[47]

AIREAMHADH NAN GAIDHDEAL ANN AN GLASCHO.

Chuir na ministeirean ùra Gàidhealach air chois an obair so a los fios fhaotainn cia meud pearsa a bhuineas don Ghàidhealtachd agus as urrainn Gàilig a bhruidhinn a than dràsd anns abhaile so agus anns an fhìor choimhearsnachd. Chuir iad a mach deich Cléirich air feadh gach cearn don bhaile, dam bobair dol do na h-uile tigh agus ainmeannan na muinntir Ghàidhealaich a sgrìobhadh, an sgìreachd dam buineadh iad, an aois, na h-eaglaisean dan robh iad adol, &c.&c. Than obair so nis crìochnaichte, agus tha 22, 334 do shluagh Gàidhealach ann, a bharrachd air móran a dhiùlt an ainmeannan thoirt seachad. Bheir sinn mion-chunntas orra nuair theid a dheanamh suas.

title21
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text2
<< please select a word
<< please select a page