[11]

CROTACHAN NA BEINNE.

I. EARRANN

Air bruaich aibhne tha siubhal o bheanntaibh àrda nan Chebhiots taobh mu thuath Shasunn agus gu h-ard ann an gleann tìorail uaigneach, bha tigh mórna sheasamh, air a chleith o shealladh an t-saoghail leis na beanntabh àrda bhaga chuairteachadh. Seachad air dorus an tighe so than abhuinn aruith gu borbhanach, bras, cobharach, troimh gharbhlaich do chlacha móra agus bhloighdean do chreagabh briste thug na tuiltean a nuasnan cois o àirde nam beann. Cùl an tighe so bha beinn mhór na Chebhiot ag éiridh chum nan speur ann an àirde a mòralachd. Air uchd na beinne so bha craobhan aosmhor daraich agus seana ghiùsaich afàs. Bha réilean bòidheach feurach eadar an tigh agus an abhuinn; agus aig ceann an tighe bha gàradh-càil anns an robh craobhan abhull agus pheuran agus preasan ghròiseidean agus dhearca-dubha agus dearga, agus cuid do lusan ìocshlainteach afàs; agus mu thimchioll aghàraidh bha doire tiugh don drumanach no don fhearna, mar fhasgadh on doininn dhéin a bha air uairibh ataosgadh a nìos o àirde na beinne.

Tha nis iomad bliadhna on thainig bean-uasal àraid a chòmhnuidh don tigh so, banoglach agus leanabh gille maille rithe, agus cha robh fios aig muinntir aghlinne i, no cia as a thàinig i. Bha i, do réir coltais, ann an deagh chothrom saoghalta; mu thimchioll leth-cheud bliadhna dhaois; a cumadhs a nearts a h-àirde os ceann aona bhoirionnaich a chunnacas riamhs na cèarnaibh sin. Bha i uaibhreach, àrdanach agus stràiceil, agus bfhurasda thuigsinn


[12] nach robh uaisle no maitheas no seirc air a siubhal. Bhan leanabh gille bha an earbsa rithe co grànda ri aona phàisde burrainnear fhaicinn; bha e crotach agus crùbach, ’na chulaidh-thruais do na h-uile aon a dhamhairceadh air, ach abhean mhór chruaidh-chridheach àilgheasach ris an robh en earbsa: cha robh iochd no tlus no blàsna cridhe da thaobh-san. O mhaduinn gu h-anmoch rinn i geur-leanmhuinn thruagh air aphàisde bhochd. Cha bu chaoimhneala na sin abhanoglach a bha maille rithe. ’Sen t-ainm a thug iad air an leanabh thruagh, Eachann crotach aghlinne. Mar a chìnn e ann an aois, dhfhàs e gach latha na bu ghràinde agus na bu mhi-dhealbhaiche. ’Nuair bha e deich bliadhna dhaois, chuireadh air falbh e gu sgoil. Gus an deachaidh e don sgoil sin cha baithne dha an aibidilaon litir o litir eile. Ged a bha e crotach, bacach, cha robh balachan san sgoil bu ghleusda streapadh na e ri gach craoibh agus craig agus stùc ard a bha san dùthaich. Bha tlachd mór aige do na h-eòin aig an robh nidsna craobhan agus air bilibh nan creag. Bha ena aonaran truagh, fuathach le gach aonair a sheachnadh le gach aona réir coltais gun athair gun mhàthair, gun phiuthar gun bhràthair, gun chòmpanach, gun charaid gun bhana-charaid, air aghaidh an t-saoghail, aig an robh suim no spéis de. Bha cìocras ann an cridhe abhalachain thruaigh so gu no neach a choinneachadh dan tugadh e spéis. Focal caoimhneil no caomhail cha do labhradh ris riamh. Nan iarradh e cead dol don bheinn nomeasg nan creagsi freagairt a bfhèarr a gheibheadh e, Falbh gun tighinn duit, a chreutair ghràinde. Theicheadh clann aghlinne uaithe, agus nan labhradh iad focals ann le sgeig agus dìmeas; —ainm a bfhèarr na Crotachan aghlinne, cha dfhuair e o h-aon aca. Chaidh e don sgoil, chuireadh leabharna làimh, chunnaic en t-slat-sgiùrsaidhan làimh amhaighstir-sgoile agus beòlach a dhruim thruagh air a leithid; chuale achlann eile aleughadh, chunnaic e cuid diubh asgrìobhadh, chriothnaich e le h-eagal, oir shaoil e gum béiginn dàsan a dheanamh agus a ràdh mar a rinn iadsan, agus labhairt mar a labhair iad. agus bha làn fhios aige nach robh sona chomas. Ghairmeadh air Eachann éiridhghrad chlisg e le h-eagal, achnuair a nochd am maighstir-sgoile caoimhneas daa chnìodaich e a cheanna labhair e gu truacanta ris agus a dhiarr e air labhairt mar a rinn esan, ghabh an t-aonaran bochd misneach. So acheud uair a labhradh gu caoimhneil ris riamh, agus bàill leis tuiteam aig casaibh amhaighstir le taingealachd. Chaidh am maighstir uair as uair thairis air an aibidil leis abhalachan bhochd. So agad, arsesan, A mór, agus so a beag; ’nuair a chì thu C, cuimhnich air aghealaich ùir, no air cùl càise. Chaidh e mar so air aghaidh o litir gu litir. ’Nuair chì thu i agus an dùrdau beag os a ceann, cuimhnich thusa air eilean I agus Sgeir-nan-Ròn a mach air achuan. So agad O, coslach ris aghealaichnuair tha i làn, no ri mulchaig chàise air nach do bhristeadh. Tha litir lùbach eilann ris an abair iad S. Mar so chaidh e air aghaidh o litir gu litir agus mar sin o leabhar gu leabhar beag gu leabhar na bu mhugha, aig an robh Eachann bochd aleughadh aBhìobuill. Cha robh balachan san sgoil uile co dìchiollach thapaidh
[13] ris. Bha spéis anabarrach aig amhaighstir-sgoile dha, ach dhfhuathaich achlann gu léir e. Bha nàire agus -thlachd agus càmpar orra gun dfhàg e iad, agus gun do chuir e gach aon diubh air deireadh. Rinn iad gach gnè gheur-leanmhuinn air a bhanan comas, agus dhfhuathaich iad e co mór ris na mnathan cruaidh-chridheach a bha san aon tigh ris. Mu dheireadh thòisich Eachann bochd air fuath a ghabhail air an t-saoghal gu léir, oir air uachdar an t-saoghail cha do choinnich eh-aon a thug gaol da. Bem maighstir-sgoile amhàin an t-aon a thaisbean an caoimhneas bu lugha dha. Mun robh e ochd bliadhna-deug a dhaois, dhfhoghluim e na bha aig amhaighstir-sgoile ra thoirt , agus phill e don tigh-mhór bràigh aghlinne. Ann an sin rinneadh na h-uile seòrsa do gheur-leanmhuinn air a burradh gamhlas agus ìnnleachd nam baobh mhnathan a bha san tigh a nochdadh dha. Cha robh e os ccann cóig troidhean air àirde agus bhacholunn lag agus anfhann da réir; bha e frionasach casna nàdur trid an droch ghiullachd a nochdadh dha. Bha e cóig bliadhna-fichead a dhaoisnuair e ghlac spàirn abhàis abhean mhór ris an robh en earbsa, agus a shaoil e gus a so bu mhàthair dha. Bhàsaich i mar bhàsaicheas peacach, gun dòchas gun sòlas, fo oillt agus uamhas nach urrainnear a chnram briathraibh, an saoghal asleamhnachadh foidhpe agus dubh dhorchadas eagalach atarruing dlùth. Tamull beag mun do thilg i an deò ghairm i air Eachann tighinn dlùth do thaobh a leapa. Dhearc i air le fuath mar a bàbhaist di, agus dhinnis i dha le spàirn bàis nach a mhàthair, agus nach robh i ann an cairdeas air bith dha. “Innis domharsEachann le iomaguin mhór, “innis dha a bhuineas mi; iad mo phàrantan? labhair! O labhair gu luath,” deir e, “na leig dhomh bhi ann an imcheist nas faide!” “Do phàrantandeir ise, “do phàrantan, —na feòraichcha chluinn thu uamsecha chridheach leambhóidich mibhóidich mi air leabharcha bhrist mi mo bhóidtha mi air leabaidh mo bhàischan àm so mo bhóid agus mo ghealladh a bhristeadhna feòraich!” Thuit Eachann truagh air a ghlùinibh agus dhasluich e as uchd nèimh i dhínnseadh. “O na ceil orm iad mo chuideachd? —Cia mar thainig min so? agus co dhàbhuineas mi? —nach leòir leat na rinn thu orm cheana do gheur-leanmhuinn, gun mfhàgail gu siorruidh ann an amharus agus ann an iomachomhairle?” “As mo shealladh!” arsise, fàg mifàg mi air ball! na buair michan innis mi dhuit gu dìlinncha chluinn thu gu dìlinn eann an iomachomhairleann an teagamhann an aineolas bithidh tu gu bràth. As moshealladh a chreutair oillteil,” arsise le sgread oillteil agus uspag bhàsmhor ateachd oirre— “ach stad tiota beagamhairc air achiste bhig no air achobhan bheag ud thallfosgail ifosgail achistud thall tha mig ràdh— ’s leat na bheil ìnnteair falbhfàg misososo dhuit iad,” arsise, le sgriach eagalach, ’s i tilgeadh iuchraichean a bhaicena l imhna uchd. Le aon ospaig oillteilaon osunn ardaon spàirn eagalach, thilg i an deò agus dhfhàg an t-anam truagh a colunn.

Dhfhosgail Eachann achiste. agus fhuair e innte pàipeirean agus bannan sgrìobhta leis na thuig e


[14] gun robh ceud míle punnd Sasunnach socraichtair mar oighreachd a bhuineadh dha fein o sin a mach; ach è, no co dhàbhuineadh e, cha robh fiosrachadh na soilleireachadh ra fhaotainn nas na bhaige riamh roimhe sin.

Dhadhlaiceadh corp na mnatha truaighe, agus a nis bha Eachann air a shaoradh on daorsa anns an robh e ioma latha; agus theich abhanoglach a bha maille rithe an oidhchechaochail a bana-mhaighstirdhfhàg in gleann agus chan fhacasna dhéigh sin tuille san tìr i.

Bha Eachann a nis da rìreadhna aonaran bochd. Shaoil e gun robh fuath aig an t-saoghal airrinn achlann gàire fanaid air, agus sheachain daoine aig am bu chòir barrachd tùir a bhichuir e seachad earrann mhór da aimsir ann an garbhlach nam beann agus ann an sàmhchair nan coillte fàsbha en toir air -eiginn a burradh dha a ghràdhachadh, ach an -eiginn sin cha dthainigna rathad. Shuidheadh e leis féin taobh an uillt aig éisdeachd ri ceileiribh nan eun, ag amharc air na blàithibh àillidh bhafàs mu na bruachaibhna sòbhraicheanna feada-coille agus na neòineinean bòidheachCha do theich iadsan air falbh uaitheleig iad amharc orrabham fàile thainig uapa cùbhraidh leisluidheadh e air a thaobh làimh riu agus phògadh e iadmas e na siantan féin, an stoirms an doinionn, cha bfhuathach leis iad, ’s ann a ghràdhaich e iad, oir cha do sheachain iad e, chìnn na blàithean ma thimchioll; achs en t-aona bheò-chreutair nach do theich uaithe, mada mór, còir, glic, a lean e o àite, gu àite, a dhimlich a làmh agus a ghabh a bhiadh uaithe, agus a chaidil san oidhche taobh a leapach. Air amhada so bha uile ghràdh a chridhe socraichteghràdhaich se e mar chòmpanach agus mar charaid, mar fhear-tèarmuinn, agus bha làn ghràdh aig amhada chòir airsan. Mar so chaith Eachann bochd a làitheandaoine an t-saoghailga sheachnadhgach aon adeanamh dimeas aira mhuinntir féinga àicheadh, agus gun fhios aige iadbfhuathach leo a chumadh agus a dhealbh, agus thug so air fuath a ghabhail mar an ceudna air a dhreach agus a dhealbh féin. Bha fuath aige air aghréin oir dhfhoillsich i a chuma dha leis an fhaileas a thilg i, ach thug e spéis mhór do na reultaibh. Dhfhanadh emach na h-oidhche abeachdachadh orra— ’gan gairm air ainm am feadhs a bhaanam air a thogail suas le glòir agus a smuaintean air dùsgadh da ionnsuidh-san a rinn agus a chruthaich iad gu léir. Bionmhuinn leis blàithean nam bruach, òran nan eun, àirde nam beann, monmhur nan eas, ach gu h-áraidh àilleachd na h-iarmailt; san oidhche na rionnagan deàlrach a bha mar chlachan boillsgeanta prìseil ann an àrd-chathair ghlòrmhoir an a rinn iad gu léir. Nuair bha càchnan suain, bha aonaran na beinne a mach air an raon acumail conaltraidh ri lòchrain nan speur.

Ead. le C. C.

ra leanailt san ath àireamh.

title6
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page