[69]

Eilean Bhóid, Mios deireannach a’ Gheamhraidh, 1836.

Buaidh-làrach don Teachdair ùr airson mar mhìnich e dhuinn an Dòmhnach agus iomad ni eile, gu h-àraidh mu àireamh ar luchd-dùthcha ann an Glascho a fhuair na cléirich onorach a mach, fo ordugh nam ministeirean urramach Gàidhealach. Cha bionanns na cléirich dhubha bha againnen uraidh ann am Baile-Bhóid, a thillsan anail san uchd ma bfhìor, agusse 150 na fhuair iad uilefear 40fear 20fear 10, agus bha aon fhear ann a bhaga mheas féin anabarrach forghuiseach tapaidh, nach damais ach air a h-aon! Achnuair a thill amhuinntir a dhinnis an fhìrinnse fhuair iad còrr agus 1300 osceann cheithir-bliadhn’ -deug a dhaois. Tha dòchas againn nach fhada gus am faic sinn abhirlinn ùr adol tròimh na Caoil Bhódach agus bratachCraobh-Sheanachais nan Gàidheal” ’na croinn arda. ’S ann an sin a theid i air thoiseach air na h-uile bàta-toite san tìr— ’s co ionann muir no monadh, rathad mór no creachanncha bhi bàta mór no beag nach strìochd dhinuair a chi iad abhratach; ach tha fiuthair againn gun tadhail i san dol seachad agus gun faic sinn, mar thuirtEoghan achaolaisan Teachdaire le sgòd an t-siuil mhóirna làimh. Cha bhi mise toileach no leth-thoileach mur toir e leis air bord an sgiùrsadair mór an Fhìrinn agus stràchd no dha thoirt mu na casan do na spùinneadairean a dhfheuch rar fàgail gun eaglais gun mhinisteir mur rachamaid a suas do chnoc-an-Ra, nach dean sinn, no do dheaglais ùr nan Neo-eisimealach; ben earb a churan loch ar cur ann, ach tha eagal oirnn nach buail e glé ghoirt D. D. chan eil fios aigEoghan ris an abair iadC. C.” achs ro-mhaths aithne dhuinne D. D. agus chan ann airfheobhas. Than dubh-ghall a thainig as an airde-deas ciad uair nas caoimhneala dar luchd-dùthcha na esan. Nam bu Ghall no Dùidseach a bhiodh ann cha bu nàr e, ach fear a rugadhs a thogadh ann an tìr nam beann a dheanamh a leithid, ’s gnothuch nàr agus mi-nàdurra e; aguss ann duinnes ion a bhi taingeil nacheil tuilleadhna chomas; Thugadh sibhsen aire nach feuch e ri stad a chur air an Teachdaire onsann saGhàilig tha sibhga chur a mach. ’S iad na balachain nach biodh toilichte nan tachradh sin. ’S mór achùis-ghàire bhigam faicinn mun ghealbhan aleughadh mu Eóghan agus fear nan guidheacha móra, crotachan na Beinnes an tarbh, an t-Eirionnachs amhuc, agus môran eile. Than dràsd fear an déighn fhir acur sìosainm airson na craoibhe-móire aig Mactalla, ann am bùth Mhr. Glas, deagh charaid nan Gàidheal; agus onsann san fhìor Ghàilig a bhitheas i tha dòchas againn nach e eilean Bhóid a bhios air deireadh a cheannach bratach àluinn Mhic Illeathain don bhirlinn.

Mas fiach abheag no mhór dha so àite san Teachdaires ro-mhath; agus mur a fiach cuiribh lasair dhearg ris. Is mi ur dearbh charaid.

An Gael Bódach.

title16
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text3
<< please select a word
<< please select a page