Bun Loch Aluinn
Mios-meadhoin a’ Gheamhraidh.
1835.
A Theachdair ùir,
Có sìbh no ciod is ainm dhuibh cha ’n ’eil fios agam, ach bha mi ro thoilichte ’nuair chuala mi “a’ bhirlinn ùr” a bhi fo uidheam agus air sàile. Chuireadh cuid mar fhiachaibh orm gu’m bi ’n t-seana bhirlinn a bh’ ann, air a calcadh ’s air a tearradh as ùr agus le acfhuinn ùir ach ’s mór m’ amharus gur bìrlinn ùr nodha ta ann—ach ab-air-bhith có i, soirbheachadh leatha! buaidh a’s piseach dhi, agus sonas dàsan aig am bheil am falmadair fo ’achlais agus leis an sgioba chridheil, iasgaidh, thapaidh tha maille ris—Socrach, ciallach gu robh esan aig am bheil sgód an t-siúil-mhóir, agus furachail faireachail gu robh fear-ìnnsidh nan uisgeachan!
Cha luaithe fhuair mi a’ cheud àireamh de’n Teachdaire ùr ’am làimh na bha mi ’na bhad. Cha d’fhuirich mi ri sgithin no ri siosar a ghearradh nan duilleag, ach a stigh chaidh mo chorag agus fosglar suas e.
Leugh mi an Roimh-radh—Cha’n’ eil so gu h-olc, arsa mise, ach saoileam co è C.C. a sgrìobh so? Cha robh a h-aon do’n ainm so san t-seann sgioba. Chaidh mi air m’ -aghart—leugh mi “Fàilte do’n Teachdair’ ùr.” Ubh ùbh! arsa mise, co è fear nan guidheachan móra? ’Fhir mo chridhe a theachdair ùir bi air t’ earalas ’an aghaidh a leithid so do chainnt. Tha mi’n dòchas nach ’eil a mhiann oirbh misneach a thoirt d’a leithid so do chonaltradh—tha tuille ’s a’ chòir dhe so sa’ Ghàidhealtachd cheana gun bhi ’ga chur d’ar n-ionnsuidh á Glascho. ’An àite misneach a thoirt d’a leithid a sheanchas, ’s ann bu chòir ’am bharail-sa, éiridh orra ’n clàr an aodainn agus an-uaisle agus peacaichead na cainnt so a leigeil ris doibh. “Mìle misg” ars’ esan “airsan nach guidh soirbheachadh leibh”— “Maol-chluasach” ars’ esan a rithist “gu’n robh e.” Chuala mi gu robh so ’na chleachdadh cumanta ann an Lochabar o shean, na cluasan a sgudadh air falbh le cuirc do dh’aon a ghoideadh mult no uan—mar thuirt an t-òran:
“A mhic a’ bhodachain lachduinn
Thain’ á Lochabar nan craobh,
Cleas a’ chait a dh’ òl an t-uachdar,
Theid a’ chluas thoirt dìot o’n mhaoil.”
“Toll-sporanach” ars’ esan a rithist, “gu robh an sgrubaire,” ach cha’n’ eil an guidhe so ro thróm—bn mhiosa gu mór e nan guidheadh e Toll-bhrioguiseach no lom-mhàsach gu robh e. “Crùbach” ars’ esan, “gu robh e”— “Crotach gu robh e!” an cualas riamh a leithid? ’Fhir mo chridhe, a Theachdaire, na ceadaich so. Mo nàire! ma chluinneas na tiolpadairean Galld’ e, gun teagamh feannaidh iad sinn agus nàraichidh iad sinn ’an làthair an t-saoghail.
’Na dhéigh sin uile tha mi glé chinnteach nach robh droch-rùn air bith ’an cridhe a’ Bhaird-Bhric, agus tha mi ’g aideachadh gur ra-mhath a sgrìobhas e a ’Ghàilig; ach tha mi air m’ uamhasachadh romh na Goill—ge neònach an gnothach iadsan a chur eagail air duine Gàidhealach sam bith.
Fàilt’ air Mactalla! So a h-aon do’n t-seann sgioba—Mo bheannachd ort a Mhic-talla agus tog do ghuth—a mhic chridhe ’s ann agad féin tha ’chainnt—air leam gur leur leam thu a’d sheasamh air
Ach có iad Cicero agus Solon agus Demosthenes agus Socrates? Chuala mi iomradh air fear Chìnsero agus fear Sholais ach ge h-eòlach mi air Gàidhealtachd cha d’ thàinig mi riamh an carabh Dhemostenes no’n fhir shocraich eile c’ ainm so th’air—Socrates. Ubh-Ubh! a Mhic-talla ’s ann a’d cheann féin tha ’m fiosrachadh! Dh’ fheuch mi do leantuinn gus an d’ràinig thu Mhemf, ach so focal a dh’ fhairtlich orm. Dh’ fheuch mi ’rithist agus a rithist fonn a ehur air, ach cha deach agam air— ’s ann thainig e ’mach as mo bheul mar gu’n cluinneadh tu tathunn cuilein aig a’ Mhemf! Marbh-phaisg air an fhocal ghrànda—e féin agus Beulusc— ’s beul-uisge gun teagamh tha ’nar beachd a Mhic-Talla, agus ’s iomad beul-uisge ’s beul-àtha tha sa’ Ghàidhealtachd.
Tha Mactalla ’g ìnnseadh gu’n d’ ionnsuich e iomad òran o bhuachaillean Thyre. Tha mi ’deanamh dhe gur e so cuid de’n speileadh ùr tha muinntir shiorramachd Rois a’ feuchainn a chur oirnn, oir ’s ann a b’ àbhaist duinne a sgrìobhadh, Tirie, eilean tha dlùth do Chola, agus cha’n ’eil teagamh agam nach d’ ionnsuich Mactalla iomad duanag laghach o bhuachaillean agus o ghruagaichean Thirie—ach có chuala riamh daoine bhi ’g ionnsuchadh òrain air a’ Charthage no mar their sinne, Carage? leabhar nan Ceistean gun teagamh— ’s iomadh latha thug mi ’ga fhòghlum, ach ’s beag a bha dh’ fhonn òrain orm. Soirbheachadh leat a Mhic-talla!
Tha ’n eachdraidh mu na searragan uisge math, ach rud-eiginn tróm r’a leughadh; ach nach innis sibh co è C. C.?
Leugh mi Crotachan-na-Beinne, ach cha ’n abair mi ’bheàg gus an cluinn mi ’n deireadh, ach so deir mi gur h-olc an cleachdadh a bhi ’toirt frith-ainm no leth-ainm air duine air bith—tha ’m fasan so ro chumanta sa’ Ghàidhealtachd, ach ’s fasan olc, nàr e.
Sheall mi air a’ Bhardachd. Cha bhard mise, ach cha robh riamh anabharra spéis agam do dhàna bh’ air an eadar-theangachadh o’n Bheurla do’n Ghàilig. Tha blas na Beurla air a’ chuid a’s fearr dhiubh. Cha tugainn aon luinneag a dheanadh fìor Ghàidheal aig nach robh focal Beurla ’na cheann no peann riamh ’na phluic airson làn-peice do na dàna sin tha air an eadar-theangachadh—bha e co math dhuit feile-beag a’s breacan a’s osain a’s boineid a chur air Dùidseach. Tha ’chuid eile do’n cheud àireamh math. Gabh air t’aghaidh a Theachdaire, buaidh leat! Is mise do charaid dìleas.
EOGHAN A’ CHAOLAIS.
D.S. —Tha Iseabal mo bhean a’ cur mìle beannachd a’d ionnsuidh agus ag iarraidh fios uait a’ bheil iomradh air bith air an Tì no air an t-siùcar a dhol ni’s saoire.
title | 13 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |