[61]

DOCHAS.

Ciod a bfhiach beatha an duine as eugais dòchais? Thoir air falbh e, agus tha thu dhaona bheum atoirt air falbh toilinntinn soirbheachaidh, agus an cul-taic a thacumail suas dhaoine ann an àm mi-sheilbh. —Air amheuds gum fàs soirbheachadh, agus ged a mhair e gun lughdachadh car ùine mhòr, ma chuirear as do dhòchas ra mhairsinn, bheirear achumhachd gu sàsuchadh gu grad air falbh. Faigheadh duine ann an àrd-shoirbheachadh dearbh chìnnte nacheil a shòlas ri mairsinn ach aon latha eile, —gubheil gach tobar on robh a thoil-inntinn ri sruthadh air an tiormachadh, ’s gu bheil e ri bhi air fhàgailna dhìobarrach brònach, —an saoil thu gum biodh an sin


[62] sòlasach leis? Gu dearbh cha bhitheadh. Be cur as da dhòchais cur as da aoibhneas. —Agus och! cia do-ghiùlan a bhiodhàmhghar a chion dòchais! Se so am fann-sholus fa dheireadh a than uchd an duine, a tafuireach beònuair tha gach ni eile air fàillneadh. Cuir as da, —agus fàsaidh gruaim na h-aircena thiugh-dhorchadas neo-shuilbh earra nach gabh soillseachadh.

Se cuspair dòchais an ionracainan àm a bhàis, an fhiuthair a bhios aige ri sonas iomlan bith-bhuan nam flaitheas. Tha dòchas aige gum fàg ena dhéigh a pheacannan uile, agus gach olc a tanan co’ -chuideachd; agus gum bi e gu h-iomlan naomh, agus sona gu siorruidh. Tha dùil aige gum faic e a Dhia agus a shlànuighear, agus gun caith e siorruidheachd shonana cho’ -chuideachda, agusna sheirbhis. Tha fiuthair aige ri cuideachd nan aingeal agus ra cho’ -naoimh den chinne-dhaonna. Tha dòchas aige gum fàs e ann an eòlas, ann an naomhachd, agus ann an comas deanamh agus sealbhachaidh. Tha dòchas aige gum faic e gnùis a Dhē ann am fircantachd, agus gum bi e toilichte lechoslasnuair a mhosglas e. A dhaon fhocal, tha fiuthair aige gum bi e co sona fad siorruidheachds a bhios a nàdur murrach air a shealbhachadh. Nach àghmhor an dòchas so! Thug so air ioma neach am bàs a mhiannachadh. Thug so orra bhi deònach a bhi maille ri Criosd, ni is ro fhèarr. Agus shluig so gu buileach suas cràdh an cuirp. Mur be so, ’s ann a bhiodh neo-bhàsmhorachdna chulaidh-eagail, ’s cha bannna h-aobhar dòchais: bhiodh an sealladh do-ghiùlain. Oir a burrainn an smuain a bhi gu siorruidh air fhògradh o Dhia, agus gach sonas ann an cràdh anabarrach fhulang. Ach ciod a dhfhaodus am barrachd sòlais a thoirt duinn na fiuthair ri neo-bhàsmhorachd shona?

Ead. P. M.

title7
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text3
<< please select a word
<< please select a page