SOCHAIR A’ CHREID’ICH.
Thuirt Dia mu na Sidonianaich, “Bidh fios aca gur mise ’n Tighearna;” ach thuirt e mu ’shluagh féin Israel, Bidh fios aca gur mise ’n Tighearn an Dia; thuirt Pòl ris a’ mhuinntir a chreid ann an Ephesus, mu thimchioll Chriosd, neach as an d’ earb sibh, an déigh dhuibh focal na fìrinn a chluinntinn, eadhon Soisgeul ’ur slàinte. —Faodaidh e bith gu’m meas muinntir eile an Soisgeu mar fhocal na fìrinn, agus mar theagasg a tha ’tairgseadh slàinte; ach tha mheud ’sa tha gu slàinteil air an soillseachadh agus air an naomhachadh leis an Spiorad, a’ gabhail beachd air an t-saorsa tha e ’tairgseadh mar gu’m biodh còir aca-san oirre, agus tha iad ullamh gu ràdh mu gach fìrinn a th’ ann, Tha so math, agus math dhòmhsa. Is sona an duin’ sin, co air bith e, a dh’ fhaodas amharc air an t-soisgeul tre shùil a’ chreidimh, mar chòir a shaoraidh, agus air an lagh a tha ’ga dhìteadh mar air a dhubhadh a mach leis an Urras, air an talamh mar stòl-coise rìgh-chathair ’Athar, air nèamh mar dhorus tighe ’Athar, air gach creutair air nèamh agus talamh mar is gnà le oighre amharc air seirbhisich ’Athar, a ta ann an seadh ’nan seirbhisich dha féin, co fada ’sa bhios feum aige orra, a réir na th’ air a ràdh, Is leibhse na h-uile nithe, agus is le Criosd sibhse, agus is le Dia Criosd.
title | 12 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |