LAOIDH.
O! ’Thriath nam buadh tha ’n cruinne ’luaidh do ghlòir,
Do mhaitheas pailt, do ghliocas ceart ’s do threòir;
Ta iolach grâidh o’ bheanntabh ard ’s o’n chuan,
’S o aird nan speur le caithream éibhinn buan.
’Stù chroch gu h-ard na speuran ’s àillidh sgiamh,
’Nan guirme bhòidh’ch le ’n reultaibh ’s òrail fiamh.
Ta fiamh an lò o ’n ghréin a’s òirdheirc soills’;
Ta ’ghealach shèimh ’cur sgàil air neul na h-oidhch’;
Bi ’n saoghal ait le fiamh na maidne ciùin,
’S le h-aoibhneas ait bheir teachd an fheasgair cliù,
Do d’ àithn’ tha géill nan gaoth gu séideadh dian,
A’s ceannsachd thonn ’am boile thróm nan sian.
Ta iomlain nàduir ’ deàlradh àigh do ghlòir,
’S do mhaitheas gràidh cha traoigh gu bràth d’ ar còir.
Thig uisge pailt le ’bhraonabh feartar tlàth,
’Ni ’m fàsach ait fo luisreadh reachdmhor blàth,
Thig arbhar tróm air slios nam fonn; ’s a’ ghrian
Gu’m faic an dìthreabh ’fàs le mìle miagh;
Fo bhraonabh tlàth ni ’n fhaiche ’s fàsmhoir’ sìol
’An cuairt gach bliadhna pailteas fial a dhìol,
Cnuic ’s cluainte fàs, tha drcachte ’n àilleachd nuadh,
Fo chòmhdach feòir a’s ùrail éibhinn snuadh;
Na treudan tric le gean air slios nan cluan,
’S gach fàs-àit’ ùr tha ’labhairt cliù gu buan.
O ’Thriath nam buadh! tha ’n cruinne ’luaidh do ghlòir,
Do mhaitheas pailt, do ghliocas ceart ’s do threòir;
’S gach cearn ge cian mu’n deàlraich grian le h-iùl,
Le ioghnadh ait mu d’ ghlòir gu’n dearc gach sùil,
Air oibribh nàduir shoillsich fiamh le bàigh,
Ach àird a mais’ tha ’d theampull feartar àigh,
O mhaitheas gràis ’bheil glòir a’s àirde buaidh,
’S àrd chliù gun chrìoch ’an aoibhneas sìor ’ga luaidh.
A. M. I.
title | 2 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |