[57]

MELCHISEDEC.

A theachdaire ainmeil,

O nach toil leam móran ainmeachadh mar roi-ràdh thaobh nas àill leam a chur ad ionnsuidh air puinc eile, bithidh mi anns an àm so amhàin aguidhe deagh shoirbheachadh dhuit féin agus do dchairdibh lìonmhor.

Chunnaic mi mìneachadh air a dheanamh leis a’ “Ghàìdheal anns abhaileair Melchisdec, ann an ceud Theachdaire na bliadhna so nach do mhì-thaitinn idir rium, agus a tha mituigsinn a taco-fhreagradh do bharail na cuid as do dhiadhairibh; air a shon so uile chaneil mi làn-riaraichte leis. Tha mig aideachadh mur biodh againn mu thimchioil Mhelchisedeic ach an cùnntas aithghearr tha Maois atoirt air, nach biodhmaidan teagamh è. Ach than t-abstol (Eabh. caib. VII) atoirt cùnntas farsuing agus iongantach mun neach so. —Nise le bhicumail as an t-sealladh beachd airfhoghlum o neach air bith eile, thugamaid fainear na nithe a leanas. An toiseach, Ged tha na sgriobtuire ag ràdh duine ris cha dearbhadh neo-theagmhach sin air; oir than tighearna Dia agus aingeil air an ainmeachadh mar sin, mar chithear ann an cùis an triùir dhaoine a thainig gu dorus bùth Abrahaim ann an còmhnard Mhamre, (Gin. xviii.) an aobhar Lot, &c.A rithist, Ciod achrìoch a bhaig


[58] Pòl le bhi mineachadh ainm agus ionad comh-shuidhe an t-sagairt rìoghail air leth air muinntir eile, mur ann gu bhiteagasg do na h-Eabhruich gun dthug Maois Melchisedec air a nochdadhùghdarais mar righ fireantachd. Oir is fhocal an tainm a taciallachach Righ agus fìreantachd, agus theagamh nach beòl do Mhaois ciod tuilleadh a theireadh e ris. Thugadh Salem air a rìgheachd a chionn gur e sìth a thoirt mun cuairt bu chrìoch da fhoillseachadh anns an t-saoghal agus a chur eadar-dhealachadh eadar i agus rìoghachdan nan Canaanach a bha daonnan ri cogadh. Agus mar sin mar an ceudna tha Pòl ag eadar-mhìneachadh nam focalcha neil teagamh sam bith agam nach ann on dearbh ionad anns na choinnich e Abraham a thòisich an t-ainm Salem a lean ris gus an do ghabh Daibhidh seilbh air agus a thugadh Ierusalem mar ainm air, ’se sin focail thaciallachadh chi thu sìthA rithist, ged their thu gu bheil Pòl anochdadh do na h-Iudhaich nach baithne do dhuinair bith a shìnnsireachd leis na briathraibhgun athair gun mhàthair’, &c. cionnas, tha feòraich dhìot, a dhfhaodar a ràdhach air a dheanamh cosuil rimac Dhé, tha efantuinnna shagart, gu siorruidh’. n aon eile ris am bheil an sgriobtuir ag ràdh gum bheil e cosmhuil ri mac Dhé? Their thu gur ann gu samhlachail a bha e mar sinBha Maois, Abraham, Daibhidh &c.nan roimh’ -shamhladh air, cuideachd, ach cha chanar ri h-aon diubh gun robh iad cosmhuil ri mac Dhé. Ach theirear gu tric an duine ri Crìosd agus mar an ceudna gu bheil e cosmhuil ri Dia aig an dearbh àm is è am fìor DhiaTheir thu gur ann ann an rathad sagartachd nan Lebhitheach, a ta Pòl alabhairt ris na h-Eabhruich, a bha mach as an dreuchd aig leth cheud bliadhna dhaois. Chaneil sin làn shoilleir, oir bha Ihoiadahna shagart gu latha a bhàis (130 bliadhna). Cha mhò tha edearbhadh gur duine gun dthug Abraham deachamh dha, oir, air an dòigh cheudna bha na tìodhlacan a thug clann Israeil do na sagairt air an ainmeachadh suas don TighearnaCha mho is dearbhadh air gun dthug Melchisedec aran agus fìon do Abraham, oir mas e Criosd a bhann, be féin Tighearna na talmhainn uile a bheathaich clann Israeil anns an fhàsach 40 bliadhna le aran o nèamh. A rithist, tha e soilleir gur e Abraham aon a bainmeile bhair thalamh ra linn féin, gidheadhse Melchisedec bu mhò, ‘oir gun agadh air bith beannaichear an as lugha leis an as fearr;’ agus anns an Eaglais Iudhaich tha daoine gheibh bàs afaotainn deachamh, ach an sin, (an cùis Mhelchisedeic,) ‘an ti aig am bheil fianuis gu bheil e beò.’ Fhuair Abraham agus na fàidhean bàs, ach Melchisedec tha fianuis aige gu bheil e beò, do bhrìgh nach do bhàsaich e idir anns an t-suidheachadhs na choinnich em prìomh athair, no san dthug en t-òrdugh gum biodh Criosdna ard shagart gu siorruidhTha e a rithist soilleir gun robh foirfeachd shònruichte le sagartachd Mhelchisedeic os ceann sagartachd Aaroin, a thaobh gundrinneadh e, chan ann a réir lagh àithnfheòlmhor, ach a réir cumhachd beatha gun chrìochna shagart an as ro airdeAch their thu riùm gur e Criosd than t-abstol aciallachadh an sin; ro-mhath, tha misefaicinn reusonachadh an Abstoil mar gum biodh edeanamh aon diubh araonTha e soilleir
[59] gun do mhionnaich Dia do Mhelchisedec gum biodh am Messiahna Shagart a réirordugh, agus tha e so-thuigsinn gur ann eadar an t-athair agus am Mac o bhan cùmhnant no na mionnaibh so. Rinneadh coimhcheangal Abraham, Daibhidh, &c. cuideachd, gidheadh eadar-dhealaichte thaobh foillseachaidh.

Tha tosdachd Mhaois mun neach urramach so na mhór-iongantasma bhaleithid do dhuinann cho faisg air làimh ri làithibh Abrahaim, oir cha bann de theaghlach Israeil Iob ged tha na h-urrad chùnntais air a thoirt airnuair tha eachdraidh an aoin eile air a cleithTha ena iongantas cuideachd carson a bha Pòl cho dian adearbhadh do na h-Eabhruich nach robh aithne air sloinnteireachd Mhelchisedeic, ’nuair a dhfhaodadh sàr fhios a bhi aca féin nach bann de ordugh Aaroin e, thaobhs gum bu chomh-aois do Abraham eIs en t-aon bhan airen abstoil a sparradh air na h-Eabhruich gun robh sagartachd Chriosd móran na bfhearr agus na biomlaine na sagartachd nan Lebhitheach a bha air a toirt seachad fon lagh agus le daoinibh a bha feòlmhor, ’se sin peacach, agus bàsmhor, an uair a bha orduchadh Chriosd le aon aig an robh a shagartachd tre chumhachd beatha gun chrìoch, ’se sin Melchisedec, rin canar Rìgh na fìreantachd agus na sìth, do bhrìgh gur ann a thoirt mun cuairt sìth agus fìreantachd a dhfhoillsicheadh e. —Agus ann an co’ -dhunadh ciod nan abrainn gun robh sùil aig Criosd ri Melchisedecnuair thuirt e ris na h-Iudhaich, Chunnaic Abraham mo lathasa agus rinn e mór-ghairdeachas. —Tha e soilleir gun robh cùnntais air an neach so nach dfhuair sinne, o na tha Daibhidh agus Pòl ag ràdh muthimchioll, Chan aithne dhomh ciod a dhfhaodas eachdraidh choitchionn [Profane.] a ràdh muthimchioll.

Tha mi duilìch airson fad mo litreach ach mas iomchuidh e, ged a bannna h-earrannan, bhithinnnur comain airson àite thoirt dith a dhfheuch an toir neach-eiginn eile barail mu thimchioll na puinc soIs an cabhaig le mór-ùmhlachdur Seirbhiseach dìleas.

title5
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text3
<< please select a word
<< please select a page