[16]

BLAR HOHENLINDEN.

Thugadh am blar so air an treas latha do mhìos meadhonach agheamhraidh, sabhliadhna 1800, eadar na Francaich, agus Impire na Gearmailt. Buinidh rìoghachd Hungari don Impire, agus deirear mar aithghearr, Hunich ri luchd-àiteachaidh na dùthcha so. Thachair iad aig Hohenlinden, fagus do Bhaile-mór Mhúnich, anns aGhearmailt. Tha abhuinn Iser aruith seachad air abhaile so. An oidhche roin bhlàr, thuit móran sneachda, agus chum so bacadh air cuid de mhuinntir an Impire, air chor agus nach dthainig iad air an aghaidh co tràthsa bàill leis. Thug an dàil so cothrom do na Francaich, agus chaidh an latha leo. Chaill an t-Impire deich mìle fear. Chuir am blàr so crìoch air achogadh. Thug e fàth don bhard ainmeil, Tòmas Caimbeul, dàn a dheanamh, a tha iomad aon acuram meas os ceann uile oibribh an duine chliùiteich sin. Anns an ranndachd a leanas, thugadh oidheirp air a thionndadh gu Gàilig.

Air Lindennuair bhaghrian atàmh,
Gun smal, gun lorg, luidh sneachd air làr,
S le duibhre geamhraidh bha asnàmh
UisgIser bu bhras car-shiubhal.

Ach sealladh eilair Linden bhoillsg,
Nuair bhuail achaismeachd feadh ua h-oidhch
Gu lasadh theinntean bàis, chur soills
Ma dreach fo sgàile dorchadais.

Le trompaids leus an òrdugh cath,
Gach marcaichtharruing lann gu sgath;
S asitrich bha gach srann-each math
Gun iomairt-oillt a dhlùthachadh.

N sin chrith na cnuic le sgoltadh bheum,
Gu blàrgan greasad, eich rinn leum,
S le srann mar thàirneanach nan speur,
Srad dhearg nan gunna-móra bha.

Ach seal nas deirgnin lasair càir
Air sliabh, ’s bidh leadairt sneachd air làr,
S nas ruaidhe fathast bidh asnamh,
Tuil Iser is bras car-shiubhal.


[17]

Simhaduinn— ’s gann chuir grian air learg,
Troimh chiar-neoil chogaidh a gath dearg,
Air Francaich bhorb as Hunich gharg
Ri gàirnan ceanna-bhrat smùdanach.

Than cath nas dòmhla! ’Laochraidh gluais,
Gu cliù tha greasad, no gu h-uaigh!
A Mhunich, tuile bhrataich luaisg,
S le tuile uaill thoir ionnsuidh orr’!

S tearc theid as don thachair ann,
Ses éideadh-bàis dhoibh sneachd nam beann;
S a h-uile fòid a tha fom bonn
Bidh saighdfhear ann an tìodhlacadh.

Ead. le MUILEACH.

title9
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page