CIOD A NI MI AM MAIREACH?
A Leughadair, is smuain bhitheanta so air oidhche shathuirne; an d’ thainig i riamh a’ d’ bheachd-sa? ’S e am breithneachadh cumanta-c’ aite ’n téid mi ’m màireach? Ciod a’ chuideachd aigheir maille ris an téid mi? Cia mar a’s fhèarr a thoilicheas mi mi fhéin air an latha sin? Ceadaich dhomh ceisd a chur riut—Cia cho tric ’s a fhuair thu a rìreamh toil-inntinn anns na nithibh sin? Nach tric a thachair thu ri dragh, ri mì-thlachd éiginn, a thug air falbh an t-iomlan de’n toileachas ris an robh dùil agad, air achd ’s gu’n do phill thu dhachaidh le inntinn bhuairte agus mhi-shuaimhneach? Cuiream ceisd eile riut—Ciod an sòlas a bheir na dòigheannan sin air an t-Sàbaid a chaitheamh dhuit air leabaidh do bhàis? Freagair na ceisdean sin duit féin—ach freagair iad air mhodh dìleas agus fìrinneach—agus mur do mhothuich thu gu’n robh do dhòigh ghnàthaichte air an t-Sàbaid a bhuileachadh gu léir taitneach, dean feuchainn ri seòl eadar-dhealaichte; fritheil air aoradh follaiseach Dhé, leugh do Bhìobull, guidh air Dia do stiùradh chum na tuigse sin d’an “slighean subhachais a slighean, agus sith a ceummanna.” “Is e tuarasdal a’ pheaccaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhé a’ bheatha mhaireannach tre Iosa Criosd ar Tighearna.”
CUACHANACH.
title | 19 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |