EILEAN IRT.
A Theachdaire,
Cha sgrìobhadair ach leughadair mise mar a’s trice. Gu dearbh ’s math, a bhaist sibh e an “Teachdaire” oir tha e’ toirt eòlais agus fiosrachaidh do gach seòrsa dhaoine, gidheadh tha dream beag ann nach ’eil a’ toirt spéis da—ach nam biodh sibhse air cuireadh thoirt doibh a dh’ ionnsuidh a bhaistidh ’s ann a mholadh iad e.
’Nuair a dh’ iarr duine àraidh air an ollamh urramach, Thomson, sgrìobhadh an aghaidh an Teachdaire, thuirt e, Cha dean mi sin gus am faic mi ni’s fearr ann an lamhan eile, rud nach fhacas fhathast. Bu duine ainmeil so aig an robh ceann mór glic tuigseach fòghlumte; mhol e an Teachdaire, agus o’n tha esan a’ siubhal a latha ’s a dh’ oidhche, thugadh luchd mì-ruin an aire nach beir e orra ann an dorchadas an inntinne féin.
’Si an àithne fhuair ar ceud sìnnsir, “Sìolaichibh agus fàsaibh lìonmhor”, agus ged a bhrist iad gach àithne eile, ghléidh iad an té so, oir tha an sliochd co lìonmhor ri gaineamh na tràgha.
Ach ’na déigh sin uile tha eilean beag dlù d’ ar tir far nach ’eil so a’ tachairt mar ann an àiteachan eile, agus tha sin ro iongantach oir tha ’n t-eilean fallain—tha buntàta—coirce—feòil—bainne—eunlaith—iasg agus aodach aca, agus Gàilig ’ga labhairt, ach gidheadh ’an àite bhi dol an lìonmhoiread, ’s ann tha iad gu truagh a’ lughdachadh. Anns a’ bhliadhna so chaidh cha robh anns an eilein so ach ceithir fichead agus sèa-deug, eadar dhaoine, mhnathan agus chlann, àireamh móran ni ’s lugha na bh’ ann roimhe. Tha ’n t-eilean so fada mach air a’ chuan ceithir agus da fhichead mile ni ’s faide ’n iar na Uist. Cha ’n eil comunn no dàimh aig luchd-àiteachaidh an eilein so ri dùthaich sam bith. Tha aon uachdaran os an ceann a tha ’na rìgh, ’na bhreitheamh agus ’na mhinisteir. Cha ’n eil lighiche, bean-ghlùine no maighstir-sgoil’ aca. ’Nuair a bhios cùirt, pòsadh, no tòrradh aca, bidh an Rìgh agus gach duine agus bean air an eilein cruinn còmhladh, agus tha na dleasnais sin air an coimhlionadh gu riaghailteach. ’S còir dhomh a nis ìnnseadh an dòigh air am bheil am pobull a’ lughdachadh no a’ crìonadh as; direach trid an aineolais féin agus a bhi as eugmhais nam meadhonan a tha aig daoin’ eile. Tha ’chlann a’ siubhal no a’ bàsachadh aig àm am breith no latha no dha ’n a dhéigh; —cha ’n eil ach a h-aon ann an deichnear a’ fuireach beò dhiubh no a’ ruigheachd a’ chóigeamh latha, Cho luath ’s a theid an leanabh a bhreith tha clùd cùrainn air a chur timchioll air anns am bheil e a’ bàsachadh gun chomas solus an t-saoghail fhaicinn. Tha ministeir dìchiollach ann an Irt, ach cha’n eil e ’na chomas àite bean-ghlùine agus lighiche dheanamh. Nach ’eil e ro iongantach ’nuair tha luchd-riaghlaidh agus ministeirean a’ cuimhneachadh agus a’ cuideachadh uireasan agus aineolais dhaoine ann an rìoghachdabh eile, gu’n dì-chuimhnicheadh iad cor bochd am bràithrean anns an eilein bheag so.
title | 15 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |