[53]

MAC IAIN GHÌORR.

Bha iad ni beòlaiche air Gilleaspuig Dòmhmullach leis an ainm so na le aon ainm eile, agus bha e ni bu teóma thapaidh air cùl na


[54] cèird chunnartaich a ghabh e os làimh, na bha aon neach eile san àite. Bha e a thaobh breithna dhuin’ -uasal agus bha oighreachd bheag aige ann an Earraghaidheal, ach chaill e ian aoisòige. Dhfhàs e ra chomharaichte air son a theómachdan togail chreach, agus ge nach robh an lagh ro-theann san àm sin rinn a thapachd feumail da dol ni bfhaide o chumhachd an lagha, agus dhfhàg e a dhùthaich, an Apuinn, gu ionad a buaigniche ann an Ardnamurchann, a bha fior fhreagarrach do na bhana bheachd. Fhuair e gabhail air baile fearainn san tìr sin, agus chuir e suas -thigh mòr, ge nach robh ri fhaicinn aige de spréidh ach aon loth. Bha a choimhearsnaich adeanamh àbhachd agus spòrs man chùis so, ach thuirt e riutha iad a dheanamh air an socair, gum faiceadh iad gum biodh a bhà-thigh làn mun tigeadh an Nollaig; agus choimhlion efhocal. Dhiunnsaich en loth gu dheanamh a réir a mhiann, agus bu ghnà leis eich eile a cheangal ra h-earball; rachadh isen sin, dachaidh air bealaichibh uaigneach gun sgiorradh gun tubaist. Sann air muir bu trice leis ionnsuidh a thabhairt, agus chuir e mór dhragh air eileanaibh Innse-Gall an deas agus mu thuath. Is tric a mhùth e dath a bhàta agus a siùil, agus ghrad dheanadh e an ni a bfheumala dha. Do thaobh nan ìnnleachd so, ’s minic a chuireadh a dhroch-bheirt-san as leth dhaoineile, agus air uairibh as lath dhaoine bha measail, agus cliùiteach, s co teann a lean e dath am Birlinnean agus am brataichean. Is ann o thighearna Loch-nan-Eala bhaghabhail aige, air an dfhuair e eòlas lechuilbheartachd agus lesheòltachd.

Nuair bha Loch nan Eala a thàmh ann an Caisteal Mhiongairidh, bha òrdugh aig Gilleaspuig luidhe air seidna sheòmar-leapach, chum cuideachd a chumail ris, le bhig aithris eachdraidh nam Fiann, agus ur-sgeulan eile, ris an oidhche fhada gheamhraidh. Ghabh Gilleaspuig an cothrom air so a thionndadh chum a bhuannachd féin. Dhàithn e da chuid daoine iad a bhi deas, agus thagh e air an oidhche sin aon de na sgeulachdan a bfhaide. Mar bha fiughair aige chaidil Loch-nan-Eala mun robh an treas cuid di air a h-aithris; chaidh an creachadair gu sàmhach a mach as an t-seòmar, agus ràinig e a chuid ghillean. Thug iad Muile orra, far an robh cuid da luchd-muinntir adeanamh deas fan comhair; thug e leis buaile iomlan chruidh, a chuir e gu sàbhailt air tìr, agus phìll e gu luidhe air asheid mun do dhùisg Loch-nan-Eala. ’Nuair a luidh Gilleaspuig sìos tharruing e srann co làidirs gun do mhosguil an tighearna, agus ghearain e gun do chuir a shrannraich o chodal e, agus ge bu toigheach e mu eachdraidh na Féinne, nach éisdeadh e rithe tuillidh air achumha cheudna. Cha bu duilich le Gilleaspuig so, ach fhuair e na bhana bheachd a thoirt gu crìch; agus atòiseachadh far an do sguir e, ’nuair a thuit fear abhailena chadal, chuir e crìoch, agus chaidil e gu tróm ùine mhòr.

Chaidh am buar a ghrad iùnndrain, agus thuit an amharas air Gilleaspuig; ach leig e gu neo-sgàthach gu ràidhe Loch-nan-Eala achùis. Thuirt an t-uasal sin riutha aironoir, nach robh an creachadair a mach as a sheòmar-san fad na h-oidhche sin, agus cha do chuireadh tuillidh achreach as leth Ghilleaspuig.


[55]

Bha duine saoibhir a thàmh sachoimhearsnachd a bha comharaichtair son a spìocaireachd, agus fhuair e -chliu sònraichte airson beagan minedhiùltadh do bhantraich bhochd fheumaich. Chuir an duine so dorlach mòr sìl don mhuilionn, leis an deachaidh e féin mar bu nòs leis, agus bha etighinn dachaidhan cois na mine air feadh na h-oidhche. Bha na h-eich ceangailte ri iorbuill a chéile, agus bha taod fada aigen ceann an fhir a bhair thoiseach. Bhan taod so aigena làimh, ’seg imeachd troimh choillidh agus dùrdan òrain aige; thainig Gilleaspuig air a chùlaobh, bhan rathad bog, ’sna h-eich gun chrùidhean, ionnas nach drinn iad farum. Dhòrduich Gilleaspuig do dhfhear da dhaoine e dhfhuasgladh an taoid o cheann an eich a bhair thoiseach, agus e féin ga chumail suas mar bhan t-each adeanamh, agus e dhol air aghaidh leis an aona cheum. Fhuair a mar so greim air an iomlan. Ràinig an spìocaire bochdan ùine ghearr an dorus, agus dhiarr e còmhnadh a thoirt a nuas na mine, ach air tionndadh dha mhothuich e le oillt nach robh aige ach an taod gun an t-each!

Chum giorag a chur air a luchd-dùthcha, bha e gabhail os làimh gun robh cochomunn tric aige ri Glaistig a bha fo ainm a bhi san tìr, man robh a luchd-leanmhainn-san ag aithris a choimhlion seanchas man cheannas a bhaige oirre, ’s gun robh iad fo na h-uiread eagail roimhe, ’s nach robh chridhaca fairechumail air an cuid spréidhe, leis an dfhuair an cealgair carach so gu furasda greim orra.

Dhéug athair Ghilleaspuig am feadh a bha esanna leanabh, agus phòs a mhàthair fear a bha chòmhnuidh achoimhearsnachd. ’Nuair a dhéug ise, cha robh Gilleaspuigna réite ra oide, air chors nach fhaigheadh a mhàthair adhlac mar bu mhiann leis, cha mhò bha e tèaruinte dhafhaicinn follaiseach aig an tòrradh. Fhuair e fios cinnteach mar bha na gnothaichean, agus far an robh an corpna luidhe; agus ri oidhche dhorcha rùisg e tubhadh an tighe, agus air do mhuinntir na faire bhi ran cleasachd fhaoin féin, ’san corp a bhi as an sealladh le sgàil a bhi eatorra, thug Gilleaspuig leis e gubhàta. Fhuair e mar an ceudna greim air an uisge-bheatha, agus thug e leis an chuid; mar so acur an gniomh dleasdanas deagh mhic air bheag costais dha féin.

Dhéirich gnothach diùbhalach a mach a thug air a shean ghnàthachadh a leigeadh dheth. Thug e ionnsuidh air aon de na h-eileana beaga bha air achòrsa sin, —chruinnich en spréidh, ach thug am fear leis am bu leis iad an aire dhoibh, agus thainig em follais chum an cumail aige. Béiginn do Ghilleaspuig géilleadh, ach chum fear de na slaoightirean a bha leis a ghunna ris an duin’ -uasal, agus ghlan mharbh se e.

Bha làn fhios aig achreachadair air a chunnart, agus le soirbheas fàbharrach thug e tìr-mór air. Ràinig e Ionbharaora mu éirigh na gréine an t-ath-latha. Fhuair e fios gun robh Mac-Iain-Stiùbhart na h-Apunn san am sabhaile, agus moch samhaduinn chunnaic e air an t-sràid leis an t-Siorram e; air do Ghilleaspuig a bhina shean fhear-eòlais, chuir e fàiltair, agus fhreagair Mac-Iain-Stiùbhart e. ’Nuair a dhealaich Mac-Iain-Stiùbhart ris an t-Siorram, rinn Gilleaspuig gearan nach do fhreagair efhàilten ged a labhair e ris san àite cheudna. Thuirt am fear


[56] eile gum bfhiosrach efhaicinn, ach gun robh cabhag air san àm, ’s nach robh ùinaige air, ach gun robh fiughair aige gun tugadh e maitheanas da. Fhuair Gilleaspuig na bhairaire. Cha robh teagamh aig Tighearna na h-Apunn anns na thubhairt e, agus an àm na deuchainn airson amhortaidh, fhuair e dheth airson na carachd anabarraich so. Chaidh cuid da luchd-leanmhuinn, an déigh so, a ghlacadh an Siorrachd Rois, agus an crochadhan sin le òrdugh Mhic-Coinnich, ged a chaidh am prìomh mhortair as o pheanas. Leig Gilleaspuig, an déigh so, dheth a bhi ri mór-shlad, ach ri beagan mu na h-ioma-dhorsan. Dheug e mu mheadhon na seachdamh linn deug; agus chan fhacas on àm sin suas aon fhear bu choimeas da ann an seòltachd, agus cuireidean na h-ealdhain mhi-onoraich a ghnâthaich e.

title3
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text3
<< please select a word
<< please select a page