AM FIOR DHUIN’-UASAL.
’Se ’m fior dhuin’ -uasal Oglach Dhé, Maighstir an t-Saoghail, agus a Sheirbhiseach Fēin. ’Se Deadh-bheus a Chèaird, Meòrachadh a shùgradh, so-thoileachas ’fhois, agus Sonas a Dhuais, ’Se Dia ’athair, an Eaglais a mhàthair, na Naoimh a bhràithrean, na h-uìle aig am bheil feum air, a chairdean; Crábhadh a mhinisteir, Geinmneachd a sheòmradair, Stuamachd a bhuidealair, measarrachd a chòcaire; Aoidheachd a bhain-stiubhart, Freasdal a stiùbhart, Carthannachd fear-coimhid ’ionmhais, Diadhachd bana-mhaighstir a thighe, agus a Dhorsair chum leigeadh a mach agus a steach, mar is ro iomchuidh. Mar so tha ’theaghlach uile air a dheanamh suas do Dheagh-bheus, agus is e féin fior Mhaighstir an tighe.
Feumaidh e dol troimh ’n t-Saoghal so air a thurus do Nèamh; ach tha e ’g imeachd troimhe co luath ’s a’s urrainn e; agus ’se ’s gnothach dha air an t-slighe e féin agus muinntir eile ’dheanamh sona; Gabh e ann an dà fhocal, is DUINE agus is CRIOSDUIDH e.
title | 12 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |