EIRIONNACH EILE.
Thaining Eirionnach a bh’ air ùr phòsadh dhachaidh thun a bhìdh agus faighear a bhean ’na luidhe san leabaidh. “ ’Dé dh’ fhairich thu ’ghaoil?” ars’ esan. “Cha d’ fhairich dad” ars’ ise, “ach o’n tha mi nise ’m mhnaoi phòsda tha ’shannt orm beagan socair a thoirt do m’ chnaimhean”. “ ’S math leam a ghràidh thu ’bhi ’gabhail cùram dhiot féin” ars’ an t-Eirionnach “ach ma ’s ann mar so a bhitheas tha eagal ormsa gur h-iad cnaimhean do pheircill a gheibh a’ chuid a’s pailte do’n t-socair”.
title | 18 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |