MU’N DRUCHD.
Is taitneach an nì ’an àm dol a mach sa’ mhaduinn, mu éirigh na gréine, beachdachadh air cùirneinean bòidheach an drùchd, aìr gach duìlleach agus bileag fheòir a’ deàlradh ann an gathaibh na gréine mar dhaoimeanan boillsgeil. ‘Nuair a dh’ éireas a’ ghrian tha gach cùirnein diubh sin a’ dol as an t-sealladh, agus tha ’n duilleach agus gach bileag fheòir a’ tiormachadh suas; agus ma tha ’n latha tartmhor teth, fàsaidh an talamh a bha gu fiunnar tais sa’ mhaduinn, gu tioram crainntidh. Ach a rithist ’nuair a théid a’ ghrian fodha tuigear gu’m bheil am feur agus an duilleach a’ fàs tlàth, agus am fonn fiunnar.
Cha’n ann o’n fheur no o’n duilleach a tha ’n àitidheachd no an t-uisge tha deanamh suas an drùchd, a’ teachd; cha ’n ann, mar shaoilear, a tha e ’g éiridh o’n talamh; is ann o tha e ’teachd a nuas o’n àile.
’Nuair a chuirear coire làn uisge air an teine, fàsaidh an t-uisge uidh air ’n uidh, teth, agus tha toit a’ teachd a mach as an fheadan. Tha’n toit so, a tha ’na h-uisge ann an dreach eile, a’ coimeasgadh leis an àile agus air a call. Ma dh’ fhàgas tu’n coire air an teine, fàsaidh an t-uisge gu h-iomlan ’na thoit, caillear an toit air fad anns an àile, agus cha bhi a làthair ach an coire falamh.
Nan cuireadh tu càileiginn de’n toit ann an gloine, agus an sin taobh muigh na gloine fhuarachadh le bréid fliuch a chur m’a timchioll, chitheadh tu gu’m fàsadh an toit a tha sa’ ghloine’ na h-uisge, a shruthadh sìos taobh a stigh na gloine.
’Nuair a dheàlras a’ ghrian, tha a teas do ghnà a’ sùghadh suas an uisge o’n fhairge, o lochain, o aibhnichibh, agus o fheur; ach ’s ann a tha e ’ga dheothal suas ann an dreach ceò tana, no smùid. Ma sheasas tu ri taobh aibhne no lochain ri latha ro theth, agus beachd a ghabhail air cuspair dorcha sam bith, feudaidh tu ’fhaicinn mar mhaoth-chrith san àile. ’Sann a tha ’n coslas so ag éiridh o’n toit a bhi’ direadh, agus cha’n ann o’n chrith a tha san àile. Cha ’n ’eil a’ mhaoth-chrith san àile, mar o shéide na gaoithe, ag oibreachadh atharrachaidh ann an coslas na chì thu troimhe. Cha ’n urrainnear am fìor aobhar a shoilleireachadh, ach tha e fìor choslach ris an nì sin a bheir air maide dìreach amharc cam le ’chur fodha san uisge. Ma chuireas tu beagan uisge ann an soitheach, agus ’fhàgail
Tha, uime sin, an t-àile a tha os ar ceann agus gach ni mu’n cuairt duinn, a’ giùlan air gach àm mòran uisge; ach tha’n t-uisge mar cheò no mar smùid thana. Fàsaidh an ceòthran so mar bha an smùid air a chur anns a’ ghloine fhiunnair, ’na uisge ’nuair a chinneas e fuar.
Tha iomad ni a’ deanamh an àile ni’s teotha no ni’s fiunnaire air aon àm na air àm eile; ’sann a’s mò an teas ’nuair a tha ’ghrian a’ deàlradh gu boillsgeil, agus a’s fiunnair’ e san fheasgar; tha e mar an ceudna air ’fhuarachadh leis an t-soirbheas. Mar is fuaire an t-àile, is ann a’s mò a chithear an àitidheachd. Mur ’eil e ach fiunnar, chì thu ’n t-uisge anns an àile ann an dreach ceò; ma bhitheas e ro fhuar, ’nuair bhitheas àiteachd san àile, cruinnichidh neòil dhorcha, no uisge; agus feudaidh so tionndadh gu reothadh no clacha-meallain, ni a dh’ fheudas a rithist leaghadh le teas chum uisge, agus an sin a bhi air a thionndadh gu smùid, gu ceò, agus a rithist air a chall anns an àile.
’Nuair a bhios drùchd tróm ann, their daoine gu’m bi latha teth ann am màireach. Mar a’s soilleire an t-àile san oidhche, no mar is ainmige na neòil, is ann a’s pailte ’n drùchd. Air oidhche sam bi móran neul cha bhi ach beag drùchd ann, oir tha na neòil ’nan iompaidh air an talamh a ghleidheadh blàth, agus a chionn nach biodh an talamh co mór air ’fhiunnarachadh, cha bhiodh na h-uiread uisg’ air socrachadh air o’n cheò a tha air an àile.
’An lorg so tha aon ni feumail san aimsir is teotha agus is tirme, mar a’s mò a thuiteas de dhrùchd no’dhealt san oidhche, ’s ann a’s fearr a gleidheas e gach pòr agus luibh o bhi air an tiormachadh suas. ’Nuair a tha neòil agus uisg’ ann, cha bhi feum air an dealt, agus air oidhche ghruamaich, theirear nach bi drùchd ann.
Le imeachd a mach’ an âm reothaidh ’s minic a chì sinn gach preas agus meanglan còmhdaichte le liath-reothadh. Cha ’n ’eil san liath-reothadh ach drùchd air reothadh. Tha na craobhan, am feur, agus gach nì air a’ bhlàr-a- muigh anabarrach fuar, agus cha’n e amhàin gu’n toir e air uisge luidhe orra o’n àile mar dhrùchd, ach reothaidh se e ’nuair a shocraicheas e orra.
P. M.
title | 7 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |