[49]

AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH.

CEUD MHÌOS AN EARRAICH.

III. AIREAMH.


CROTACHAN NA BEINNE.

(Air a chrìochnachadh.)

Amadan truagh! ’s mise sin,” arsan crotachan bochd— “tha truas aice rium ach chaneil a bheag ach truas. OMhàiri!” arsesanfuathaich mi mar a nin saoghalseasaidh mi fuath, tha mi eòlach air fuath, ach truas chan urradh mi fhulang; bamaideach dhòmhsa smuainteachadh gun gràdhaicheadh i mi. Slàn leat! a Mhàiri, Slàn leat gu siorruidh; —cuimhnich mi ach na gabh truas diom— ’s urradh dhomh gach ni fhulang ach sin.” Air dha so a labhairt, dhfhalbh e agus dhfhàg e i. Dhfheuch i a ghairm air ais, ach ann an tiota bha e as an t-sealladh. Shil Màiri gu frasach deòir. Bha meas aicairmeas mórbhà e measail leatha, ach le gràdh cha do smuaintich i riamh air.

Phill an crotachan bochd dhachaidh, ach an dòchas a dhàraich e agus an aisling mhilis a bhaige, sgapadh iad mar sgapas an stoirm an ceò. Dhùisg a chridhena aghaidh, bha e diombach dhe féin, feargach ris féin, tàmh no socair cha dfhuair echaidh en bheinns don ghleann, ach cha do choinnich e Màiri. Mu dheireadh chuir e roimhe a dhaindeoin magaidh agus sgeig an t-saoghail gun rachadh e ga h-amharc; agus anns an inntinn so theiring e air an tigh mhór far an robh i féin agus achuideachd eile air chéilidh.

Bha iad uile cruinn ann an seòmar rìomhachnuair chaidh an crotachan a steach, agus an dìnneir air abhord, agus shuidh iad uile mu thimchioll abhuird mun dthainig abhaintighearna mhór air na labhair sinn cheana, a steach. ’Se bainm dhi so Baintighearn Helen. ’Nuair thainig ise stigh dhéirich cuid diubh, agus am measg chàich an crotachan. “So agaibharsa Màiris i labhairt ri Baintighearn Helenan gaisgeach misneachail a theasraig mise on tarbh.” Dhamhairc abhaintighearn Helen air agus thug i aon sgriach àrd aisde. “A mach, a mach e,” arsise, “as me shealladh an creutair oillteila mach as mo shealladh e!” arsise, agus thuit i, air a tachdadh le boiles le uabhar, ann am paiseanadh no ann an neul-ospagach air an ùrlar.

Cuiribh a mach an uile-bhéist!” arsa mac, an Sasunnach òg, air na labhair sinn cheana, ’s e toirt aon leum a nùnn far an robh an crotachan truaghna sheasamh, “chan urrainn mo mhàthair amharc air uile-bheist ghrannda cosmhuil ris gun dolna paiseanadh le oillt.”

Co ris,” arsan crotachan, “tha thusafhleasgaich acantuinn uile-bheist? seas air tais, agus na


[50] biodh a chridhagad do làmh a chur ormsa.” “A thruaghain oillteil mhi-nàdurraarsan Sasunnach, agus le sin bhuail e dòrn air leuile neart, agus fàgarna shìneadh air an ùrlar e. “Mo nàire! mu nairearsa h-uile aon san t-seòmar, “O mo nàire! an truaghan bochd neo-chiontach breòite a bhualadh mar rinn thu.”

A ghealtaire gun iochd gun chridhe!” arsa Màiria bhuail am breòiteachan bochd a chuir a bheatha féinan cunnart air mo shonsa, a ghealtaire gun iochd gun chridhe a bhuail e!” Ach ged a thuit an crotachan cha robh e fadag éiridhbha e air a chois ann am prioba na sùltharruing e ospag fhadabha e air chrith le feirg, air boiles air bàinidh, as a bheachd le corruich. Thug e aon sùil air an fhear a bhuail e, “Dìoghaltas!” arsesan le sgal eagalachse etogail sgine bhàrr abhuirdsga sàthadh mum burrainnear a bhacadh ann an coluinn an òganaich uaibhrich a bhuail e.

Thug achuideachd uile aona ghlaodh oillteil asda. Sheas an crotachan far an robh e, an sgian fhuileachna làimh, gun oidheirp sam bith a thoirt air teicheadh. Cha dthug e ath-ionnsuidh, ach sheas e gu sàmhach suidhichte gun fhocal as a cheann.

Thainig abhaintighearn Helen as aphaiseanadh, chunnaic i a mac air an ùrlar, au fhuil ataosgadh a mach ábhroilleach, agus neul abhàisna aodann; mhothuich i Crotachanna sheasamh dlùth dha agus sgian fhuileachna làimh. Thug i sgriach eagalach le bas-bhualadh àrd. “A bhéist, a bhéist, a chreutair oillteil,” arsise, “a mhortair, a mhortair, mharbhmhort thu do bhràthair!”

Mo bhràthair!” arsan crotachans an sgian fhathastna làimh, “mo bhràthair an dthubhairt thu? Och, a bhean, a bhean, ’s an tusa mo mhàthair? labhair, innis domh , thusa? esan a mharbh mi?” —Thilg en sgian uaithe agus ghlac e gairdean na baintighearna— “Nach labhair thuarsesan, “an mu mhàthair? abheil màthair agam? nach dthuirt thu gum be mo bhràthair a mharbh mi? Labhairarsesans etogail a ghuth le boile chuir eagal oirre.

Is do mhàthairarsise’ “ach fàg mi; agusse do bhràthair than sinna fhuil air an ùrlardhfhuathaich mi thu o tòigesheachain mi thuthug mi air tathair nach mairionn a chreidsinn gun deug thuchuir mi fad o mshealladh thu agus ghuidh mi gu trics gu dian nach faicinn thu fhads bu bheò mi— ’s bu shine na do bhràthair— ’s leat an oighreachd agus cha bheag i— ’s leat uilichan fheudar a chleth nas faidethug mo ghiùlan breitheanas nèimh agus corruich an Tighearna nuas air mo cheannfàg mina feòraich nas faide.” Tharruing si i féin uaithe, agus thilg si i féin air colunn a mic a bha fathast acall fola, ach a bha fhathast beò agus ag éisdeachd na labhair a mhàthair.

Bhachuideachd uilenan tosd le oillt. Thug Crotachan aon sgriach asstròic eaodach ouchd mar gum biodh en impis sgàineadh, agus mar neach as a bheachd; leum emach air an dorus agus chan fhacas anns an iorghuill a bhannn rathad a ghabh e. Cha deachaidh neach air a dheaghaidhs ni dhfheuch iad a ghlacadh. Thug echoille air, agus cha deach duine air a thòir.

Cha robh an leòn a fhuair an


[51] Sasunnach òg, bàsmhor, ged chaill e móran fola— ’an ceann latha no dhà bha e air a chois, agus a nis bha achuideachd uile fo iomaguin mun chrotachan bhochd. Seachduinna dhéigh sin thachair buachaille chaorach air samhonadh, a cheann rùisgte, ’aodach air a stròiceadh, a cholunn uile air a reubadh le drisean agus droighionn, gun chaisbheart, a shùilean lasarra, agus e gu tur as a bheachd. Labhair am buachaille ris, achsin fhreagairt a fhuair eSeachain mis mise Cain— ’s mise Cainmharbh mi mo bhràthairna buin riumtha comharradh amhurtair air clàr maodainn.” Fhuaradh greim air agus chuireadh e do thigh far an robh daoinas am beachd air an gleidheadh. Cha chuala Màiri iomradh air, ’s ni bha fios aice càiten robh e, ach cha do dhi-chuimnich i riamh e. Sèa no seachd bliadhnana dhéigh sin, thachair dhi dol don cheart àite anns an robhn crotachan bochd, a dhfhaicinn bana-charaid dhi bha san àite cheudna agus as a beachd.

Bha Màiri asiubhal o sheòmar gu seòmar ag amharc air na truaghain a bhair an gleidheadh san àite sin le mór chùram agus le mór chaoimhneas, cuid diubh sona agus cuid diubh dubhach, cuid diubh ciùin sàmhach, agus cuid diubh borb agus eagalach ri amhare orra. Mu dheireadh chaidh i le ard-lighiche an tighe don ghàradh, Ann an so bha móran do dhaoine air an ais agus air an aghart, cuid diubh aruamhar, cuid agartlan, cuid aleughadh, cuid afeadaireachd agus cuid ris an fhaoineachd a bfhagharsaiche. Mhothaich i aon duine breòite, lag, ag amharc air blàithean ùrar bòidheach a bha eceartachadh agus acur gloine os an ceanng an dìon o fhuachd agus o ghaoith. Sheas i làmh ris. “S bòidheach na blàithean sin,” arise. “Thà iad bòidheacharsan duine truagh, “agus tha iad neo-chiontach mar an ceudnatham blàth soarsesandearg, ach chan ann le fuil a bhràthar mar tha mo làmh-sa.” Chriothnaich Màiri; bha i uile air chrith agus shuidh i air suidheagan a bha dlùth dhitharruing i osna fhada agus thuit na deòir gu frasach air a gruaidhibh. “Na biodh eagal ortarsan lighiche, “cha dean an duine truagh ud lochd air bithan t-aona chreutair as neo-chiontaiche chunnacas riamh. Tha ena thùr féin co math ri duine thair aghaidh an t-saoghail, ach àraid thana cheann mu bhàs bràthar. Air leis gun do mharbh e a bhràthair; tha so a lathas a dhoidhchena cheann, ach seachain sin agus chaneil duine air thalamh as tùrailes as cneasda na e.” “Tha fios agamarsa Màirigu math è; fàg thusa mi agus theid michainnt ris. Dhlùthaich i airthog echeannbheachdaich e oirre. “A Mhàiri!” arsesan, “a Mhàiri!” —thainig reachdna mhuineal— “chunnaic thu mimarbhadh mo bhràtharchunnaic thun sgian am làimh, agus an làmh dheas so dearg le fuil.” “Stad,” arsise, “éisd rium, chaneil do bhràthair marbhchaneil thu ad mhurtair,” “Nacheil?” arsesan, “taing do Dhia!” Shuidh e air an làr, thog eshùilean ri nèamh— “O! taing, taing mar thachùis.” Dhinnis i dha mar thachairgun deug a mhathairgun robh a bhràthair beòan oighreachd fo chileadairean agus anabharra beartais a nis aige.

Dhfhàg en tigh-cuthaichcha diarr e gràdh Màiri, ach choisinn agus fhuair e a cairdeas. Chuir e fios air a bhràthairrinn iad réite, agusan ùine ghoirid cha robh bhràthair ann an Sasunn bu ghaolaiche ma chéile. Thug en oighreachd


[52] da bhràthair, ach ghléidh e dha féin na chuirna chomas caoimhneas agus seirc a nochdadh do mhìltean. Chinn ena bheannachadh don chearna san robh e. Bha Màiri dha mar phiuthar gu latha a bhàis. Chaochail enuair bha e fhichead bliadhnas a seachd, agus dhfhàg e na bha aige do dhòr agus do dhairgiod mar dhìlib aig Mhàiriacheud neach don chinne-daoine uile a dhamhaic air gun tàira dhearc air le caoimhneas.

title1
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text3
<< please select a word
<< please select a page