[47]

NAIGHEACHDAN.

Se thachair nacheil naigheachd idir ann; ach mas fìor an sean-fhocal gurmath an naigheachd a bhi gun naigheachdchan ion duinn so a ghearan. Chaneil aig muinntir nam paipeir-naigheachd ach na h-oidhirpean as truaighe chunnacas, gu rud-eiginn is fiach a chur annta. Shaoil iad gum biodh cogadh eadar Americas an Fhraing, ni gun teagamh a bfhèairden dùthaich so; achsi barail as bitheanta tha sinn acluinntinn a nis nach bi e idir ann. Tha Parlamaid na rìoghachd ri coinneachadh air acheathramh la de cheud mhìos an Earraich.

A réir gach cùnntais tha sinn afaotainn than Cosnadh math sabhaile so air an àm. Chan abair sinn gu bheil e air chor air bith anabharrach; bidh daonnan fear no fear-eiginn agearan; achse ar làn-bharail gur h-ainmic a bham baile so ann an staid a bfhearr.

title22
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text2
<< please select a word
<< please select a page