[72]

NAIGHEACHDAN.

Cha chuimhne leinn riamh cho beag naigheachdan a bhi air feadh gach dùthcha. Chan fhiosrach sinn gur fiach ni sam bith aithris ach an losgadh eagallach a bhann an NEW-YORK, prìomh-bhaile America mu thuath. Bhan losgadb so anabharrach millteach; chaidh cóig ceud agus seachdar fhichead de thighean a losgadh, a thuillidh air an ionad-mhalairt Dhùidseach agus do na h-eaglaisean Dùidseach. Than calldach air a mheas mu thuaiream ceithlr muillein pùnnd Sasunnach. Gu fortanach cha deach móran dolaidh a dheanamh air sluagh. Cha ruig sinn a leas înnseadh nach buin am baile so do Bhreatunn, ged tha mòran malairt eadar an da àite, agus chan eil teagamh nach dean e pàirt dholaidh do mharsantan na dùthcha so.

Bha coinneamh agus cuirm anabharrach aig aChomunn Oiseineach air an 9mh la deug; shuidh cóig ficheads a h-ochd deug aig bord na dìnnearach; ’s duilich leinn nach tiochd cùnntas orra san àireamh so ach chithear e san ath Theachdaire.

title20
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text3
<< please select a word
<< please select a page