CLACHAIREACHD.
Do thròmpaid fhonnmhor, ’Iomraidh, séid,
Saor-Chlachaireachd ard-chuir an céill
Do thìribh céin a’s dlù;
Thoir sgeul mu mhac treun Dhaibhidh seach,
Solamh, ro ghlic, neo-choimeasach,
’N ard-mheas os-ceann a ’chrùin.
Teampuill shòleimt; tùir chorra àrd,
Aitreabh chuach-mhullach, tighean àillt,
Ar làmh-ne thog gu beachd:
Dean àithn do dhaoin’ maraon bhi ’luaidh’
’S biodh astar adh’rail cian ’g ath-fhuaim
Mór-luach na Clachaireachd.
Am bochd ’na éigin còmhnar leinn,
An nochd ’s an t-ocrach cóbhraidh sinn,
Sud stéigh ar comuinn chaoin:
Tha ’r comunn tàht’ le roghadh stuth;
Oir sparraidh Cairdeas duin’ ri duin’;
Sinn uile bidh mar aon.
Do thrómp ard-fhuaimneach, ’Iomraidh, séid,
Cluinneadh an Cruinne-cé gu léir,
Mór-fheum Saor-Chlachaireachd:
Chuir Iùl Neo-chrìochnach i air chois,
A’s shocraich i air thalamh bhos,
Samhladh air àgh ri teachd.
Ead. le DONNSHUIL.
title | 5 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |