LAITHEAN NA SEACHDUIN.
Is muladach da rìreadh r’a thoirt fa’near an dorchadas anns an robh ar n-aithrichean o shean mu dhéibhinn nan nithibh a’s cudthromaiche—an t-aineolas truagh anns an robh iad a thaobh nithe spioradail, agus an saobh-chràbhadh grànda tàmailteach fo’n robh iad ’an tràilleachd bhochd. Shaoileamaid nach robh e comasach do dhuine aig an robh spiorad, a’ mothachadh do’n ghréin, do’n ghealaich agus do na mìlte reull àillidh maiseach tha ’soilleireachadh na h-iarmailt ghuirm os ar ceann, gun a thuigsinn gu’n robh iad uile air an cruthachadh air tùs le làimh an Uile-chumhachdaich, oir tha iad gu léir a’ togail dearbhadh làidir air cumhachd agus air gliocas neo-chrìochnach, neo-mhearachdach an Ti àrd a rinn agus a dhealbh iad gu léir, agus a ta, a latha agus a dh’ oidhche a’ faire thairis orra agus a’ freasdal doibh gu léir. Ge sàmhach, ciùin tha iad a’ triall; ged nach ’eil guth no comas cainnt aca,
“Gidheadh le cluasaibh tuigse ghlic
Cluinnear am fonn ’s an ceòl gu tric,
A’ seinn gun tàmh air feadh gach linn,
‘Is tusa, ’Dhia, a chruthaich sinn! ’”
Mar so tha na nèamha a’ foillseachadh glòir Dhé, agus na speuran a’ nochdadh gnìomhara a làmh; ach ’s duilich a smaointeachadh ciamar thainig Iodhol-Aoradh a stigh, agus a chinn e co chumanta, choitchionn air feadh an t-saoghail—gidheadh cha ’n ’eil eachdraidh againn air aon rìoghachd air uachdar an t-saoghail nach do thuit anns a’ pheacadh nàr so. B’ iad na ceud diathan-briége lòchrain àrd nan speur; ’na dhéigh sin rinn amaideachd dhaoine diathan-bréige do spioradaibh ghaisgeach agus dhaoine cumhachdach a
Air tùs, DI-DOMHNUICH an t-aimm cumanta air latha na sàbaid. Feòraicheamaid ciod is ciall do’n fhocal Di tha ’dol roimh ainm àraid gach latha. ’S airidh air ar mothuchadh gu’n robh solus an latha anns gach rìoghachd o shean, ’na shamhladh air an Ti ghlòr-mhoir a chruthaich gach nì. Anns an Laidinn o ’bheil co iomad cainnt eile iar teachd, ’se Dies a th’ aca air son latha; ’se Deus a th’ aca air son Dia. ’S ann á so tha ’m focal Beurla, Day, iar tighin—o’ n Laidinn Deus, no Dia sa’ Ghàilig. Tha ’n latha ’na shamhladh ro fhreagarach air an Tì sin anns nach ’eil dorchadas sam bith, tha ’soilleireachadh agus a’ blàiteachadh an t-saoghail; a’ sgapadh shochairean agus sòlais air feadh gach cearna dhe. Anns a’ Ghàilig Albannaich, agus Eírionnaich, tha ’m focal so Dia no De, no mar deir sinn air Gàidhealtachd Alba Di air a chur roimh ainm gach latha—Dia no Di-dòmhnuich—Di-luain—Di-màirt, &c. Gun teagamh ’sann o na Rómanaich a fhuair sinn am focal so Di, —a tha ’dol roimh ainm làithean na seachduin—claonadh aithghearr air an fhocal Laidinn, Dies, a’ ciallachadh latha. —Di-dòmhnuich, ’se sin latha-dòmhnuich. Tha am focal so, Dòmhnach, a’ teachd o fhocal Laidinn, agus ’s iad na Criosduidhnean a thug an t-ainm so air ceud latha na seachduin, oir cha b’e so a b’ainm dha o thùs ann an Eirinn, ni mó ann an Albainn, ach Di-sùl no Dia-sùl—sùl, o’n fhocal Laidinn, Sol, a’ ghrian, —latha na gréine, no, mar their iad ’san Laidinn, Dies-Solis, no, sa’ Bheurla, Sunday. ’S ann o’n fhocal so, Sol, no, Sul, ainm na gréine, thainig am focal, sùil, oir ’s i ’n t-sùil grian na colunn. B’e so matà, ceud ainm Eirionnach agus Gàidhealach an latha so, Dia-Sùl, ceart mar Dies-Solis an Laidinn, agus Sunday na Beurla; ach dh’ atharraich na Criosduidhnean an t-ainm Paganach so agus thug iad ainm ùr air an latha, ’se sin Di-Dòmhnuich. A nis, ciod is ciall do’n fhocal so, Dòmhnach? Cha’n fhaod e bith nach focal Paganach, ana-creideach, ana-criosdail a th’ ann, oir ’s aithne dhuinn cuid do dhaoine aineolach sa’ Ghàidhealtachd agus cuid do mhinisteirean, a chuireas sgraing orra ’nuair chluinneas iad Di-dòmhnuich a’ tigh’n á beul duine, mar gu’n cluinneadh iad droch fhocal; agus tha cuid de Mhaighstirean-sgoile Gàidhealach feadh ar dùthcha ’thigeadh thairis air ainm an fhir nach abair mi co luath ’s a theireadh iad Di-dòmhnuich— “Latha na Sàbaid,” ars’ iadsan. Mo thruaighe’
DI-LUAIN—Cha ’n fheum an t-ainm so móran mìneachaidh, Dh’ innis mi dhuibh gu’m b’e a’ cheud ainm a bh ’aig muinntir Bhreatunn air ceud latha na seachduin, Di-Sùl, ’se sin latha na gréine, oir bi ’ghrian cuspair aoraidh a b’ àirde bha aca, agus ’na h-easbhuidh sin, a’ ghealach. Tha fios aig cuid agaibh gur h-e ainm an latha so Di-luain, san Laidinn Dies-Lunæ—latha na gealaiche, oir ’s focal Laidinn, Luna, a’ ciallachadh na gealaiche, air chor ’s gur h-e ’s ciall do Dhi-luain anns a’ Bheurla, Moon-day, (Monday)latha na gealaiche. Rinn ceud luchd-àiteachaidh na rìoghachd so aoradh do’n ghréin agus do’n ghealaich fo shamhlaidhnibh air am bheil dealbh againn fhathast ann an cuid do sheann leabhraichibh.
DI-MAIRT. ’Se’n t-ainm Paganach a th’ againn fhathast air an latha so. Thainig e ’nuas d’ar n-ionnsuidh o na Ròmanaich, oir ’s ainm Laidinn a th’ann, DIES-MARTIS; an neach sin ris an abair na Rómanaich agus na Paganaich, Mars, b’e dia a’ chogaidh e—ìodhol bréige bha aig na Cinnich bhorba sin. Tha fios agaibh gur h’e ’n t-ainm tha aca sa’ Bheurla air an latha so, Tuesday.Chum so a thuigsinn thugaibh fainear gur h-iad na Saxons, no mar their sinne, na Sasunnaich, a thainig thairis oirnn as a’ Ghearmailt, a thug am focal so nall leò. ’Se Tued, no Teud, an t-ainm a th’ aca air iodhol a’ chogaidh no air Mars air tir-mór na h-Eòrpa, agus gu h-àraid sa’ Ghearmailt. ’S ann o so a bha ’n t-ainm TEUTONES orra, agus an cainnt TEUTONIC; oir b’e TEUD dia mór na rìoghachd sin, agus thug iad mar ainm do threas latha na seachduin Teud’sday no mar their sinn le atharrachadh beag sa’ Bheurla, Tuesday: ach sheas luchd-àiteachaidh na h-Eironn agus Gàidhealtachd Alba ris an t-sean ainm Ròmanach Di-màirt “Dies-Martis.” Lean luchd-àiteachaidh na h-Olainde na b’ fhaide na rìoghachd sam bith eile air aoradh a dheanamh do’n iodhol Teud agus is ann o so tha iad air an ainmeachadh Tuidsich no Dùidsich, an luchd-aoraidh aig Teud.
DI-CIADAIN, no mar their sinn sa’ Bheurla, Wednesday.Tha fios cinnteach againn ciod is ciall do’n fhocal so. ’Sann o na Saxons agus ni h-ann o na Rómanaich a
DI-ARDAOIN no Di-thordain’ agus mar their iad sa’ Bheurla Thursday,san t-seana Bheurla Thor’sday—latha THOIR.
’S ann a nall o’n Ghearmailt, mar an ceudna, fhuair sinn an t-ainm so.
Do réir eachdraidh na Gearmailt agus nan rìoghachdan tuathach, b’e TOR mac ODAIN, agus b’e so an t-iodhol a b’ airde bha aca air fad. Ann an dealbh a th’ againn de ann an seann leabhraichibh, tha e air a nochdadh dhuinn ’na shuidhe air cathair-rìoghail àrd agus coron òir air a cheann; agus cha ’n ’eil teagamh air bith nach do chuir na Suainich na Lochlannaich, &c. gu bàs cuid d’an leanaban féin mar ìobairtean do’n iodhol eagalach so. Bha ’n cóigeamh latha do’n t-seachduin air a choisrigeadh dhàsan agus air ’ainmeachadh ’na dhéigh Di-Thorn—san t-seana Bheurla, Thor’sday. ’S ann o’n iodhol mhór so thainig cuid do na h-ainmeannan tha cumanta sa’ Ghàidhealtachd ’am measg nam fineacha thainig do na h-eileana tuathach o Lochlann, mar tha Clann-Leòid. Tha gu h-àraid dà ainm aig a’ chinneadh so a fhuair iad o Thor, ’s iad sin TORCULL no Tor-ghille, se sin gille Thoir; agus maraon TORMOID, no mar bu chòir a sgriobhadh, Tormond. ’Se ’s ciall do’n fhocal so Mond, sa’ chainnt Lochlannaich, maol, no bhi as eugmhais fuilt air a’ cheann. O shean, ’nuair a b’ àbhaist doibh òganach air bith a chur air leth no ’choisrigeadh seachad do mhaighstir, b’ àbhaist doibh am fait a lomadh bhàrr a chinn—mar so Maol-Moire, ’se sin gille-Mhoire—Maol-Chalum, ’sesin gille-Chalum—Maol-Phàdruig, ’se sin gille-Phàdruig—Maol-Chiarain, gille-Chiarain: ach ’an àite maol, focal Gàidhealach, tha aca ’m measg nan Lochlannach, Mond, a’ ciallachadh an ni cheudna. Tor-mond ’se sin maol no gille Thoir, agus iomadh ainm eile do’n t-seòrsa cheudna. O so tuigidh sibh gur h’e ’s ciall do Dhi-ardaoin, latha Thoir, no Di-Thorna, an cóigeamh latha do’n t-seachduin air a choisrigeadh do’n iodhol eagalach, TOR. Air tir-
DI-H- AOINE, an sèathamh latha, ris an can iad sa’ Bheurla Friday.Ciod is ciall do’n fhocal so? Air tùs mothuicheamaid gu’m b’e ’n t-ainm a bh’ aig na Rómanaich air an latha so Dies-Veneris, the day of Venus no mar a sgrìobhar e sa’ Ghàilig, latha Bhénuis, oir cha’n ’eil an litir V, againn sa’ Ghàilig, agus tha Bh a’ seasamh ’na h-àite. B’i Bhénus bain-dia a’ Ghaoil agus gach suirdhe agus neo-gheanmnuidheachd, agus bha ’n sèathamh latha do’n t-seachduin air a choisrigeadh dhise. Tha ’m focal so Bhenus a’ teachd o fhocal Gàidhealach, Bean, air chor agus gur fior Ghàilig an t-ainm Laidinn Dies-Veneris, latha na mnatha—Di-bheana; agus tha sinn a’ leughadh gu’m b’e sin gun teagamh ceud ainm an latha so ’am measg nan Eirionnach agus seann luchd-àiteachaidh na Gàidhealtachd. Ach ciod an cairdeas tha eadar so ’s an t-ainm tha aca sa’ Bheurla, Friday?Innsidh mi sin. B’e ’n t-ainm a bh’ aig na Saxons a thainig a nall o thir-mór na h-Eòrpa air Venus, b’e sin Freia, no a’ Bhean; air alt agus gur h-e seadh an fhocail so Friday,latha Freia no Feria, —latha na mnatha; air neo a réir an t-sean ainm Eirionnaich agus Ghàidhealaich Di-Bheana. Tha cuid a’ smaointeachadh nach ’eil san fhocal Di-h- aoine ach a’ cheart ainm a bh’ aig ar sinnsir air, mar thuirt mi cheana, Di-Bheana, (Dies-Veneris nan Romanach) ach tha mi a’ smaointeachadh o nithibh a leugh mi ann an seann leabhraichibh Eirionnach, gu bheil seadh eile aig an fhocal so, di-h- aoine; agus gur h-iad na ceud Chriosd’nean a thug an t-ainm so dha, direach mar a dh’ atharraich iad Di-sùl gu Di-dòmhnuich, latha na gréine gu latha an Tighearna. Anns gach Foclair Gàilig chì sinn gur e ’s ciall do’n fhocal aoine, trasg—an latha air na ghléidh na Criosd’nean trasg—an latha air am bheil na Pàpanaich ’ga chumail fhathast: air chor’s gur h-e ’s ciall do dhi-h- aoine, latha an traisg. ’S e Aoine na Ceusda, ainm an latha ris an abair iad sa’ Bheurla Good-friday.Tha dòchas agam gu’n d’ rinn sinn ainm an latha so soilleir dhuibh— ’Am measg nan Romanach Dies-Vèneris, latha Bhénuis— ’am measg nan Saxons, Dies-Freia, ’se sin Friday nan Sasunnach, agus gus an latha diugh ’se ’n t-ainm a th’ aig na Dùidsich air mnaoi mhóir Frau no Frow. ’Se ainm an Di-h- aoine acasan, DIES-FRAU: —latha na MNATHA MÓIRE, latha an traisg; agus tha an trasg mar chuimhneachan air an latha air na cheusadh ar Slànuighear.
DI-SATHUIRNE. ’S ann o na Rómanaich a fhuair sinn an t-ainm so. B’e SATURN a h-aon do na h-
Mar so tha sibh a’ faicinn gu’n robh aig na daoine aineolach o’n d’ thàinig sinn, seachd diathannan-bréige urramaichte os ceann chàich, agus thug iad an ainm do sheachd làithibh na seachduin mar onair dhoibh; agus tha am focal sin Di no Dia a’ dol romhpa, a leigeil ris duinn gu’n robh na h-iodholan sin ’nan diathan aca.
Mar so bha iomadh dia-bréige aca, ach bha seachd gu h-àraid ann d’ an d’ thug iad urram sònruichte; agus thug iad an ainmeannan air seachd làithibh na seachduin.
1. A’ ghrian—Sa’ Bheurla Sunday
2. A’ ghealach Do. Monday
3. Mars, no, Teud, do. Tuesday
4. Woden, do. Wednesday
5. Thor, do. Thursday
6. Freia no Bhénus, do. Friday
7. Saturn, do. Saturday
title | 6 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |