[72]

FREAGRAIDHEAN D’ AR CAIRDEAN

Fhuair sinn litir ar caraid á Ceann Loch Làthaich, agus than aGael anns aBhaileagealltainn gun dean e suas cungaidh a leigheiseas teum na nathrach ruaidhe co luaths a gheibh e ùine. Is duilich leinn gu bheil an uile-bheist adeanamh na h-uiread dholaidh anns na cearnaibh sin. Tha cínnte gun rachadh i air bàinidh uile gu lèir mu âm na bliadhnùire.

Cluinnidh an Tuathach Cuaileanach uainn san ath Theachdaire.

S duilich leinn gun robh litir Aristides tuilles anmoch airson na h-àireamh so; ach chuir sinn a bheannachd a dhionnsuidh Eóghain achaolais mar a dhiarr e oirnn.

Fhuair sinn litir a’ “Ghaeil Oigagus is math a thaitinn i ruinn ged bha ise cuideachd tulles anmoch airson amhìos so.

Ma leughas anOsagan ath àireamh den Teachdaire tuigidh i gun dfhuair sinn a litir agus ar barail ma déibhinn. Tha sinn an dòchas gun cluinn sinn uaipe o àm gu h-àm.

Fhuair sinn mòran litirichean mu Mhelchisedec. Tha cuid diubh anns nach eil feum air bith, ach bheir sinn oidheirp air cuid den fheadhain as fearr fhoillseachadh.

Chì ar cairdean ann am Baile-Bhóid nacheil sinngan -chuimhneachadh. Tha sinn an dràsd agabhail gach dòigh as urrainn sinn a rannsuchadh mu ghnothaichean na h-eaglais, ’se sin chum mion-chùnntas fhaighinn air achùis o thoiseach gu deireadh, agus ths sinn acur romhainn gum faigh gach cearn den dùthaich air an ruig an Teachdaire fios air.

Tha Mactallagealltainn eachdraidh nam fineachan gun tulle dàlach; agus tha sinn fadair ar mealladh mur biCòmhradhsan ath âireamh. Tha cuid diubh as am mugha ar n-earbsadh a nis air faotainn beagan lasachaidh o mhóran saoithreach a bha iad agabhail os lâimh o âm gu h-âm.

title21
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text3
<< please select a word
<< please select a page