[59]

CALUM CILLE.

NA PRISEAN AGUS GAINNE AIRGID.

A Theachdaire,

Tha fios air an cosg aig móran de dhaoine gu bheil prìsean achruidh, gu h-àraid, nis ìsle air abhliadhna so na bha iad o chionn deich-bliadhna-fichead. Tha gainne airgidna ghearan cho coitchionn, chan ann amhàin am bliadhna ach daonnan, s gun canar mar fhocal cumanta nach robh e riamh cho gann.— ’Se thair mairenochdadh leis an Teachdaire anns gach àiten téid e, gun robh airgiod roimhe so móran ni bu ghainne na tha e a nis.

Anns abhliadhna 1310 bha Alastair mór MacDhùghaill Morair Lathurna agus Iain Bacach agus Donnchadh, a dhithis macnan ard chinn-fheadhna air arm agus cabhlach Shasunn a bha san àm sin acogadh an aghaidh Albainn; gu


[60] sònruichte, be Iain Bacach a bard phriomh cheann-feadhna air na Soithiche-cogaidh agus bhabhràthair ann an inbhe fodha, ach bhan athair air tìr; —agus be an t-airgiod a fhuair iad féin, an luchd-leanmhuinn agus an seirbhisich, airson tuarasdail agus cosgais fad bhliadhna, ceud punnd Sasunnach! Anns abhliadha 1461, chaidh Iain Mac-Dhònuill, Iarla Rois agus Morair Innse-Gall ann an co’ -bhoinn ri Iomhar III rìgh Shasunn chum Albainn a cheannsachadh agus a toirt fo chìs Shasunn. Ben cumha bha eatorra gum biodh leth na rìoghachd aig Mac-Dhònuill nan cinneadh leis agus 100 marg airgid sabhliadhna an àm sìth agus 200 pùnnd-Sasunnach an àm cogaidh; gum biodh 20 pùnnd aig Domhnull Ballach Mac-Dhònuill Chintìres Ile, dlù-charaid Mhic-Dhònuill nan Eilean, agus aig Iain mac Dhònuill Bhallaich 10 puinnd ach an àm cogaidh gum biodh e air a dhùblachadh dhoibh; biad an dithis so a bard chinn-fheadhna aig Mac Dhònuill san àm sin. Bann an Daighneach Ardthòranis a chaidh acho’ -bhann so a sheulachadh sabhliadhna dhainmicheadh. A rithistanns abhliadhna 1490, thog Uisdein Ros Triath Chillràbhoig agus Uisdein a mhac-oighre, creach mhór O Alastair Urchadainn Siorram Urchadainn agus ochuid tuatha. Anns an spùill so bha 600 mart 100 each 1000 caora, 400 gabhar, 400 bolla arbhair a thuilleadh air 200 pùnnd airgid. Dhiomairt an Siorram an lagh orra agus dhorduich, Morairean na Comhairle (ard chùirt bhreitheanais na h-Alba) dhoibh dìoladh a dheanamh san iomlan ann an 1492 agus chaidh am fearann a ghlacadh an geall gus a sin. —Ach feuch ciod aphrìs a rinneadh do gach beathach, agus bolla gràin. Rinneadh do gach mart ochd sgillean deug is plang, do gach each 26 sgillinnean agus bonn-a- h-ochd; na caoraich 2 sgillinn an ceann; agus na gabhair a trìagus, do gach bolla bìdh sèa sgillean as ochd peighinnean. Bha ceud pùnnd Albannach, se sin 8 puinnd shasunnach agus 6 tastain is 8 sgillean air a mheas airson màil bhliàdha airson an fhearainn air an robh an spréidh agus an t-arbhar ud afàs maille ris gach teachd a steach agus cosdas dhaoine agus ainmhidh gushaoithreachadh san ùine sin.

Sabhliadhna 1494 thug Anna Fhriseal tagradh a mach an aghaidh Dhaibhidh Rois Bhaile-nan-gobhann airson creach a thug e uaipe á Cinnlinn, Bi Anna Fhriseal sin baintreach Choinnich-Mhic-Coinnich Chinn-tàile agus ben spùill 140 mart, 30 eich, 200 caora agus gabhar air am meas aig 24 sgilleanan am mart, 2 mharg an t-each agus 2 sgillinn achaora. —Anns abhliadhna cheudna bha Uisdein Chillrabhaig atagradh Shir Alastair Mhic Dhònuill Lachaillse agus Ailein mhic Ruairi Mhùideart a chionn nach robh iadga shaoradh á lamhaibh Siorram Chromba airson nan 600 mart. Tha e soilleir gun robh iad sonan Urras airson dìolaidh, achse Iain Ros acheud urras a bhair. —Anns abhliadhna 1507, bha Eòghann Mac Ailein agus Iain a bhràthair (Lochiall) Alastair Mac Shomhairle Eoghann Mac Dhònuill-Mhic-Coinneich agus Eoghann Mac-Shomhairle, air an tagradh aig lagh airson creach a thug iad O Iarla Huntliegiullaspuig Mac-Uilleam, agus tuath eile á Bàideineach, Garbha-mór agus Glaistein. O Ghiullaspuigna aonar thog iad 40 mart agus be am meas 18 sgillean an


[61] na h-eich 24 sgillinnena caoraich agus na gabhair 8 peighinnean, am bolla coirce 2 sgillinn agus an t-eòrna 4.

Sabhliadhna 1513 bha tagradh aig Iain Grannt Friuchaidh airson creiche an aghaidh Shir Dònuill Mhic Dhònuill Lochaillse, ridire Uilleam Shiosal Comermōir, Dhònuill mhic Alastair mhòir, Eoghain mhic Eóghain am Pontoit, Alastair Mac-Iain mhic Alastair Ghlinne-gara, Dònull Mac Aonghais mhóir an Achadroma, Donull MGilleaspuig agus tuilleadh. A thuilleadh air na h-uile ni do earnais no airgiod a bhan tigh aGhranntaich thug iad leò 880 bolla coirce, air a mheas lefhodar aig 4 sgillean am bolla, —640 bolla eòrna aig 8 sgillean. Thog iad leo 300 mart 26 sgillinnean is bonn-a- h-ochd, 1000 caora agus mult aig 4 sgillean an ceann. ’S ann sabhliadhna 1717 a thugadh an tagradh a machnan aghaidh agus airson nan trì bliadhna bha fearann aGhranntaich fàs (oir chreach iad air fad e) thainig an tiomlan gu 2000 pùnnd do airgiod. —Fadheòidh anns abhliadhna 1528 thug Alastair MLeòid Dhunbheagain, Alastair MLeòid Mhuiginis, Donull ruadh, Fearchar Liath, Iain Mac-Aonghais agus Donull Glas MLeòid, cùis-laghan aghaidh Iain Mhic Thorcuill Mhic Leòid, Leóghais, agus Dhònuill Ghruamaich Mhic-Dhònuill, Dhunsgàthaich (Sléite) airson Siol Leòid iomain a mach à Tnòtarnis, agus na h-uile bhaca thoirt uatha. —Bhachreach mòr gun teagamh 820 mart air am meas aig leth-chrun an 220 each aig sèa marg an t-aon2900 caora 4 sgillean an ceann2780 gabhar aig 4 an . Bhabharrachd air dìoladh a dheanamh airson an iomlain de so, 400 marg aca ra phàidheadh airson an fhearainn a bhi fàs fad bliadhna. Be baobhar air achreich so, an déigh do Mhac-Dhònuill nan Eilean a stoidhleadh agusfhearann a chall, gun dfhuair MLeòid Dhunbheagain ann an 1498 còir agusna dhéigh sin aonta 11 bhliadhna air Tnòtarnis agus MacLeòid Leóghas ùine ghearrna dhéigh sin. Ghléidh Dunbheagain a chòir; agus Oighre Leóghais agus Mhic-Dhònuill a chaìll an còraichean thòisich iad air an toirt a mach le laimh-làidir. —Gabh leisgeul mo chabhaig air an àm so. Is mi do sheirbhiseach ùmhal.

DOMHNULL GORM.

Duntuilm 11 Mios sa’ bhliadhna, 1835.

title6
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text3
<< please select a word
<< please select a page