[37]

RABHADH CUDTHROMACH!

Tha ann am monaidhnean na Gaidhealtachd an ceart-uair, seorsa de nathair mhilltich, is bàsmhoire gu mór, agus is puinnseanta na aona chuid, an nathair nimhe, no annathair bhreac shligneach.

A chum gum biodh mo luchd-dùthcha ionmhuinn air am faicill roimhpe ìnnsidh mi dhoibh a coltas, agus ma thachras gun lot i neach ciod an leigheas as fearr.

Tha im bitheantas de mheudachd mhóir, ach than t-àlach, cia air bith cho òg agus cho beag, a cheart co nimheil rim pàranta. Tha dath ruadh oirre, agus tha im bitheantas ra faicinnna cuaich eagalaich dlù do shruthana agus do lochana, afaire, feitheamh am faic i neach adol a dh-òl dibhe! Chunnaic mise, Mactalla, ileum air iomadh neach, agus chuir e gairisinn air mfheòil. Cha luaithe lotas i aon nachailleas echiall! chithear a shùilean dearg aseasamhna


[38] cheannataidh a theanga— ’s cha mhór gun tuig neach ciod a their e! chunnaic mi iadam bitheantas anns an staid so aleum air an càirdean bu dìlse, —abualadh am mnathan airson an cumail o na naoidheinean neo-chiontach a mhortatoirt toibheum do Dhia agus don Bhìobullagus agabhail orain di-dòmhnuich! Achs e cuid as uamhasaiche den chùis nach luaithe thòisicheas an neach a theid a lot leis an t-seorsa nathrach so ri fàs nis fearr, na theid e dìreach ga h-iarraidh chum gun lotadh i a rithist e! Ged rachadh a bhean, ’sa chlann, ’sa chairdeannan sàs ann cha burrainn iad a chumail air ais; ge bann air mheadhon-oidhche, éiridh e agus theid e air a tòir!

Chunnaic mi seann duine còir, a chiabhan air liathadh, ’s na deòir leshùilibh afeuchainn ra mhac, gille-òg tlachdmhor a chaidh a lot le aon diu, a chumail gun dol don àite cheudnarithist; rug a mhac airthilg e air a dhruim air an talamh e, agus mun dthàinig cóig uairean, thainig e dhachaidh air a lot as ùr! ’S gann gun ruig mileas ìnnseadh gur h-in nathair so cliath na poit-thàirne.

AN GAEL ANNS A’ BHAILE.

title8
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text2
<< please select a word
<< please select a page