gidheadh cha do dhì-chuimhnich mi do reachdan.” Bha e air


[8] seargadh agus air a thiormachadh suas le bròn agus trioblaid. Tha ega choimeas féin ri searraig chraicinn tha air a crochadh suas san t-slabhraidh no dlùth don teine agus a thacinntinn dubh leis an deataich. Tha na nithe so aleigeil ris duinn co feumail a tha e eòlas a bhi againn air cleachdainnibh nan dùthchannan sin anns an do sgrìobhadh na leabhraichean naomha.

C. C.

title4
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page