AN CRIOSDUIDH AIG AM A BHAIS.
Thigibh, mo chàirdean, a steach do sheòmar an duine mhath ’an àm dha bhi faghail a’ bhàis, le beò ghnàthachadh a chreidimh diadhaidh, agus neo-bhàsmhorachd gu làn shoilleir ’na bheachd: faicibh an fhè-ghàire tha air a ghnùis; gabhaibh beachd air ’fhoighidinn, air a strìochdadh, agus air a chiùineachd shìochail; éisdibh rìs a’ chainnt naoimh, nèamhuidh, a tha e ’labhairt: “Tha mise a’ dol air slighe na talmhuinn uile, agus tha fadal orm gu bhi triall, chum bhi far a’ bheil mo Shlànuighear. Dh’ earb mi mo shaoradh shiorruidh ris; agus is aithne dhomh co ann a chreid mi. O an t-sìth agus an t-aoibhneas nèamhuidh a tha mi nis a’ mothuchadh ann an co’ -cheangal siorruidh, cinnteach, agus deagh-riaghlaichte Dhé! B’e mo chas-sheasamh e fad mo chuairt sa’ bheatha, fo ioma deuchainn chruaidh, agus dhoilgheis chràiteach. Agus a nis, ’nuair tha mi ’dlùthachadh ris an t-saoghal bhith-bhuan, ’s gu m’ chead deireannach a ghabhail de gach ni agus neach air thalamh, ’se tobar mo ghàirdeachais e a tha do-labhairt agus làn de ghlòir. Le lorg agus bata m’ Aodhaire gu m’ chumail suas, imichidh mi gu neo-sgàthach gun eagal trid ghlinn sgàil-a’ -bhàis. Oir‘ ’se an Dia so mo Dhia-sa gu suthainn agus gu siorruidh; bithidh e ’na fhear-iùil domh gu ruig am bàs;’ seadh, ‘s’ esan neart mo chridhe agus mo chuibhrionn am feasd.’ Cha’n’ eil aon fhìreantachd leam féin agam airson an tagair mi aig cathair-bhreitheanais Dé; cha’n’ eil no aona chòmhdach gu sgàil a chur air m’ anam ciontach rùisgte o bhinn a’ bhreitheaimh dhiadhaidh. Ach tha mi ’toirt buidheachais do Dhia a bhuilich creidimh orm gu m làn- ’earbsa ri éifeachd réiteachaidh fuil m’ Fhir-shaoraidh bheannaichte, agus ri toillteannas neo-chrìochnach ’fhíreantachd iomlain; ionnas gu’m faod mi nis, tre chreidimh ’na ainm, leis an abstol gàirdeachas a dheanamh, agus a ràdh, O bhàis! c’àit a’ bheil do ghath? O uaigh, c’àit am bheil do bhuaidh? Is e’m peacadh gath a’ bhàis, agus is e neart a’ pheacaidh an lagh: ach buidheachas do Dhia, a ta ’toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Criosd. ’S e do bheatha, matà, a theachdaire shìochail a dh’iomchaireas mo spiorad deònach do ghlacaibh mo Shànuighir agus mo Dhé. Tha mi ’toirt thairis a’ chuirp laig thruaillidh so do’n uaigh le mór thoileachadh, air dhomh dearbh-fhios a bhi agam, an àm iomchuidh, gu’n cluinn mo dhuslach a bhios ’na shuain guth Mhic Dhé, agus gu’m mosgail e le gàirdeachas gu neo-bhàsmhorachd bheannaichte agus ghlòrmhoir.”
Ead. P. M.
title | 13 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |