ORAN CHLANN DONUILL NAN EILEAN.
AIR FONN—The Rose Tree.
Beir soraidh uam gu m’ eòlas,
Gu Tnòtarnais, ’s e b’aite leam,
An talamh maiseach bòidheach,
An tìr ro òrdail mhearcaiteach;
Far ’bheil na daoine còire,
Dh’ fhàs fialaidh mòr neo-acaineach
Mnai-uaisle ’s suairce còmhradh
Gun ghruaim, gun phròis ’an taice dhoibh.
An tìr ro fharmail, chliùiteach ainmeil,
Mhùirneach, mheanmnach, mhacanta;
Bu lìonmhor sealbhach iasg na fairge
Tric ’g ä mharbhadh taice ri:
Thig bradan tarra-gheal, inneach, mealgach,
Iteach, earra-ghlan, breac-lannach:—
Am fonn ’an dearbhte ’n cinn an t-arbhar
Diasach, ceanna-mhor, pailt-ghrainneach.
B’i sid an dùthaich fhialaidh
Air an éireadh grian gu moch-thrathach;
Tìr lùbach, shrathach, ìosal,
Gu monach, miannach, gucagach,
Tìr chruachach, sguabach, lìontach,
Tìr mheasail, mhiaghail, thrusganach,
Tìr mhòr tha còrr gu biatachd,
Tìr bhòidheach, lianach, lusanach.
Tîr bhuadhach bhlàth, gun chruas gun chàs,
A’ tighin fo bhlàth gu ruiteagach:
An grùnnd a b’fhearr o shliabh gu tràidh,
Gu fàsach, lànach, sultmhorra.
Crodh-laoigh ’s gach àit a’ sìòr bhreth àil,
Gu bliochdach, dàrach, sruth-bhainneach;
Is grinn a’ ghàir aig fuaim nam bà
’Dol suas ri àir nan uchdanan.
Bidh mnathan donna dualach
’Nan dàil gu cuachach, cuinneagach,
’S iad modhail, banail, stuama,
Neo-ghruamach, uasal, iriosal:
Le ’n àlach glan mu’n cuairt doibh
’G an togail suas gu h-innealta,
’S iad féin gu ladhach, suairce,
Gu caoimhneil, cuanda, cinneadail.
Bidh òighean mìne bòidheach finealt’
Stòilte. rìoghail ionghradhach—
Gun fhuachd, gun ghrìs, gun ghruaim, gun sgìos,
Ro shnuaghor fineant binneagach,—
Is pàirt diubh sìor-chur àird air nìth,
Gun chàs gun strì gun iomadan;
Is pàirt, mar chì, le lànachd nì,
’Cur fài’m air sìod ’s air ghrinneasan.
Bidh daoine tlachdmhor còir ann
Ag òl mu bhòrd gu h-oileineach,
Nach mall ’s nach gann mu’m pòcaid,
’S nach di d’an stòras teireachdainn:
B’i sid an fhine mhórail
Clann-Dònuill mhòr nan eileanan,
Nach ìnndrig ann an dò-bheairt,
Nach tòisich air ni ’cheileadh iad.
Na laoich ’bha treun ri àm an fheuma,
Cròdha, gleusta, fearachail;
Bha ullamh, réidh, ga siubhal sléibh,
Gu ruitheach, leumach, deannalach;
Gur math an t-éididh-crios am féil’,
Am breacan éutrom ainneamh orr’
’An uair a dh’ éighte ’cheud ratreut
Gu dol ’san streup gu ceannasach.
Nuair thogte sibh ga còmhstri
Bu chonnspaideach am pannal sibh,
Theid eòlach ann an còmhraig
Gu fòghluimte neo-mhearachdach,
Cha ’n fhacas riabh sibh ’g iompach’
’S a dh’ aindeoin puing cha ’n fhanadh sibh:
Cia bith a bheir oirbh ionnsuidh,
B’e sid an tionndadh ath-ghoirid!
’Nuair thogteadh ’bhratach-bhalla-bhreac
Gu meanmnach os ceann churaidhean,
Ur laochraidh thlachdmhor dhealbhach
Gur garg, an taobh a chuirear iad;
Nan éireadh fraoch no fearg orr’,
Gu’m b’ anamanta garbh guineach iad;
Cha phillear sibh le armailt
Ged dheanadh Alba cruinneachadh.
Bidh loingeas bhréid-gheal, cuan ’g a reubadh,
Seòlach, reultach, iullagach,
Lamh-dhearg ’ga h-éigheach, cinn ’gam beum
Aig seòid nach géill do chunnartan!
An taobh a dh’ éight’ iad, b’ ullamh réidh iad,
’S mairg d’am b’éiginn fuireach riu;
Bidh feòil gu féist aig eòin an t-sléibh
’S gach seòrsa béist a chruinnicheas!
O.
title | 17 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |