MU EOLAS.
Ged tha inntinn an duine ag aomadh chum uilc, tha cumhachdan air am buileachadh oirnn, tre ’m feud sinn, le altrum cùramach, a bhi air ar dcanamh deas airson nèamh, agus cosmhuil ri Dia. Tha inntinn gun eólas cosmhuil ri fearann gun àiteachadh. Tha iùnnsachadh tràthail agus dùrachdach a’ glanadh air falbh ioma mearachd a ta fuaighte rinn, agus an inntinn sin, anns am bheil sìol a’ ghliocais air a chur, bheir i mach toradh sòlais agus sith. Síol-chuir gliocas ann an earrach t’òige, agus taisgidh ta suas sonas fa chomhair geamhraidh na h-aoise.
F. M. R.
title | 14 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |