[48]

FREAGRAIDHEAN D’AR CAIRDEAN.

Fhuair sinn litir chaomh Thorcuill Udlaidh, agus bheir sinn oidheirp air leas nam balachan a chur air aghart mar tha eg iarraidh; ach mun teann e féin ra chuid-san don obair, chomhairlicheamaid da dol fad ràithe do Chàradal, a stuidearra fo iùl amhaighstir-sgoile saghleann; agus bheireamaid achomhairle cheudna air iomadh fear a thuillidh air, nam biodh a chridhagainn an ainmeachadh. Chuir am maighstir-sgoile so a mach Dònad, no Gràmar no Leabhar-taibse Gàilig, o chionn ghoirid, agus mholamaid do Thorcull agus do gach neach leis an àill briathrachas no snasdachd cainnte bhi aca, fear de leabhraichean ar caraid a cheannach, agus a bhig obair air, a dhoidhches a latha gus an dean iad iad féin coimhlionta chum aGhàilig a thuigsinn agus a sgrìobhadh mar bu chòir dhi.

Ach ged than leabhar so math as ra-mhathna àite féin, tha coltach gur fagharsach esan agus gach leabhar eile air an cualasinne riamh iomradhan coimeas ris an leabhar ùr a ta Mr Lachann MacIlleathain ag uidheamachadh mu chumhachd agus aois na Gàilig. ’Se ainm an leabhair so, mar chì sibh on litir aige san Teachdaire so, Adhamh & Eubha, agus cha’ ’neil teagamh sam bith nach tig emach ma gheibh e mìle ceannaiche.

Mureil Lachann còir air deargan achuthaich, rud nach bàbhaist da idir a bhith, air chìnnte fhuair e sealladh air chor-eiginn air aGhàilig nach dfhuair daoineile; agus nan deanadh rannsachadh agus rùrach, ùprait agus for-fhaiseachadh air feadh mhìltean de leabhraichean anns gach cànain, an sealladh so thoirt , cha biongantach leinn e bhi aige. Tha cuid a dhaoinesmuainteachadh gun teid aigair; cuid eile a chrathas an cinn agus a chuireas an corag air clàr an aodainn dìreach aig ìochdar na h-aide, achs iad Goill thadeanamh so. Air ar son-ne ni sinn mar a thaEoghann achaolaislos a dheanamh muChrotachan na Beinne,” cha dean sinn móran fàidheadaireachd ma dhéibhinn gus an cluinn sinn deireadh aghnothuich. Ach faodaidh sinn so a ràdhainn, gur cinnteach gur h-iGhàilig as tinne air an Eabhra ann an aos-mhorachd, oir tha i anabharra nas sine na aona chuid aGhréigis non Laidiunn; agus ma theid aige-san air a dhearbhadh gur sine i nan Eabhra, toillidh e taing a luchd-dùthcha linntibh fhathasd ri teachd.

Tha ar cairdean air Gaidhealtachd agus Galldachd a nis afàs lìonmhor agus o nach urrainn duinn an litrichean a fhreagairt uile, tha sinn ameas gur fearra dhuinn leigeil leò ga àm eile. Tha na gruagaichean féin air tòiseachadh ri litrichean a chur chugainn; agus cha do chuir ni riamh tuillidh iongantais oirnn na litir fhaotainn oSheònaid òigleannanChalum Chìobairair an robh iomradh san Teachdaire mu dheireadh. Biso acheud fhuair sinn uapasan, agus tha sinn atuigsinn gu math nach do thaitinn e rithe bhi diomoladh bardachd Chalum. Chan olc an comharradh sotheagamh nach bi i co duilich a thàladhs a shaoil sinn.

title23
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text2
<< please select a word
<< please select a page